Thigibh Am Ionnsaighsa
Searmoin leis an t-Urr. Murchadh Ailig Macleoid, nach maireann, air Mata 11:28: "Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh".
Se briathran a tha seo air a bheil a'chuid as motha glè eòlach. Tha Criosd aig an t-àm-sa a'toirt buidheachais dha Athair gun do dh'fhoillsich e beannachdan na slàinte shìorraidh dhaibhsan a tha e ag ainmeachadh mar leanabaibh. 'S iomadh neach san t-saoghal a bha na bu tuigsich na iadsan, agus aig an robh àite mar dhaoine glic seachad orra-san. Ach 'sann a bha beannachdan na slàinte agus sealbhachadh nam beannachdan an crochadh chan ann air nàdar an duine ach air deagh thoil Dhè. Chan e airidheachd no neo-airidheachd duine a tha ri tarraing beannachd Dhè. Nam b'e cha ruigeadh a bheannachd air duine againne. 'S ann a tha sin a'sruthadh o àrd-uachdranas Dhè no, mar a tha Criosd dha chuir an seo - o dheagh thoil Dhè. Ach air eagal gum bi cuid a'smuaineachadh gu bheil sin a'dùnadh an dorais orrasan, tha Criosd a'dol air adhart gu bhith toirt cuireadh fialaidh do na h-uile iad a thighinn agus compàirt fhaotainn da bheannachd-san: "Thigibh am ionnsaigh-sa..."
Nise faic mar a tha iad seo air an ainmeachadh: "sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich". Nach math gur h-ann mar sin a tha iad air an sloinneadh - oir tha sin a'gabhail a-staigh a h-uile duine. Chan eil neach ann gun saothair no uallach air choireigin. 'S iomadh nì a dh'fhaodadh duine a thogail a tha ga fhàgail an diugh a'faireachdainn mar sin. Smuainich air bho shealladh tinneis, bròn, ionndrainn, anaceartais, fulangasan, buairidhean agus mar sin air adhart. O a liuthad trioblaid a tha san t-saoghal an diugh agus a liuthad duine a tha 'g imeachd le eallach trom air a dhruim. Ach tha uallaichean eile a dh'fheumas sinn ainmeachadh agus tha iad sin dlùth cheangailte ri peacadh an duine. Tha seadh ann agus tha a h-uile h-uallach a'sruthadh uaithe sin ach tha suidhichidhean aig cuid a tha a'cuimhneachadh dhaibh na slabhraidhean leis am bheil iad ceangailte leis a'pheacadh. Tha cionnt cogais, agus cumhachd cridhe peacach na eallach duilich a ghiùlan. Agus anns a'cho-theagaisg chan urrainn dhuit gun a bhith beachdachadh air an t-saothair a tha 'n cois aineolas air Dia mar Shlànaighear. Seall mar a tha Criosd a'cuir sin san t-seachdamh earrainn thar an fhichead: "cha mhò is aithne do neach air bith an t-Athair, ach don Mhac, agus do gach aon don àill leis a'Mhac a fhoillseachadh". Mar sin ma tha d'aineolas air Dia na uallach dhuit, thig ga ionnsaigh le sin.
A thuilleadh air a-sin, 's iomadh iad a tha sireadh slàinte agus suaimhneas air bhonn an oibribh fhèin agus a tha foghlam mar as motha tha iad a'fiachainn gur ann as motha a tha an eallach a'fàs. O a liuthad duine an diugh a tha a'lorg sìth, sàsachadh, riarachadh, toileachas inntinn - agus air am bheil sin a'faileachadh. Tha an saoghal làn de dhaoine a'lorg fois bhon saothair agus faochadh bhon uallaichean agus tha e a'faileachadh orra sin fhaotainn. Riutha-san uile mar sin tha briathran Chriosd a'labhairt: "sibhse uile ... thigibh am ionnsaigh".
