Curam Nehemiah Mu Adhbhar An Tighearna (2)
Air a' mhìos a chaidh seachad chunnaic sinn gu robh Nehemiah, mar thoradh air an uallach a bha air mu chor Ierusaleim, a'faighneachd ciamar a bha adhbhar Dhè. A-nise chì sinn mar a bha e a'tagradh as leth an adhbhar agus mar a bha e fhèin deònach a bhith sàs anns an adhbhar - nithean a bu chòir a bhith fìor mar dèidhinn-ne uile bhuineas do dh'eaglais Dhè an diugh mar an ceudna.
Tha e air innse dhuinn gun rinn e ùrnaigh. Tha iomradh air dà ùrnaigh dheug le Nehemiah anns an leabhar uile gu lèir. A bheil sinne nar luchd-ùrnaigh mar a bha esan? An aithne dhuinne dè th'ann a bhith ag ùrnaigh a ghnàth agus gun fhannachadh? Tha e furasda gu leòr a bhith leigeal cudthrom air na briathran a dh'fhaodadh sinne bhith smaoineachadh a tha freagarrach a bhith cleachdadh ann an ùrnaigh agus ar n-'ùrnaighean' a bhith gu math marbh agus foirmeil - sinn a bhith ann an cruth luchd-adhraidh gun sinn a bhith nar fìor luchd-adhraidh idir. Se Dia a bheir breith cheart air na nitheabh sin agus is math sin! Is èiginn do luchd-adhraidh Dhè adhradh a dhèanamh dhà ann an spiorad agus ann am fìrinn. Sin gun teagamh an seòrsa ùrnaigh a tha againn ann an seo.
An Dia air an robh e gairm
An toiseach chì sinn gu robh e mothachail air cò e an Dia sin air an robh e a'gairm. Se Dia cùmhnantail a tha ann. Tha sin soilleir sa chòigeamh earrainn. Se 'Tighearna Dia nan nèamh, an Dia mòr agus uamhasach, a ghleidheas coicheangal agus tròcair dhaibhsan a ghràdhaicheas e agus a choimhideas a àitheantan'. Tha esan comasach air a bhith coinneachadh ri gach duilgheadas a bhios a shluagh ri fiosrachadh - tha a chumhachd, a mhaitheas, a ghliocas agus a thròcair nas motha na trioblaid sam bith a bhios againne. Tha e fìor a-rèir a gheallaidh - cha bhris esan esan an coicheangal a rinn e - gheall e beannachd an cois ùmhlachd; smachdachadh agus mallachd an cois eas-ùmhlachd. Bha am baile ann an droch staid ach cha robh ceist eadhon ag èiridh na inntinn a thaobh dìlseachd Dhè. San t-suidheachadh a th'againne an diugh nar n'eaglaisean, an aithne dhuinne an Dia seo? Bheil lorg againne air cò e agus air ciod a tha esan ag ràdh agus a'dèanamh? Bha làn fhios aig Nehemiah air gu dè a b'urrainn e dhèanamh agus air na bha e a'dol a dhèanamh dha shluagh - chan e a-mhàin gum b'urrainn ach gun dèanadh e na nithean sin dhuinn - cò gu dearbh? - ach se tha Nehemiah a'toirt far comhair, chan e cò e sinne, ach cò e Dia! Sann on sin a bha creidimh Nehemiah ag èirigh, chan ann o na faireachdaidhean aige fhèin. Chan urrainn earbsa a bhith againn ann an neach ach a-rèir an eòlas a tha againn air - bha Nehemiah cinnteach gu robh an Tighearna comasach agus deònach na bha e a'dol a dh'iarraidh air a dhèanamh - agus a chionn gum b'e Dia cùmhnantail e gun coilionadh e na nithean sin uile. Nach math gur e seo ar Dia-ne mar an ceudna.
Seo mar gum biodh an iuchar a bha e a'cleachdadh aig toiseach na h-ùrnaigh, agus ann a bhith meòrachadh air an seòrsa Dia a tha ann bha e air a mhisneachadh gu bhith ag aideachadh chan e a-mhàin peacaidhean an t-sluaigh ach ann an luib sin a chionta fhèin mar an ceudna - 'pheacaich sinn ... araon mise agus tigh m'athar'. Bha fios glè mhath aig Nehemiah gun bhris iad an coicheangal agus a reachdan, 's gann gu robh diadhachd air fhàgail: bha iad ciontach do dh'iodhal-aoraidh, do mhì-cheartas, do dh'ar-a-mach, agus bha iad ann an còrdaidhean mi-laghail iomadh uair le na Cinnich. An diugh mar aig an àm ud tha Dia ag iarraidh oirnne a bhith ag aideachadh ar peacaidhean na làthair, agus an àite a bhith daonnan a'comharrachadh a-mach peacaidhean dhaoine eile mar nach biodh compàirt sam bith againne sa chùis, a bhith mar a bha Nehemiah agus Daniel ann an àite eile ag aideachadh peacaidhean na h-eaglaise mar nì dem bheil sinne ciontach air mhodh phearsanta.
