Free Church of Scotland
 
Free Church of Scotland home
About the Free Church of Scotland
News & Events
Our Churches
Donate Online
Free Church Bookshop
Free Church College
Free Church College
Youth
Missions
Committees
Free Church magazines
Book of the Month
Todays Issues
The Forum
Resource Library
Links
Contact
   
 

Marbhrann le Seonaid NicPhail

Aonghas Macleoid, Eildear na Pairce, Siabost.

'S tosdach nise beul na h-ùrnaigh

on chiad là a-riamh bha boltrach chùbhraidh

'g èirigh suas le lànachd dhrùiteach

's sin a'beathachadh gach anam.

Bha brìgh is ciall is snaidheadh àlainn

air gach facal math a dh'fhàisg thu

as do spiorad 's ged bhiodh sàraicht'

bha seo folaicht' oirnn' le beannachd.

Thug thu tiodhlacan math sìos gu

bochdan Shiaboist le briathran

'S do thoileachas is d'aodann grianach

nach b'àlainn seo an àros d'Athar.

Ged bha Seonag tric ag ùrnaigh

bha thus' abaich roimhp' - an t-iongnadh

gun dean Esan obair ghlòrmhor

ann am prioba sùl 's na Flaitheas.

Tha thu a-nis a-measg do bhràithrean

Angan na h-Aonghasan is Dòmhnall Arnoil

tha sibh tosdach gus an là

san èirich sibh air thùs le caithream.

'Sann an sin a bhios ùrnaigh

cha bhi eagal ro na cùisean

bha mar cheanglaichean an ùine

bidh ann saorsa ghlòrmhor, shoilleir.

Ceala deug an-diugh sann dh'fhalbh thu

dhan taigh eiridinn 'sa charbaid

cha tug thu fad an sin gad dhearbhadh

dh'fhuiling thu leat fhèin gun ghearan.

Tha sinn brònach bhith as t'aonais

d'aodann gàireach 's còmhradh caomh rinn

bha thu measail aig a' mhòrshluagh

's Diardaoin a-chaidh b'e seo bha soilleir.

Thàinig as geach ceàrn de Leòdhas

a ràdh gun robh iad a-nis gad ionndrainn

chuir iad meas air fàilt' is aoigheachd

's fhuair iad sin bhuat fhèin 's bho Sheonag.

Rinn sibh ùrnaigh son na Pàirce

cha mhòr a-nis g'eil duin' air fhàgail

'se a chì sinn mòran bheàrnan

'S gu dearbh an-dràst' 'Se rinn ar lomadh'.

'Aonghais Mhicleòid nach èirich sibhse

cainnt bhur màthar neo Beurla Ghallda'

bha gach cànan siùbhlach grinn leibh

'S bha na smuaintean air an taghadh.

Fhuair sibh tiodhlac a bhith 'g ùrnaigh

's dh'fhag sin sinne tric gun chùram,

cha robh uair san robh ann daorsa

bha na frasan tric air talamh.

Talamh a threabh an deagh Bhuachaill'

ùrnaighean deagh bhean a fhuair sibh

bìdh sinn a-nis gu tric le smaointean

aonranachd is ceistean Sheonag.

Bìdh i ciallach; bidh i beusach

cha ghearan i a-mach ged 's fheudar

tric na deòir a'ruith o h-aodann

Se a bh'innte tiodhlac shoilleir.

Ghiùlain i a'chuing na h-aonar

S nuair a dh'fhosgail E bhur sùilean

Thug i taing gun dh'èisd E ùrnaigh

Te gun airidheachd air thalamh.