| |
Leabhar On D'fhuair Mi Cuideachadh
Smior A`Chreidimh Chriosdail
Ann an eachdraidh na h-eaglaise ann an Alba, tha sinn a`faicinn gun d`thog Dia suas mòran do dhaoine comasach, ainmeil, airson an eaglais a chuideachadh, a theagasg agus a stiùradh aig amannan eadar dhealaichte agus ann an suidhichidhean duilich. Am measg nan daoine sin bha buidheann air an deach an t-ainm "Na Marrowmen" a thoirt, air sgàth mar a ghabh iad ri teagasgan a bha air an clò-bhualadh ann an leabhar a nochd an toiseach anns t-seachdamh linn deug fon tiodal,"The Marrow of Modern Divinity," neo "Smior a` Chreidimh Chrìosdail."
Tha e duilich a ràdh cò a sgrìobh an leabhar seo; ach sann anns an t-ochdamh linn deug, ann an lorg duilgheadas a dh`èirich an toiseach ann an Clèir Auchteràirdear ann an Siorrachd Pheairt ann an 1717 a chaidh a chuir an clò. Nuair a bha a` Chlèir a`toirt ùghdarras do neach a bhith na mhinistear, bha e air iarraidh air aontachadh leis a bheachd nach be teagasg fallain a bha ann a bhith a`teagasg gum feum an duine a pheacaidhean a thrèigsinn mas tig e gu Criosd. Chuir fear a bha ag iarraidh a bhith na mhinistear an aghaidh seo, agus chaidh e chun an Ard Sheanadh.
Sann ann am meadhon deasboireachd an Ard Sheanaidh mun chùis a thug Tòmas Boston an leabhar "Smior a`Chreidimh Chrìosdail" do charaid dhà, airson beagan solas a chuir air na ceistean a bha seo. Nuair a thuit an leabhar seo ann an làmhan Seumas Hog, ministear soisgeulach eile, chlò-bhuail e an leabhar agus fad a bheatha an dèidh sin bha aige ris a`ghnìomh seo fhìreanachadh, oir bha duilgheadas aig Ard-Sheanadh as dèidh Ard-Sheanadh ann a bhith a`gabhail ris an leabhar.
Dè a bha anns an leabhar seo a bha ga dhèanamh cho connspoideach? Anns an leabhar fhèin, leabhar a thàinig gu bhith air a chleachdadh agus air a leughadh ann an iomadh dachaidh air feadh Alba, tha conaltradh eadar teachdaire soisgeulach; duine laghail, ceart; agus duine eile aig nach robh spèis idir do lagh Dhè. Tha iad a`bruidhinn air ais `s air adhart, an dara fear a`cumail a-mach gun robh a bheatha ionraic gu leòr airson gun gabhadh Dia ris; am fear eile a`dearbhadh gu bheil creideamh gar saoradh bho uallach nan àitheantan - agus an teachdair` anns a`mheadhon, ag oidhearpachadh air Criosd agus farsainneachd an t-Soisgeul a chuir air beulaibh dhaoine.
Agus tha aon phrionnsabal sònraichte a`tighinn tarsainn anns a`chonaltradh, agus tren leabhar, prionnsabal nach robh e idir furasda dha ministearan an latha gabhail ris; gur e cuireadh fialaidh, farsainn, fosgailte a tha Criosd a`toirt do chreutairean caillte anns an t-soisgeul. Bha e ceàrr a bhith ag ràdh gum feumadh duine a pheacaidhean a thrèigsinn ma bha e ag iarraidh a thighinn gu Criosd, oir sann ri peacaich, mar pheacaich, a tha Dia a`labhairt ruinn ann an Criosd. Sann mar pheacaich a dh`fheumas sinn a thighinn ga ionnsaigh ma tha sinn a`dol a thighinn thuige idir. Agus sann aig an fheadhainn a thig ga ionnsaigh a tha an dearbh-bheachd gu bheil am peacaidhean air an glanadh agus air an ionnlaid air falbh. Dèiligidh Criosd ri peacaidhean a` chridhe agus an t-anam nuair a dh`atharraicheas e sinn tre ghràs.
Sann a bha an leabhar seo a`togail ceistean a dh`fheumas an eaglais dèiligeadh ris anns a h-uile linn agus ginealach: a bheil an soisgeul gu bhith air a thairgse do dhaoine saor agus an asgaidh, air an neo, a bheil sinn a`dol a dh`iarraidh air daoine siud a dhèanamh neo seo a dhèanamh ma tha iad gu bhith air am meas air an teàrnadh? A dh`aindeoin dè na cleachdaidhean a th`aig daoine, dè ar beachd air daoine, dè tha sinn a`saoilsinn de dhaoine, tha e air iarraidh oirnn a ràdh, còmhla ris "Na Marrowmen" anns an t-ochdamh linn deug: "Tha deagh sgeul ann an seo dhuit; tha Criosd marbh air do shon; faodaidh tu a thighinn ga ionnsaigh." Ma dh`atharraicheas sinn a`chainnt sin tha sinn annn an cunnart a bhith a`cuir prìs air an t-soisgeul.
Ge bith dè a suidheachadh a tha agadsa a tha a`leughadh seo, bitheadh tu bochd neo beartach, foghlaimte neo neo-fhoghlaimte, moralta neo mì-mhoralta, tha Criosd a`tairgse slàinte, saorsa agus maitheanas dhuit. Agus tha an tairgse sin a`tighinn thugad an asgaidh.
back
|