Beatha Falaichte Maille Ri Criosd
Dh`fhàgadh beàrn mhòir san eaglais air an talamh nuair a chaochail an t-Urr. Dùbhghlas Mac Ille Mhaoil gu h-obann san Lùnasdal 1991. Air a`mhìos seo tha sinn a`toirt thugaibh notaichean a fhuair sinn bho a mhac Niall a tha na mhinistear ann am Fiobha, air dà shearmoin a lìrig Mgr Mac Ille Mhaoil nuair a bha e fhathast na oileanach. Bheir sin feadhainn eile thugaibh ann am beagan mhìosan eile. `S ann air Colossianaich 3:3 a tha i seo. "Oir tha sibh marbh agus tha ur beatha falaichte maille ri Criosd ann an Dia."
Sgrìobhadh an litir seo leis an t-Abstol Pòl a - chum na h-eaglais ann an Colosse, fo dheachdadh an Spioraid Naoimh, a thaobh an teagaisg mhearachdach agus chronail a bha ag èirigh suas am meadhon na h-eaglaise an sin.
Tha e furasda gu leòr a thuigsinn bhon a `chainnt a tha e a`cleachdadh gu robh feadhainn a-measg nan Colosianach buailteach air dol fada ceàrr le bhith faomadh a-steach gu nithean ris nach robh còir sam bith aca a bhith leantainn, agus gum robh iad an cunnart a bhith air an tarraing air falbh bho shìmplidheachd an t-soisgeil le feallsanachd dhìomhain an t-saoghail seo `s mar sin a bhith air am mealladh le nàmhaid an anamaibh.
Tha Pòl a`toirt rabhadh teann dhaibh a bhith air am faiceall bhon a `chunnart seo. Tha a`toirt earail dhaibh gu bhith a ghnàth a`cuimhneachadh mar a ghabh iad ri Criosd an toiseach, agus tha e gan comhairleachadh gu bhith seasamh gu daingeann anns an t-saorsa sin leis an do chuireadh saor iad.
Tha e a`guidhe orra gun iad a bhith cur cus sùim anns na nithean "anns a bheil samhladh gliocais ann an adhradh fèin-thoile agus irioslachd, agus mì-chaomhnadh a`chuirp."
Se am prìomh rud leis am bu chòir dhaibh a bhith air am beò-ghlacadh agus air am bu chòir dhaibh a bhith gabhail beachd, gun do bhàsaich Criosd air an son `s gun do dhubh e mach làmh sgrìobhaidh nan òrdaighean a bha nan aghaidh.
Ma fhuair iad Criosd air son an anamaibh tha còir aca, chan ann a bhith fo chùram is dragh mu dhèidhinn nithean is ceistean faoin an t-saoghail seo, ach a bhith ag iarraidh eòlas air na nithean sin a tha shuas far a bheil Criosd na shuidhe air deaslàimh na mòrachd.
Tha e ag ràdh "ma dh`èirich sibh maille ri Criosd, iarraibh.... oir tha sibh marbh.." Nach iongantach gu dearbh an rud a tha e ag ràdh an seo - "Tha sibh marbh agus tha ur beatha falaichte.." Ma bha iad marbh cionnas a bha beatha aca? Agus, ma bha e fìor gu robh beatha aca, dè an t-seadh anns an robh iad marbh?
Ma thèid sinn air ais don chiad earrainn tha cùisean air an soilleireachadh dhuinn oir an sin tha e ag ràdh, "Ma dh`èirich sibh maille ri Criosd." Seo na daoine a dh`èirich maille ris a tha marbh agus aig a bheil am beatha falaichte maille ri Criosd ann an Dia.
Se a tha sa bheatha seo ach prionnsabal beatha a thàinig a-mach a prionnsabal bàis agus a tha ag oibreachadh a-mach bàs a bhitheas a- chum beatha. Thubhairt Criosd, "Gu deimhin deimhin tha mi ag ràdh ribh, mura faigh an gràinne cruithneachd a thuiteas anns an talamh bàs, fanaidh e na aonar; ach ma gheibh e bàs bheir e toradh mòr uaithe." Dè tha sin ach samhladh air a` bhàs fhèin, agus air toradh a` bhàis.
