Na H-Ainglean
Searmoin air litir nan Eabhraidheach 1:14 leis an t-Ollamh Iain Aonghas Macleòid a chaidh a phòsadh o chionn ghoirid do chaithir na Greugais san Tiomnadh Nuaidh ann an Colaisde na h-Eaglaise Saoire.
Dh'iarradh sinn le cuideachadh bhon Tighearna beachdachadh air na briathran a th'againn ann an seo 'Nach spioradan- frithealaidh iad uile, air an cur a-mach a-chum frithealaidh dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte?'
Bha am ann agus 's ann a bha daoine ann an cunnart a bhith ag aoradh dha na h-ainglean. An diugh, gu-tà, 's ann a tha sinn ann an cunnart a bhith dhan dìochuimhneachadh air fad, agus 's dòch' nach eil mòran dhaoine a' toirt taing dhan Tighearna airson obair a fhreasdail troimh na h-ainglean. Dè is urrainn dhuinn a ràdh mu dhèidhinn na h-ainglean?
De th'ann an aingeal?
Anns a' chiad aite, feumaidh sinn freagairt a thoirt don cheist, 'Dè a th'ann an aingeal?' Tha e ceart a ràdh gu bheil iad nan creutairean a chaidh a chruthachadh le Dia. Chan eil iadsan idir o shìorraidheachd gu sìorraidheachd. 'S ann aig Dia a mhàin a tha an t-urram sin. Ach chaidh na h-ainglean a tha seo an cruthachadh le Dia. Chan eil cinnt' againn cuin a thàinig iad gu bith, ach se ar beachd gur ann mus do chruthaich Dia an saoghal.
Chan e a-mhàin gur creutairean iad. Is spioradan iad cuideachd. Tha an ceann-teagaisg ag ìnnseadh sin dhuinn cuideachd nuair a tha e dhan ainmeachadh nan 'spioradan frithealaidh'. Dha-rìribh, faodaidh iad a bhith air am foillseachadh le corp is urrainn a bhith air fhaicinn le daoine, corp leis am faod iad biadh a ghabhail, agus anns an urrainn dhaibh coiseachd, eadhon mar a choisich dithis aca do Shodom gu taigh Lot. Ach, ged a tha sin fìor, is e spioradan a th' annta. Tha seo a' ciallachadh gu bheil e comasach agus nàdarrach dhaibh a bhith beò as aonais chorp.
Obair nan aingeal
Nis, 's e an ath cheist, dè an obair a tha iad a deanamh? Oill, tha iad a' frithealadh. Tha ar ceann-teagasg ag ìnnseadh dhuinn gur spioradan frithealaidh iad uile. Mar a thubhairt Anndra Bonar, 'Cha bhi na h-ainglean am bith nan rìghrean; bidh iad gu sìorraidh nan seirbhisich, nan luchd-frithealadh.'
Tà, chan eil a h-uile aingeal ag iarraidh frithealadh a dhèanamh. Is e sin am peacadh mòr a pheacaich na h-ainglean a thuit on ciad inbhe. Bha iadsan ag iarraidh a bhith nan Tighearnan, agus chan ann idir nan luchd-frithealaidh. Thuit cuid dheth na h-ainglean anns a' pheacadh sin, mar a tha sinn ag ionnsachadh bho leabhar Iùdais nuair a tha ag ìnnseadh mu dhèidhinn 'na h-aingil nach do ghlèidh an ciad inbhe, ach a dh'fhàg an àite- còmhnaidh fhèin.' Tha iadsan a nis a' feitheamh ri breitheanas. Mar a tha Iosa fhèin ag ràdh, 'Imichichibh uam, a shluaigh mhallaichte, a dh'ionnsaigh an teine shìorraidh a dh'ullaicheadh don diabhal agus da ainglean.'
Tà, 's ann a tha sinne ann an seo ag iarraidh beachdachadh air obair nan aingil nach do thuit comhla ri Sàtan agus na droch ainglean eile. Tha iadsan deònach frithealadh a dhèanamh.
