| |
Curam Nehemiah Mu Adhbhar An Tighearna (1)
Tha leabhraichean Esra agus Nehemiah ag innse dhuinn mar a thàinig sluagh Dhè air ais à braighdeanas Bhabiloin, nì a ghabh àite thairis air mòran bhliadhnachan an dèidh do Bhabiloin tuiteam ann an 539BC. Ann an Esra tha sinn a'faicinn mar a chaidh teampall Dhè a thogail as ùr a dh'aindeoin 's na bha de bhacadh ga chuir air an obair le na Cinnich - obair a mhair suas ri fichead bliadhna uile gu lèir. Tha e soilleir cuideachd ged a bha an teampall a-nise mar bu chòir, nach robh ballacan Ierusalem fhathast air an togail - nì a bha a'ciallachadh gu robh am baile fosgailte do naimhdean sam bith a bhiodh ag iarraidh ionnsaigh a thoirt air. Ann an Nehemiah tha sinn a'leughadh mun obair a chaidh a ghabhail os làimh gu bhith ceartachadh na bha air a dhol ceàrr agus mun duine chleachd Dia gu sònraichte son sin a dhèanamh.
Saoilidh sinne gu bheil mòran leasanan anns an leabhar seo dhuinne aig an àm seo nar n'eachdraidh mar eaglais 's mar rìoghachd. Ged a tha e air innse dhuinn san fhìrinn gun tog e fèin suas Ierusalem agus gun cruinnich e ri chèile dìobaraich Israeil, gidheadh tha e soilleir gum bu chòir an aon uallaach a bhith oirnne mu adhbhar an Tighearna an diugh 's a bha air samhail Nehemiah na latha fhèin. Gun teagamh chan eil cor na h-eaglaise cho fallain 's a bu mhiann leinn aig an àm a tha làthair. Cò rachadh as àicheadh nach eil sinne air sinn fhèin fhàgail fosgailt do dh'iomadh seòrsa nàmhaid agus buaireadh agus nach eil beàrnan mòra nar ballachan? Feumar aideachadh gur e sinn fhèin is coireach gu bheil cùisean mar a tha iad, gidheadh tha facal Dhè fhathast gar misneachadh oir, "ma dh'irioslaicheas mo shluagh, air an goirear m'ainm, iad fhèin, agus gun dèan iad ùrnaigh, agus gun iarr iad mo ghnùis, agus gun till iad on droch shlighean, an sin cluinnidh mise o na nèamhan, agus maithidh mi am peacadh, agus lèighsidh mi am fearann". Se sochair a tha ann a bhith nar buill do dh'eaglais Dhè ach tha dleasdanasan mòra ann an cois sin. Bu mhath leam sùil a thoirt air trì nithean a bha Nehemiah a'dèanamh mar thoradh air an uallach a bha air mu chor Ierusaleim aig an àm ud. Bha e a'faighneachd ciamar a bha adhbhar Dhè; bha e a'tagradh as leth adhbhar Dhè; agus bha e fhèin deònach a bhith sàs ann an adhbhar Dhè - trì nithean bu chòir a bhith fìor mar dèidhinn-ne a bhuineas do dh'eaglais Dhè an diugh mar an ceudna.
B'e gille-cupain rìgh Artacserceis a bha ann an Nehemiah. Bha dleasdanasan mòra an cois sin, mar eisimpleir, a-rèir aon sgrìobhaiche, bhiodh e a'blasad de fhìon an rìgh gach tràth-bìdh son dèanamh cinnteach nach robh a air a phuinnseanachadh! Bha cothrom gu leòr aige bhith bruidhinn ris an rìgh agus 's iongantach mar an robh buaidh mhòr aig an Iudhach seo air na bha còmhla ris san lùchairt. An àite dhol air ais còmhla ri cho-luchd-dùthcha bha e air fantainn san obair a bha Dia na fhreasdal air a thoirt dhà ri dhèanamh ann an Susan, agus ullachadh aig an Tighearna ga dhèanamh air airson an obair a bha roimhe. 'S cinnteach gum bu chòir dhuinne bhith 'g iarraidh gum biodh iad ann an àrd-inbhe nar latha-ne a bhiodh ag amhairc air cùisean troimh shùilean Chrìosda, agus gum bu chòir dhuinn a bhith neartachadh sa misneachadh gach aon dhiubh sin gam bheil urracha mòra na tìre toirt èisdeachd mar a bha Artacserces a'toirt do Nehemiah. Tha obar mhòr ri dhèanamh chan ann a-mhàin san eaglais ach air an taobh-a-muigh cuideachd. A bheil sinne toirt taic dar co-Chrìosdaidhean a tha faighinn cothroman den t-seòrsa sin no a bheil sinn gan càineadh airson cho 'saoghalta' sa tha sinne, a tha nar beachd fhèin cho 'spioradail', gam meas?