Bheir sinn a-nis sùil air a'chuireadh fhialaidh a tha an seo. "Thigibh am ionnsaigh-sa". Chan eil briathran san fhìrinn as fheàrr a tha cuir an cèill ar feum air aithreachas agus creidimh na na facail a tha seo. Chan urrainn dhuinn a thighinn gu Criosd gun fàgail an àite as am bheil sinn fhèin. Tha mòran den bheachd gu faod iad Criosd a ghabhail gun sin a bhith gabhail a-steach idir fàgail an nì a tha gan cumail o Chriosd. Cha ghabh sin a bhith. Gu liteireil chan eil e comasach a thighinn gu aon àite gun àite eile fhàgail. Sann mar sin a tha e a thaobh slàinte an anam. Se aithreachas chan e a-mhàin a bhith duilich airson ar peacaidhean ach a bhith cho duilich air an son gu bheil sinn air ar dèanamh deònach agus toileach astar a chur eadar sinn fhèin agus iadsan. Air an dòigh cheudna chan eil àite fasgaidh ann goirid air Criosd do pheacaich. Cha dean leasachadh beatha, no diadhachd no aon nì eile an gnothaich. Cluinnibh a bhriathran a rithist: "Thigibh am ionnsaigh-sa..."
A thuilleadh air a-sin se seo an cuireadh a tha esan a'toirt dhuinn leis gach uallach tha sinn a'giùlan. A h-uile neach a rinn feum den chuireadh seo o làithean Chriosd thàinig iad thuige mar a bha iad agus leis na bha iad. Thàinig iad lem feum agus an àm feum, le dèidh cuideachadh fhaotainn agus a chreidsinn gu robh esan comasach sin a thoirt dhaibh. Ràinig orra a-rèir sin slàinte agus fuasgladh. Ag aithneachadh nach robh faochadh dhaibh annta fhèin no ann an neach eile thàinig iad gu Criosd. Se sin beannachd an t-soisgeil dhuinne mar an ceudna - thigibh am ionnsaigh-sa. Chuala sibh math dh'fhaoidte an nì a thuirt Samuel Rutherford, "Tha àite dhuit an achlaisean Chriosd - chan eil agad ach a thighinn".
Ach ma thig sinn, dè a tha e a'gealltainn dhuinn? Tha suaimhneas no fois. Nise tha suaimhneas glè dhuilich a mhìneachadh ach faodaidh sinn a ràdh cò-dhiù - ma thig sinn le ar n-uallaichean bheir esan fois dhuinn. Ma tha sinn fo bhuaireas nar n-inntinn tre eas-creidimh foillsichidh esan e fhèin dhuinn mar an neach a tha na ionad-fasgaidh on ghaoith agus na dhìdean on doininn. Ma tha ar peacaidhean nan eire throm oirnne gheibh sinn esan na bhonn fìreanachaidh mar an neach a thàinig agus a ghiùlain ar peacaidhean air falbh. Ma se truaillidheachd ar nàdar a tha gar fàgail ri saothair nochdaidh esan e fhèin dhuinn mar ar naomhachadh. Cuiridh sinn an uair sin eòlas air a ghràdh agus gheibh sinn fois na ghràdh, gràdh air nach tig atharrachadh air bith uair sam bith. Se tòrr a th'ann neach a bhith agad anns an earb thu agus ris an earb thu do chùisean. Seo fear as dlùithe leanas na bràthair air bith. Gheibh sinn uaithe san ma-tà sòlas agus sonas agus sìth agus chan eil nì air thalamh a ghabhas a bhith air a choimeas ris an t-suaimhneas a shruthas a-steach a dh'anam an neach a tha gabhal tlachd ann an Dia.
Aon nì eile ceangailte ri seo a dh'iarrainn ainmeachadh. Tha na nithean a dh'fhaodadh a bhith air thoiseach oirnn na bhuaireas agus na uallach oirnn uile o àm gu àm. Ach, le ar muinghinn annsan faodaidh sinn na cùisean sin earbsa ris-san. Eil fhios agad - geallaidh an saoghal-sa dhuit fois le bhith a'toirt a chreids' ort gun toir e 'n uallach air falbh. Nach tric a chluinneas tu daoine a'labhairt mar sin - "na biodh eagal nì sam bith ort, cha tachair sin a chaoidh". Ach 'sann a bheir Criosd fois le bhith a'toirt dhuit neart uaithe fhèin airson a bhith a'giùlan an eallaich. Mar sin tha e dol air adhart gu bhith ag ràdh, "Gabhaibh mo chuing oirbh agus foghlamaibh uam ... agus gheibh sibh fois dur n-anamman".