Chan e a-mhàin gu bheil iad a' frithealadh, ach tha iad a' frithealadh ann an ainm an Tighearna. Tha an dachaidh ann an làthair Dhè. Tha iad a' gabhail còmhnaidh timcheall air Dia, agus tha iad deònach a bhith ann an sin. Nuair a bha rìgh-chaithir Dhè air a suideachadh anns a phàllainn air mullach Àirc a' choimhcheangal, bha cerubim na glòire a' cur sgàile air caithir na tròcair. Sin far am buin na h-ainglean - far a bheil Dia a' gabhail còmhaidh agus a' riaghladh mar rìgh air sgàth a shluaigh.
Agus cò dha a tha iad a' frithealadh? Tha sin air ìnnseadh dhuinn cuideachd - dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte. Tha a h-uile Crìosdaidh na oighre agus tha gach aon a' cur feum air obair nan aingeal bho thoiseach na slighe gu a deireadh. Agus, cuimhnich, chan eil nì sam bith a' dol dhan cumail bhon obair chudthromach a tha seo. Chan eil eadhon pòsadh fhèin aig na h-ainglean a b'urrainn an cumail air falbh o bhith cuideachadh nan naoimh. Mar a thuirt Iosa, 'Oir anns an aiseirigh cha dèan iad pòsadh, cha mhò a bheirear ann am pòsadh iad; ach tha iad mar aingil Dhè air nèamh.' (Mt.è:30)
Dè an seòrsa frithealaidh a tha na h-ainglean math a' dèanamh dha na Crìosdaidhean? Se a chiad rud - tha iad a' comh-pàirteachadh eòlas ann an t-am feum. Nuair a thug Dia an lagh do Israel tha e air ìnnseadh dhuinn gun d'fhuair iad an lagh le 'frithealadh nan aingeal' - Acts 7:53. Nuair a bha Hàgar ag iarraidh uisge dhith fhèin agus do dh' Ismael, nach e aingeal a dh'fhoillsich sin dhith? Nuair a bha an t- Abstol Eòin a' fulang air sgàth an t-soisgeil air eilean Phatmois, nach e aingeal a thug tuigse dha mu na nithean a bha dol a thighinn air an t-saoghal agus air an eaglais? An duil a bheil na h-ainglean a' dèanamh an t-obair seo air an là an diugh? An dùil a bheil iad air an cleachdadh leis an Spiorad Naomh airson an fhìrinn a tha sgrìobhta a thoirt gu ar n'intinn ann an am feum?
Tha seo co-cheangailte ri naomhachadh sluagh Dhe. Tha an diabhal, mar dhroch aingeal, comasach air inntinn dhaoine a lionadh le droch smuaintean. Nach eil Pol fhèin ag ìnnseadh dhuinn mu 'an spiorad a tha ag oibreachadh ann an cloinn na h-eas-umhlachd.'
Tha fios againn gur e Sàtan a chaidh a-steach ann an cridhe Iùdais chum gum brathadh e Iosa, agus gur e Sàtan a lìon cridhe Ananias a dhèanamh brèige don Spiorad Naomh. Tha e air ìnnseadh dhuinn, cuideachd, gun urrainn dha Sàtan fhèin a thighinn ann an cruth aingil soillse, a thoirt breugan leis a- steach dhan an t-saoghal agus dhan an eaglais.
Oill, ma tha an Sàtan a' dèanamh sin, tha fios againn gum faod na h-ainglean matha a bhith air an cleachdadh leis an Spiorad Naomh ann a bhith a' soillseachadh inntinn a shluagh fhèin. An dùil nach eil obair mar seo a' dol air adhart anns an uaignidheas cuideachd? A bheil Crìosdaidh sam bith a' fàs ann an eòlas as aonais frithealadh nan aingil mar a tha iad air an cleachdadh leis an Spiorad Naomh? Ma tha eòlas air an fhìrinn air a thoirt do shluagh Dhè, faodaidh obair naomhachaidh a dhol air adhart ann an sin cuideachd.
Ma tha na h-ainglean air an cleachdadh leis an Spiorad Naomh airson eòlas a thoirt do shluagh Dhè, tha e fìor gu bheil iad cuideachd air an cleachdadh airson a bhith a' misneachadh dhaoine. Nuair a bha Eliah gu math ìosal as dèidh an obair mhòr a rinn e air Beinn Charmeil, nach e aingeal a thàinig thuige a radh ris, 'Eirich, ith, oir tha an turas mòr air do shon.' Agus nuair a bha Iàcob le eagal bho a bhràthair Esau nach eil sinn a' leughadh gun do dh'imich Iàcob air a shlighe agus choinnich aingil Dhè e.