Dh'fhaodadh gu robh casaidean mar sin air an togail na aghaidh-san ach a-nis bha gu leòr a'dol dha fhaicinn ann an solas eile. Nuair a thàinig Hanani agus daoine de Iùdah, tha Nehemiah a'feòrach a-thaobh nan Iùdhach a bha air tilleadh dhachaidh, agus mu thimcheall Ierusaleim. Tha e soilleir gur iad an t-sluagh sin a shluagh san. Dh'fhaighnich Ieremiah, "Oir cò a ghabhas truas dhiot, O Ierusaleim? No cò a nì bron leat? No cò a thèid a lethaobh, a dh'fheòrach cionnas a tha thu?" Sin an dearbh nì a tha Nehemiah ri dèanamh. Dè mar dèidhinn-ne? A bheil sinne a'feòrach mar a bha esan?
Tha e airson fios a bhith aige agus a chionn's gun dh'fhoighnich e tha e a'faotainn freagart - naidheachd dhuilich gun teagamh sam bith, ach naidheachd a tha ciallachadh nach eil e aineolach nas motha mu shuidheachadh a'bhaile. Saoil nach eil nì againne ri fhoghlam uaithe? Bha sanas ann bho chionn beagan bhliadhnachan air ais mun ghalair AIDS a bha ag ràdh, "na bàsaichibh tre aineolas". 'S cinnteach gum faod sinn sin a cho-chuir ri mòran cheàrnaidhean de ar beatha a thuilleadh air slàinte cuirp. Chan eil e ceart dhuinne a bhith a'cuir cheistean mu nithean nach buin dhuinn, no a chionn's gu bheil ar sròn a'dèanamh dragh dhuinn, no air son's gum bi cothrom againn an uairsin sgeulachdan a chraobh-sgaoileadh. Nuair a thèid ceistean den t-seòrsa sin a chuir oirnn tha feum againn air gliocas sònraichte ann a bhith gam freagairt. Ach air an làimh eile, ma tha fìor chùram oirnn mu adhbhar an Tighearna agus mu mhaith chàch-a-chèile, bidh sinn a'feòrach mar a bha Nehemiah, ann an rùn math agus ann an spiorad cheart, agus bidh sinn a'freagart gu h-onorach mar a bha Hanani agus daoine Iùdah ann an seo. Nar latha-ne tha Dia air iomadh meadhon a thoirt dhuinn na fhreasdal a tha ag adhbharachadh nach eil leisgeul aig duine againn ma tha sinn aineolach air suidheachadh na h-eaglaise air feadh an t-saoghail. Ma tha adhbhar Dhè dlùth dar cridheachan bidh sinn a'feòrach mar a bha Nehemiah, agus ma tha gràdh againn do chàch-a-chèile bidh sinn a'gabhail naidheachdan a-chèile. Nach iomadh neach a dh'fhaodamaid a bhith goirteachadh dìreach a chionn's nach eil sinn a'faighneachd dhaibh ciamar a tha iad - chan e an "ciamar a tha thu" sin nach eil ach na ghnathas-cainnt, ach an "ciamar a tha thu" sin a tha ag èirigh a chionn's gu bheil fìor uallach oirnn mu chèile. Tha feum againn air a bhith misneachadh a chèile 'n àite bhith a'teumadh agus ag ithe a chèile.