Fhuair Criosd bàs agus na bhàs `s na aiseirigh chuir e air chois prionnsabal beatha a bhitheas sìorraidh agus maireannach, agus dhan dream a tha air an ath-ghineamhainn `s air an ùr-bhreith le Spiorad Dhè, tha Dia a`compàirteachadh na beatha seo. Agus, tha a`bheatha seo ag oibreachadh a-mach bàs unnta. Tha iad a`bàsachadh don t-saoghal seo `s a`tighinn beò don Tighearna. Tha iad a`bàsachadh don fheòil `s a `tighinn beò don Spiorad.
Se an obair seo ann an cridhe a`Chrìosdaidh a tha Pòl a`ciallachadh nuair a tha e ag ràdh san litir a chum nan Ròmanach, "Cionnas a dh`fhaodas sinne, a tha marbh don pheacadh, ar beatha a chaitheamh nas fhaide ann? Nach eil fhios agaibh, a mheud againn is a bhaisteadh ann an Iosa Criosd, gun do bhaisteadh a-chum a bhàis sinn?"
`S a-rìs ann a litir a-chum nan Galàtianach, "Tha mi air mo cheusadh maille ri Criosd:gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Criosd a tha beò annam: agus a`bheatha a tha mi a-nis a`caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon."
Se sin ma-tà a`bheatha air a bheil an t- abstol a`tighinn ann an seo. Beatha a tha air a planntachadh san anam nuair a tha e air ath -ghineamhainn le Dia.
Cionnas a tha e fìor gu bheil a`bheatha seo - beatha Spioraid Dhè an anamaibh a shluaigh - falaichte maille ri Criosd ann an Dia? Bheir sinn fainear trì dòighean anns a bheil seo fìor mu dhèidhinn sluagh Dhè.
Ann an rùn taghaidh Dhè. Thagh Dia sluagh sònraichte. "A-rèir mar a thagh e sinn annsan, mun do leagadh bunait an domhain." A-rìs, "Thagh Dia sibh o thùs a-chum slàinte tre naomhachadh an Spioraid agus creidsinn na fìrinn." "Athair, is àill leam an dream a thug thu dhomh gum bi iad maille rium..."
a) Seasmhachd no seasamh bunaiteach ann an saoghal mì-chinnteach, caochlaideach anns a bheil sinn air ar tonn-luasgadh.
b) Tèarainteachd
Tha sinn nar coigrich, nar luchd-turais, beò am measg nàimhdean. "Mo chalaman a tha ann an sgoltaidhean na creige, ann an ionad-dìomhair a` bhruthaich. " Tha sinn ann an àite fasgach, ann am meadhon na Trianaid. (Tha Mgr MacMhaoilein ag ainmeachadh nòta mu Anndra Shutharlanach ann an seo mu "Rubha a `ruith a-mach". Ma tha lorg aig duine air an nòta seo cuiribh fios chun an fhear-deasachaidh.) Rinn Dia Criosd na urras air ar son. Sann na fhìreantachd-san a tha ar seasamh. Seo an dearbhachd nach tig am peacadh a-staigh.
c) Prìsealachd a shluagh na shùilean. Tha ar slàinte a`sruthadh o shaor-ghràs agus o ghràdh Dhè. Thagh e iad, dh`òrdaich e Criosd na Shlànaighear. Be gràdh na diadhachd a bha seo. Dh`fhalaich e cuspair a`ghràidh seo anns an tì sin a bha ann an uchd an Athair. Trì glasaibh daingeann mun thimcheall - gràdh an Athair, gràdh a Mhic, gràdh an Spioraid Naoimh. Se rud
Rùn Teàrnaidh Dhè
Cha bu luaithe thuit an duine na bha seo air a dhèanamh soilleir gun tigeadh o shìol na mnatha na bhruthadh ceann na nathrach. Ann an coileanadh na h-aimsir thàinig Criosd. Anns an obair a ghabh esan os làimh tha beatha gach aon de shluagh air a filleadh a-staigh.
Beachdaichibh air na nithean seo.