Cha e sin a-mhàin, ach eadhon an Tighearna Iosa, fhèin, nuair a bha e air a bhuaireadh le Sàtan da fhichead là anns an fhàsach, tha e air ìnnseadh dhuinn gun do fhritheil na h-ainglean dha.
Bheir na h-ainglean eòlas dha na h-oighreachan. Bheir iad misneachadh dhaibh. Tha iad cuideachd a' gleidheadh sluagh an Tighearna. Tha iad dhan gleidheadh bho an naimhdean, gu sònraichte bho an Diabhal fhèin. Cò a thug Peadar a-mach as a phriosan? Nach e aingeal a chleachd an Tighearna airson a shaoradh o làmhan Heroid? Nach e aingil a chuir an Tighearna gu Lot agus a theaghlach ann an Sòdom? Nach e na h-ainglean a thug a-mach iad le grèim làidir chum nach fuiligeadh iad bho bhreitheanas Dhe?
Tha fios againn gu bheil ainglean a' dèanamh obair mar seo, aig amannan co-dhiubh, a chionns gu robh na creidmhich ag urnaigh ris an Tighearna. Nach d'thubhairt Iosa fhèin gu robh e comasach dhàsan iarraidh air an t-athair agus gun toireadh e dha tuilleadh na da legion dheug a dh'ainglean? Nach iongantach an cumhachd a th'anns an urnaigh! Agus nach ìongantach an cumhachd a th'aig na h-ainglean? Tha e math a bhith leughadh briathran an t-salmaidh, Bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, thusa a choimhead, agus togaidh iad suas thu nan làmhan, air eagal gun buail thu uair air bith do chas air chloich. (Ps.91)
Tha earrainn againn ann soisgeul Mhata a tha toirt adhbhar smaoineachaidh oirrn an diugh, 'Thugaibh an aire nach dean sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo, oir tha mise ag radh ribh, gu bheil an angil-san air nèamh a' faicinn a ghnath gnùis m'athar sa a tha air nèamh.'. Nach sinn a bu chòir a bhith gu math faicealleach nuair a tha sinn a dèiligeadh ris a' chlann a thug an Tighearna dhuinn. Tha na h-ainglean fhèin a' coimhead a-mach air an son. Tha na h-ainglean cuideachd mar fhianaisean, a' coimhead a -mach airson sluagh Dhè an còmhnaidh. Eadhon aig toiseach am beatha spioradail tha na h-ainglean a' dèanamh gàirdeachas nuair a tha neach sam bith a' tighinn gu bhith na Chrìosdaidh. Tha iad nam fianaisean air an obair mhòr a tha an sin. Tha iad an uairsin a' dèanamh gàirdeachas nuair a dh'aidicheas an Crìosdaidh ainm Chriosd. Tha e sgrìobhte, 'Ge be neach a dh'aidicheas mise am fianias dhaoine, aidichidh Mac an duine esan mar an ceudna an lathair ainglean Dhe. Ach ge be neach a dh'àicheadheas mise am fianias dhaoine, àicheadhear esan am fianais ainglean Dhè.' Bidh iad nan fianaisean aig am ar bais cuideachd eadhon mar thug na h-ainglean anam Làsarais gu àite far am bitheadh solas aige gu sìorraidh.
