Nadar Aonadh Na H-Eaglaise
Leis an t-Urr I. M. MacIllinein, nach maireann a bha anns an Lairig. Nochd seo an toiseach anns a`mhìosachan anns a`Chèitinn 1966.
Bu chòir dhuinn a chumail air chuimhne gu bheil fìor eaglais Dhè aonaichte a-rèir a gnè agus a bith. Tha i air a stèidheachadh air taisbeanadh nèamhaidh, air a taghadh le Dia às an t-saoghal gu bhith na h-eaglais dhà fhèin; buinidh i don taghadh bhith-bhuan, agus tha a h-uile ball dhith na chreutair nuadh is spiorad Chriosd aig gach aon fa leth. Is e an t-aon Slànaighear a tha aig na h-uile, agus tha a h-adhradh air òrdachadh le Dia.
Tha Dia a`labhairt le tlachd mu dèidhinn mar seo; "Eisd, O Israeil; anTighearn ar Dia-ne, is aon Tighearn e." "Gairmidh iad air m`ainm-sa, agus èisdidh mise riutha; their mi, is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearn mo Dhia."
Bidh sinn uaireanan a`labhairt mu eaglais an t-Seann Tiomnaidh agus mu eaglais an Tiomnaidh Nuaidh; agus a -rithist mun eaglais fhaicsinnich agus neo-fhaicsinnich; ach chan eil sinn a`ciallachadh le sin gu bheil dà eaglais ann, ach gu bheil sinn ag amharc air an eaglais bho dhà thaobh. Tha an eaglais faicsinneach mar a tha i aithnichte do dhaoine, ach neo-fhaicsinneach mar a tha i aithnichte do Dhia a- mhàin. Faodaidh, mar sin, cuid a bhith anns an eaglais fhaicsinnich nach eil idir ann am fìor eaglais Dhè.
A-nis, cò ann a tha aonadh na h-eaglais a`co-sheasamh? Dè na boinn a tha ga cheangal ri chèile? Tha, naomhachd agus diadhachd. Tha i air a glanadh "tre ionnlaid ne h-ath-ghineamhainn, agus ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh."
Tha na sgriobtairean a`toirt dhuinn eòlas air an eaglais a-rèir inntinn Dhè. Tha i air a togail air bunait nan abstol agus nam fàidhean, Iosa fèin clach-chinn na h-oisinn. Is e Criosd a-mhàin ceann na h-eaglaise agus tha a h-uile neach aig a bheil fìor chreidimh aonaichte ann a bhith beathachadh air agus a`toirt ùmhlachd dhà.
Tha teagasgan bunaiteach na fìrinn air an toirt don eaglais gu bhith gan creidsinn agus gan stìuireadh fèin leotha. Tha i aonaichte anns a`mhiann a tha aice air ruighinn air sin a dhèanamh. Mur eil i a`dèanamh a-rèir nan sgriobtairean chan urrainn dhith a bhith a`gluasad ann an sìth, no a bhith aonaichte. "A`dèanamh dìchill air aonachd an Spioraid a choimhead ann an ceangal na sìthe.....Is aon chorp agus aon Spiorad a tha ann ....aon Tighearn, aon chreideamh, aon bhaisteadh."
Tha òrdaighean an t-soisgeil a`ciallachadh, am measg nithean eile, gu bheil iadsan a tha gan coimhead aonaichte. "Cupan a bheannachaidh a tha sinne a`beannachadh, nach e comann fuil Chriosd e? An t-aran a tha sinn a`briseadh nach e comann corp Chriosd e? Oir ged tha sinne nar mòran is aon aran agus aon chorp sinn." An uair a tha òrdaighean an Tiomnaidh Nuaidh air an coimhead ann an spiorad agus ann am fìrinn tha aonadh beannaichte ann.
Nach faod sinn a ràdh gu bheil an eaglais aonaichte air dhith a bhith fon t-aon riaghladh agus smachdachadh? Thug Criosd, ceann mòr na h-eaglaise, dream àraidh gu bhith nan aodhairibh, agus nan luchd-teagaisg. Tha ùghdarras agus riaghladh feumail gu bhith cumail creud na h-eaglais, agus gnòthaichean eile, glan agus fallain.
Tha an t-aonadh a tha tighinn ann an lorg a`chreidimh air a dhaingneachadh le gràdh, agus fo bhuaidh creidimh agus gràidh tha sluagh Dhè a`dlùth-leantainn ti Dia agus ri càch-a-chèile.
"Thar na nithibh seo uile cuiribh umaibh gràdh, nì as e coicheangal na foirfeachd."
back
|