Bha esan ag aideachadh ciont a phobaill agus abair sibhse ciont sìos tro na linntinn! Mar a theagaisg Criosd dha dheisciobail feumaidh sinne a ràdh 'maith dhuinn ar fiachan'. Ged nach cluinn sinn esan a bha gun pheacadh ag aideachadh a chionta fhèin uair sam bith gidheadh bha e air àireamh am measg nan ciontach agus air a dhèanamh na pheacadh air ar son. 'S dòcha aig amannan gum bi nàire oirnne a bhith air ar faicinn a'tighinn a-mach à àiteachan àraidh air eagal's gu saoil daoine gu bheil sinne coltach ris a mhuinntir bhochda a tha a'còmhnaidh air taobh-a-staigh nan togalaichean sin, ach chuir an neach seo an nàire an neo-shuim. Bha Nehemiah ag aideachadh peacaidhean ginealaich nach b'aithne dha. Ged is dòcha nach eil sinne ciontach de chuid a pheacaidhean gidheadh san eaglais buinidh sinn uile do chàch-a-chèile agus chan eil dol as againn o bhith a'leantainn eisimpleir Nehemiah ma tha sealladh ceart againn air cùisean tre shoillseachadh an Spioraid Naoimh.
Bha an eòlas a bha aige air facal Dhè ga mhisneachadh. Chleachd e am facal 'cuimhnich' sia tursan san leabhar air fad. Bha e mar iomadh neach eile a'gabhail uallach adhbhar Dhè thuige fhèin agus tha sin cho follaiseach san tagradh a rinn e as an leth. A bheil sinne ag iarraidh gum biodh Dia a'togail air agus ag èirigh suas agus "a'tagradh a chùis gu treun", mar a bha an Salmaidh? A bheil sinne taingeil gu bheil esan fhathast a'coilionadh a rùintean fhèin tre ùrnaighean a phobaill? Seallaibh cho cinnteach sa bha Nehemiah 's na h-earrainnean mu dheireadh den chaibdeil gu faigheadh e freagart agus nach ann air fhèin na aonar a bha an uallach agus an eallach a'laighe. Ghuidh e gum biodh cluas an Tighearna furachair ri ùrnaigh a sheirbhisich, agus ri ùrnaigh òglaich "leis am miann eagal ainme a bhith orra". Tha e math fios a bhith againn nach eil sinne nar n'aonar ann a bhith tagradh ris an Tighearna as leth an adhbhar.
Nehemiah - seirbhiseach Dhè
Ach tha e follaiseach san àite mu dheireadh gu robh Nehemiah e fhèin deiseil gu bhith a'sàs anns an adhbhar airson an robh e a'faighneachd agus a'tagradh. Bha e a'làn chreidsinn ann an cumhachd Dhè gu bhith coilionadh na bha na rùn a bhith ri dèanamh agus ann an dìlseachd Dhè a thaobh a shluaigh. Glè thric bidh sinne ag ullachadh agus an uair sin ag ùrnaigh; rinn esan ùrnaigh air tùs agus an uair sin rinn e deiseil air son a dhol a dh'ionnsaigh an rìgh. Bha e ga shloinneadh fhèin mar sheirbhiseach an Tighearna agus aig deireadh na caibdeil dh'iarr e mar ghille-cupain an rìgh gu faigheadh e tròcair na shealladh. Tha an eachdraidh a leanas ag innse dhuinn na rinn e air taobh an Tighearna 's mar a threòraich e an sluagh ann a bhith togail suas ballachan a'bhaile.
Ann am fèin fhiosrachadh sluagh an Tighearna glè thric mar is motha bhios iad air gluasad gu ùrnaigh is ann is motha bhios iad gam faighinn fhèin ann an cleachdadh le Dia gu bhith freagart an ùrnaighean fhèin. Fhuair Isaiah sealladh air mòrachd Dhè mar a fhuair Nehemiah agus dh'fhàg sin e dìreach mar a dh'fhàg e Nehemiah a'glaodhaich "Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh ... " An ceann ùine glè bheag dh'fhaighnich an Tighearna, "Cò leis a chuireas mi fios? Agus cò a thèid air ar son?" Cluinnibh freagart na ceiste, "Feuch, tha mise an seo; cuir fios leamsa". Faodaidh sinne a bhith a'tagradh mar eisimpleir as leth bochdan an t-saoghail agus Dia a dhèanamh gu math aithnichte dhuinn gu bheil e ag iarraidh oirnn fhèin a bhith a'dol an sàs ann am buidheannan carthannais agus leasachaidh. Faodaidh sinn a bhith ag iarraidh air an Tighearna fir agus mnathan diadhaidh a bhith air am faotainn ann an ionadan àirde na tìr agus e a bhith air a dhèanamh gu math soilleir dhuinn gu bheil e mar dhleasdanas oirnn fhèin a bhith a'seasamh air son comhairlean no eadhon aig an àm a tha làthair airson Pàrlamaid na h-Alba! Tha cuid nar measg aig a bheil na comasan agus a bu chòir a bhith gan ceasnachadh fhèin mun dleasdanas aig an tràth seo!