Bidh iad cuideachd nam fianaisean air là na h- aiseirigh nuair a thig iad còmhla ri Criosd le glòir, agus bidh iad nam fianaisean nuair a thig là a' bhreitheanais cuideachd. Tha e fior dha - rìribh gur e Dia, agus cumhachd Dhè, a tha dol a thogail cuirp nan naoimh as na h-uaighean, ach tha Dia dol a dhèanamh seo troimh na h-ainglean. Tha Marcus ag ìnnseadh dhuinn, 'Agus an sin cuiridh e aingeal a-mach agus cruinnichidh e ra chèile a dhaoine taghta fèin o na ceithir ghaothan, o leth-iomall talmhainn gu leth iomall neamh.' Thèid na h-aingil a-mach agus dealaichidh iad na droch dhaoine à measg nam fìreanan, agus tiligidh iad iad anns an àmhainn theinntich: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal. (Mt.13:49)
Oill, ma-thà, tha sinn a' faicinn gu bheil obair mhòr dha-rìribh aig na h-ainglean a tha seo. Tha iad a' frithealadh dha na naoimh. Tha cùram aca air an son o thoiseach am beatha gus am bi iad air an glòireachadh ann an nèamh. Se Dia a gheibh an glòir ann an Criosd, ach bidh sinne a bhuineas do Chriosd gu math taingeil airson na rinn na h-ainglean fhèin. Smaoinich an dràsda co-mheud aingeal a tha a' frithealadh dha na h-oighreachan. Smaoinich cho luath 's dh'fhaodas iad a thighinn thugainn bho Dhia. Chan urrainn dhuinne faicinn na h-ainglean idir. Chan eil an urram sin air a thoirt dhuinn an diugh. Tà, chan eil sin ag ràdh nach eil iad ag obair, agus a' frithealadh gu dìchiollach a là agus a dh'oidhche. Tha fios againn gu bheil Sàtan ag obair gu math dìcheallach cuideachd, agus na h-ainglean a thuit còmhla ris - gach deamhan a tha san domhainn uile. Tà, tha Dia nan aghaidh, agus tha fios aca gu bheil iad a' dol a choinneachadh ri breitheaneas. Nach d'thuirt cuid dheth na deamhnan ri Iosa, Leig leinn; ciod ar gnothach -ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios-ne? Is aithne dhomh cò thu, aon naomh Dhè.' (Mk.1:24)
Tà, cha bhi eagal breitheaneas air na h-ainglean seo nach do thuit dhan a pheacadh. 'S ann a tha fadachd orra-san faicinn eaglais Dhè air a togail. Tha fadachd orra airson a bhreitheanais, oir tha iad ag iarraidh an eaglais a bhith air a glanadh agus air a naomhachadh. Nach e a bhitheadh math nam bitheadh tu fhèin nad oighre air a t-slàinte a tha ri thighinn! S'dòch gu bheil eagal ort ceum a chur air an t-slighe. De a tha dhad chumail air ais? An e gu bheil eagal ort nach eil neart agad air son an turas a tha romhad? Cuimhich thusa, mar a dh'fheumadh seirbhiseach Elisha cuimheachadh, 'Is lìonmhoire iad a tha leinne na iadsan a tha leòsan. (2 Kings 6:16). Bidh Dia còmhla riut. Thuirt e ri Iosua, 'Bi làidir agus ro -mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu. (Iosua 1:9) Thubhairt am fàidh Isaiah, 'Nuair a shiùbhlas tu tro na h-uisgeachan, bidh mise maille riut; agus tro na h-aibhnichibh, cha tig iad tharad; nuair a dh'imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair grèim ort.' (Isaiah 43:2)
Bi Iosa còmhla riut. 'S ìongantach mur a robh na deisciobuil gu math amharasach mun dèidhinn fhèin agus an obair mhòr a bha ri dhèanamh nuair a bha Criosd a'dol dham fàgail. Tà, dè a thubhairt Iosa riutha, Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh' - agus leis a chumhachd sin, thubhairt e riutha, 'feuch, tha mise maille ribh a-ghnàth, gu deireadh an t-saoghail.' Tha Dia againn. Tha Criosd againn. Tha an Spiorad Naomh againn cuideachd. 'Gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh; agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa. (Acts 1:8) Tha na Crìosdaidhean air an sgeadachadh le cumhachd o na h-àrdan. (Luke 24:49) Agus tha na h-ainglean againn. Tha iad ullamh airson toil Dhe a chuir an ghnìomh aig am sam bith. Tha iad deònach nì sam bith a dhèanamh a tha air iarraidh orra. Chan eil argamaid aca idir ris an Tighearna. Tha fior ghràdh aca do thoil Dhè. Faodaidh sinn a bhith cinnteach gum bheil an t- Athair, am Mac agus an Spiorad Naomh a' cleachadh nan aingil a tha seo. Nì iadsan cinnteach chan e a-mhàin gun cuir thu a chiad cheum air an t-slighe, ach gu ruig thu mu dheireadh a-steach dhan an oighreachd bhrèagh nach gann. Mar a thubhairt Iain Calbhan, 'Angels are the hands of God.' Mar sin, na biodh eagal sam bith ort do dhòchas a chuir anns an Tighearna. Chan urrainn neach air bith do spìonadh a làimh an t- Athar.
Gum beannaichaidh an Tighearna na smuaintean sin air fhìrinn fhèin.
back
|