Ar n`eas-ùmhlachd, na ùmhlachd-san. Ar neo-fhìreantachd, na fhìreantachd-san. Ar peacaidhean, na lotan. Ar n`aingidheachdan, na bhruthadh. Ar smachdachadh, na fhulangasan. Ar slànachadh, na chreuchdaibh-san. Ar saorsa bhon lagh - phàigh esan na fiachan. Ar cionnt, na shagartachd. Ar n`eas-ùmhlachd, san rèite rinn e. Ar bàs, na bhàs-san. Ar n`aiseirigh, na aiseirigh-san. Ar n` ùrnaighean, na eadar-mheadhonaireachd-san. Ar n`oighreachd, na rìoghachd-san. Ar n`uchd-mhacachd, na mhòrachd. Ar n`aineolas, na ghliocas.
Rùn choimhlionaidh Dhè
Chan eil Dia a`crochadh air tìm mar a tha sinne. Tha ùghdarras aige thairis air. Mar sin chan eil tìm a`cuir bacadh sam bith air eòlas agus air àithne Dhè anns na cùisean a tha a`dol a thachairt. Tha cinnteachd aige. Tha e a`faicinn an obair a chean foirfe. A thaobh cùrsa ar beatha ann an seo chan eil sinne comasach bacadh a chuir air a rùn. "Oir tha dùil dhùrachdach a`chruthachaidh a`feitheamh ri foillseacadh clann Dhè. Oir chuireadh an cruthachadh fo dhìomhanas, chan ann le a thoil, ach trìdsan a chuir fo dhìomhanas e; Ann an dòchas gun saorar an cruthachadh fhèin fòs o dhaorsa na truaillidheachd, gu saorsa ghlòrmhor clann Dhè. Oir tha fhios againn gu bheil an cruthachadh uile ag osnaich, agus ann am pèin gu lèir, mar mhnaoi ri saothair gus an àm seo..."
"Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdranachdan, no cumhachdan,no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd, no àirde, no doimhne, no creutair sma bith eile, comasach air sinne a `sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Criosd ar Tighearna."
ABAIR RI CLOINN ISRAEIL DOL AIR AN AGHAIDH
Notaichean goirid air Ecsodus 14;15; briathran a tha sinn a`meas a tha freagarrach dhuinn fhèin mar eaglais aig toiseach bliadhna eile.
Tha sinn uile glè eòlach air a`chunntas a tha againn air mar thugadh clann Israeil a-mach as an Eiphit fo làimh àrd an Tighearna. Se mìorbhail a bha seo agus tha I na samhla air nì mìorbhaileach eile, oir chan eil dol as chloinn Israeil dad nas mìorbhailich na an dolas atha aig a`Chrìosdaidh a Tìr an Dorchadais.
Bha iad as-mach as an Eiphit ach cha do leig na h-Eiphitich buileach as iadsan fhathast. Bha iad ann an cruaidh-chàs, ann an teanntachd agus ann an cunnart. Bha iad ann an suidheachadh mì-choltach agus sin mar a tha an Crìosdaidh cuideachd. Ach thàinig àithne Dhè. Tha ceithir nithean anns an àithne seo.
1) A Misneachd. Thàinig misneachd leis an àithne. a) Gu robh Dia a`labhairt riutha. b) Gu robh toil Dhè air fhoillseachadh.
2) A Cudthrom Brìgh na h-àithne - gun dèanadh iad adhartas. a) Cumhachd Dhè gu bhith air fhoillseachadh. b) Glòir Dhè air fhoillseachadh anns a` ghnìomh a bha e a`dol a dhèanamh. Bha iadsan gu bhith air an teàrnadh agus an nàimhdean gu bhith air an sgrios. c) Gràdh Dhè dha shluagh air a nochdadh. Tha na h-uile nithean a co-oibreachadh a -chum am maith..
3) An neo-chomasachd. Bha eadhon an neo-chomasachd fhèin gu bhith a`moladh saor-ghràs Dhè. Bha iad an eisimeil air cumhachd Dhè, no cha robh dol as ann dhaibh. a) Bha Maois aca. b) Bha làthairachd Dhè aca. c) Bha cumhachd Dhè leotha.
4) A Gairm Dh`fheumadh iad gluasad; adhartas a dhèanamh. a) Gu creideamh. b) Gu ùmhlachd c) Gu bhith earbsach d) Gu bhith coimhead ri Dia airson saorsa. |