Free Church of Scotland
 
Free Church of Scotland home
About the Free Church of Scotland
News & Events
Our Churches
Donate Online
Free Church Bookshop
Free Church College
Free Church College
Youth
Missions
Committees
Free Church magazines
Book of the Month
Todays Issues
The Forum
Resource Library
Links
Contact
   
 

An Fhirinn

Chaidh na rannan seo an cuir thugainn leis an t-Urr Ailig M Macleòid, a b'àbhaist a bhith ann an Ceann an Loch. Tha an t-ùghdar den bheachd gu bheil argumaid airson an t-soisgeil mar an fhìrinn, ann an seo, do nach eil freagairt ga cur gu reusanta na aghaidh.

Oh! b'iomadh deasbad 's còmhstri
Bha san t-saoghal seo 's gach linn
Tre oidhirpean rinn daoine
Chum gum b'aithne dhuinn le cinnt
An fhìrinn mu na h-uile nì
'S gu h-àraidh umainn fhèin
'S cuideachd am bheil Dia ann
'S ma tha da-rìreadh, ciod a ghnè.

Ach nach iongantach an fhìrinn seo
Tha ri ar taobh a ghnàth
'S i saor do bhochd 's do bheartach
Don inbheach 's don phàisd
'S a chionn gu bheil i maireannach
Mar an Tì tha sìorraidh làn
Tha i na's do-sheachnaicht' feumail
Na an t- anail tigh'nn bhon àrd.

Bu mhaith leam nì cho-phàirteachadh
Ri neach a th'ann an ceò
Air sgàth na tha de fheallsanachd
Air a sgaoileadh nar lò
Tha fhios gum bi thu ceusnachadh
Càit' eil irioslachd nan seòid
A tha meas gur tobair solais iad
Gu crìoch an domhain mhòir.

Tha sinn a'triall tre fhàsach
' S am bheil camagan gu leòr
'S tha saoghal obair inntinn
Làn de thuislidhean ' s de leòin
Tha mòran air an call innte
Le dorchadas a'ghlinn
Ach faodaidh mise 's tusa
Am meadhon dorchadas bhith seinn.

'M bi thu aig uairean ceusnachadh
An ceann dà mhìle bliadhn'
Carson tha gliocas nèamh cho suarach
Ann an sealladh gliocas fiar
'S ciamar tha gach seòrsa aonsgeulach
Gur h-amaideachd tha innte'
'S gu feumar nis cur as dhith
Tha i oilbheumach 's gach linn.

Oir a dh'aindeoin seòrsan teagasg
A tha snasail ann an cainnt
Is cuid dhibh rèidh ri chèile
'S cuid nach eil 's nach bi a chaoidh
Tha aon nì aca coitchionn
Chan eil aon ac' aig 'eil dàimh
Ris a'ghliocas tha san t-soisgeul
Tha seo dhoibh mar mhiodal cainnt'.

Tha seo fìor gu crìch na talmhainn
Measg gach sluagh a tha fo nèamh
Chan eil diofar dè seòrs' gliocas
Bha 'gan riaghladh iomadh linn
'S coma dè a bhuaidh a bh' ac'
B 'e an fhìrinn ump' gu lèir
Nach robh iad fhèin 'san soisgeul
Den aon bharail no 'n aon ghnè.

Tha e feumail ìnnseadh
Mar chaidh ìnnseadh dhuinn le Dia
Nach e mhàin gum bheil mì-chòrdadh ann
Ach iad gu mòr an aghaidh a chèil'
'S a dh' aindeoin dìchioll dhaoine
Bheir e dùbhlan do gach aon
Nì oidhirp 'n toirt gu chèile
Chan eil an sin ach obair fhaoin.

Bha Socrates, is Plato
'S Aristotle anns a' Ghrèig
'S anns gach linn tha iad cho iomraiteach
Fhad's bhiods feallsanachd fo nèamh
Ach cha chualas fuaim an t-soisgeil ac'
'S mar sin 'se bh' aca daorsa
Cha robh slàint don anam chaillt' aca
Cha bhuin sin do ghliocas saoghalt'.

Nis tha aona cheist a chuireas mi
A tha reusonta gu leòir
An dùil cia as a thàinig nì
Cho barraichte 's cho mòr?
'S ma se do fhreagart cinnteach
'S e th'innte sgeulachd fhaoin
Gu dè a tha thu dèanamh
Ach ri càch gun dàil, cuir d' aont'?

'S an uair a tha thu ' g aideachadh
'G 'eil i air leth o chàch
Nach cuimhne leat, a leughadair,
Gur h-e sin dìreach mar a bha
Is e cheist tha tighinn a- rìs
'N dùil cia n t-àite no an àrd
'S gun neach measg chlann nan daoine
Aig an d'fhuaras e ri tàmh?

Is a thuilleadh air na nithean sin
Nuair a mhìnichear i dhaibh
Cha ghabh an duine idir rithe
Tha i dùsgadh fearg nach gann
Cha ghabh e dhol as àicheadh
Gum bheil a' chùis bho Dhia
Chan eil co-dhùnadh eile reusanta
Mur eil do reusan fiar.

Thoir sùil a- nis is amhairc
Gur seo gliocas Dhè na glòir
Nach E a dheachd am Facal?
'S nach do rinneadh E na fheòil
Nach E Mac fhuair bàs air Calbhari
'S a dh'èirich thar na neòil
'S nach tu gur reusantachd
Bhi gèilleadh dhà le deòin

Ach 's e th'annainn daoine millte
Chan eil reusan mar a bha
Ach tha Dia rinn fhathast tròcaireach
Is saoibhir pailt na ghràs
Iarr thusa gliocas, 's gheibh thu i
Chan ann od reusan ach o ghràdh
'S tha Dia a'toirt a ghealladh dhuit
Gum bi thu beò gu bràth.