Bha Nehemiah a'creidsinn ann an comas an Tighearna gu bhith a'tionndadh cridhe an rìgh ge be taobh a b'àill leis. Bha esan a cheart cho cinnteach sa bha Solamh ann an àite eile far a bheil sinn a'leughadh "Mar shruthan uisgeachan tha cridhe rìgh ann an làimh an Tighearna". Uime sin cha robh dol as aige. Dh'fheumadh e dhol a bhruidhinn ris. Bha Dia a'dol ga chleachdadh airson a ghlòir fhèin ann an Ierusalem. Gidheadh dh'fheumadh e an toiseach cead iarraidh air an rìgh agus rinn e sin. Bha e a'coilionadh a dhleasdanas don rìgh Artacsercses a chionn's gu robh e a'coilionadh a dhleasdanas do Rìgh nan rìgh agus do Thighearna nan Tighearna. Thug esan urram do Dhia agus cha bu bheag an urram a chuir Dia air fhèin anns na làithean a bha air thoiseach. Cha be eud gun eòlas a ghluais e idir. Is mòr an call a tha eud gun eòlas a'dèanamh anns an eaglais. Is lionmhor iad a tha a'smaoineachadh gu bheil adhbhar an Tighearna a'crochadh air an eud a tha orrasan a thaobh a bhith "a'glanadh" na h-eaglaise. Chan eil e gu deifir cò a bhios air an goirteachadh no gu dè am beachd a bhios aig daoine air an eaglais fhad's a bhios an "glanadh" a'gabhail àite. Chan eil ùghdarras aig cùirt eaglais no stàit' fa chomhair a leithid seo do spiorad ach a h-uile neach a'dèanamh mar a tha e fhèin a'faicinn iomchaidh. Thuirt Peadar iomadh bliadhna an dèidh seo, "Thugaibh urram do na h-uile dhaoine. Gràdhaichibh na bràithrean. Biodh eagal Dhè oirbh. Thugaibh urram don rìgh .." Saoilidh sinn gur e seo an seòrsa spiorad a bha aig Nehemiah agus e a'cuir a làmh fhèin ris a'chrann-àraidh. Thug e an àite fhèin do Dhia agus don rìgh.
Dleasdanas phearsanta
A bheil sinne deònach a bhith chan ann a-mhàin a'cuir na ceiste, "A Thighearna, ciod as àill leat mise a dhèanamh?" ach a bhith mar a bha muinntir Ierusaleim a'dol an sàs ann a bhith a'togail a bhalla? Oir, tha sinn a leughadh sa cheathramh caibideil gu robh "toil aig an t-sluagh obair a dhèanamh". Bha a h-uile duine na àite fhèin. Sin a tha Dia ag iarraidh oirnne fhathast. Tha cuid air an gairm gu dreuchdn sònraichte a-rèir na fìrinn agus is còir dhuinn an àite fhèin a thoirt dhaibh mar a thug muinntir Ierusaleim do Nehemiah. Gidheadh, tha e mar fhiachan air gach aon againn a bhith a'togail na fianais agus a bhith a'cleachadh gach tiodhlac a thugadh dhuinn le Dia a-chum maith an adhbhar. A bheil sinn a'sàs còmhla ri chèile san obair no a bheil sinn nar buidhnean beaga an siud san seo? A bheil sinn ag obrachadh còmhla ri chèile no an aghaidh a chèile agus a'toirt masladh air adhbhar Dhè?
Ann an eachdraidh an t-sluaigh seo chleachd an naimhdean iomadh innleachd gu bhith cuir bacadh orra ach cha do shoirbhich leotha idir. Dh'fhiach iad ri cliù Nehemiah a thoirt uaithe - seadh cliù an neach sin a bha an Tighearna air a thogail suas agus a bha air a thighinn don rìoghachd mar a thàinig neach eile (agus boireannach aig an sin!) aig àm eile. An diugh tha naimhdeas fhathast air fhiosrachadh leotha san a tha a'sàs an obair Dhè. Bidh casaidean air an togail nan aghaidh, bith litrichean (glè thric gun urra) air an sgrìobhadh thuca agus mun dèidhinn. Aig a cheann thall chan urrainn dhaibh ach a bhith mar a bha an Slànaighear gan earbsa fhèin ris-san a bheir breith cheart. Ma tha sinne dha-rìreabh a'sàs mar is còir san adhbhar se a ghlòir san bhios sinn a'sireadh 's chan e ar glòir fhèin gu pearsanta no mar bhuidheann. "Oir is ann uaithe san agus trìdsan agus air a shonsan a tha na h-uile nithean ... Dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh, Amen ... Air an adhbhar sin guidheam oirbh a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ar cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ar seirbhis reusanta". "Cha soirbhich inneal sam bith a dhealbhar ad aghaidh; agus gach teanga a dh'èireas riut am breitheanas, dìtidh tu. Is i seo oighreachd an Tighearna; agus tha am fìreantachd uamsa", deir an Tighearna. |