Se sin, chan e mhàin gu bheil fois ri fhaighinn ann a bhith tighinn thuige le ar n-ualaichean, ach tha fois ri fhoghlam ann an gràs uaithe mar a tha sinn a'dol air ar n-aghaidh. Tha e an seo a'labhairt air an fhois a tha sruthadh bho bheatha ùmhlachd do thoil Chriosd.. Tha lorg agaibh air an dealbh a tha a'tarraing air son gun tuig sinn seo - dà dhamh a'treabhadh agus iad san aon chuing. Ma chumas iad ag obair còmhla ri chèile a h-uile ceum tha an treabhadh air a dhèanamh tòir nas fhasa. Sann mar sin a dh'fheumas sinne bhith beò còmhla ris-san agus maille ris-san. Dìreach mar a bha e fhèin ag ùrnaigh - "Do thoil a dhèanamh teagaisg dhomh", 'sann mar sin a dh'fheumas sinne bhith 'g ùrnaigh mar an ceudna. Ag imeachd maille ris mar sin bidh sinn a'dol air adhart a'cuir eòlais air an t-suaimhneas a tha annsan dhuinn. A bheil thu nis a'faicinn am pioctar a tha 's na h-earrainnean? Tre chreideamh tha sinn a'tighinn gu Criosd mar Shlànaighear. Tha sinn a'faotainn uaithe fois maille ri maitheanas peacaidh, fois gu bheil peacaich mar sinne air an gabhail leis. Tha e an uairsin a'leagal oirnn dleasdanasan agus agartasan, ach se esan a tha gan leagal oirnn. "Gabhaibh mo chuing-sa agus foghlamaibh uamsa ... tha mo chuing-sa so-iomchair, agus tha m'uallach aotrom". Nach math a bhith a'giùlan ualach san aon chuing maille ri Criosd? Nach truagh a bhith le uallach nad aonar? Se aon de na beannachdan a tha an cois a bhith 's a'chuing maille ri Criosd gu bheil esan a'giùlain an uallaich còmhla ruinn.
Bha bodach math ann uaireigin a bha dol dhan tobair a h-uile latha air son bliadhnachan mòra le dà pheile an crochadh air cearcall ma ghuaillibh. Chunnacas gu robh pìos flannel air a'chearcall far an robh e beantainn ri ghuallibh. "Tha sin", ars' esan, "ga dhèanamh nas fhasa dhomh an eallach a ghiùlan". Sin mar a tha Criosd a'leagal a chuing-san oirnne - tha e ga dhèanamh ann an gràdh agus le gràdh. Se sin a-mhàin a tha ga dhèanamh aotrom agus so-iomchair.
Ach cò e seo a tha a'toirt cuireadh cho fiadhlaidh agus gealladh cho prìseil? Cluinn an cliù a tha e a'toirt air fhèin. "Tha na h-uile nithean air an tabhairt thairis dhòmhsa lem Athair; agus chan aithne do neach air bith am Mac, ach don Athair; cha mhò as aithne do neach air bhith an t-Athair ach don Mhac, agus do gach aon don àill leis a'Mhac fhoillseachadh". Dè tha sin a'toirt far comhair? Tha dìreach seo; an neach a tha seo, Iosa o Nàsaret. Chan eil e nì goirid air Dia fhèin. Tha e co-ionnan ri Dia, le eòlas neo-chriochnach air an Dia neo-chriochnach. Tha againn 's na briathran sin o bhilean fhèin teagasg ghlòrmhor diadhachd an Tighearna Iosa Criosd. Agus se sin am fear, an Dia bithbhuan a ghabh ar nàdar-ne agus nar nàdar a ghiùlan uallaichean na bu mhotha na bhitheas againn a chaoidh an seo. Agus cò a-rèisd dan aithne faochadh a thoirt do chreutairean bochd coltach ris a' Chruithear agus e a-nis air àrdachadh gu deas-làimh Dhè nar nàdair? O tha fhios agam gu robh mòran na latha fhèin nach gabhadh ris, mòran dhaoine glic agus mòr agus lèirsinneach nam beachd fhèin - nach eil e fhèin ag ràdh sin? "Dh'fhalaich thu na nithean seo o dhaoine eagnaidh agus tuigseach, agus dh'fhoillsich thu iad do leanaban".
Dè ma seadh am buidheann dam buin thu fhèin? Na rinn e thusa na do leanaibh air a leithid a dhòigh agus gun d'thàinig thu gu Criosd lag agus falamh agus feumach? Tha e as ùr gad chuireadh agus tha an cuireadh a'tighinn thugad mar pheacach agus chan eil e a'tighinn a dh'ionnsaigh an còrr. Agus nach math nach eil ... is e sin cliù nan uile dhaoine ris am bheil e a'labhairt an diugh mar a labhair e ann an làithean fheòla. "Thigibh am ionnsaigh-sa sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh". |