Cha bheag a mhisneachd a fhuair Hanani agus daoine Iùdah nuair a thuig iad gu robh uallach air Nehemiah mu na h-Iùdhaich a bha air tilleadh dhachaidh. A bheil e soilleir gu bheil fìor chùram oirnne mu gach aon a bhuineas do dh'eaglais Dhè anns an t-saoghal? A bheil an cùram sin ga thaisbeanadh fhèin nar dèiligidhean pearsanta ri chèile, nar coithionalan, nar n-eaglais, nar dàimhean riutha-san uile a tha air an ainmeachadh air Crìosd? A bheil cùram oirnn mun timcheall san uile a tha ann an uireasbhaidh? A bheil sinn a'dèanamh sgaradh eadar sluagh agus sluagh? Gun teagamh tha e mar fhiachan oirnn a rèir a chothrom a tha againn a bhith a'dèanamh math do na h-uile dhaoine, ach gu h-àraidh dhaibhsan a tha de theaghlach a'chreidimh. Gidheadh chan eil an fhìrinn ga fhàgail aig an sin. Tha againne ri bhith a'gràdhachadh ar naimhdean a-rèir Chrìosda fhèin. Cuimhnicheamaid gu bheil Pòl ag ràdh ruinn, "ma bhios do nàmhaid acrach, thoir biadh dha, ma bhios e tartmhor thoir deoch dha ..." Cionnas a nì sinn sin mar a bi sinn a'faighinn a-mach ciomar a tha daoine? Chan fhaod sinn a bhith mar a bha na "pearsachan-eaglais" eile ud, an sagart agus an Lèbhitheach, a chunnaic cor an neach a bha air tuiteam am measg luchd-reubainn agus a ghabh seachad air an taobh eile.
Seallaibh a bhuaidh a bha aig na chuala e air Nehemiah - shuidh e sios (cleachdadh a bha aig na h-Iùdhaich nuair a bhiodh iad a'caoidh) agus ghuil e, agus rinn e bròn laithean àraidh, agus thraisg e. Tha e air a ghluasad gu mòr na chridhe staigh. Tha e a'giùlan uallaichean dhaoine eile, tha suidheachadh Ierusaleim ga chràdh na anam. An tuig sinne bròn den t-seòrsa seo agus sinn ag amhairc air mòran de na tha air a bhith dol ceàrr anns an eaglais nar latha fhèin? Chan e comharra air laigse a tha ann am bròn den t-seòrsa seo a thoirt air falbh uainn idir ach iarramaid gràs gu a bhith ga ghiùlan. Ged a bha Nehemiah trom na chridhe bha e gu bhith mealtainn aoibhneas do-labhairt an dèidh làimh agus e ag ràdh ris an t-sluagh, "na bithibh ri bròn, oir is e gàirdeachas an Tighearna ur neart".
Tha mòran geallaidhean ann am facal Dhè a tha gar misneachadh, "tràth feasgar fòs ged robh ann bròn, thig aoibhneas leis an là ... Iadsan a chuireas gu deurach sìol gu subhach nì iad buain ... air bhith dha gul gu muladach .. le h-aiteas pillidh e gu dearbh .. tha ar n-àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro-anabarraiche agus sìor-mhaireannach". Se Dia a bha a'gluasad Nehemiah - chan e bròn a tha seo idir is urrainn dhuinne mar gum biodh obrachadh suas - ach nuair a bhios fìor cho-fhaireachdainn againn riùsan a tha ann an àmhghair tuigidh sinn dè a th'ann a bhith ri caoidh maille riùsan a tha ri caoidh.
Eadar gum bi no nach bi sinn ri trasgadh gu litireil (agus carson nach biodh?), bidh sinn ag iarraidh gun tugadh Dia air falbh nì sam bith a tha a'tighinn eadar sinn agus e fèin. Nuair a sheallas Spiorad Dhè dhuinne mar a tha cùisean tha fios gum bi buaidh aig a-sin oirnne mar a bha aige air Nehemiah ann an seo. Nuair a thèid an solas air ann an rùm dorcha agus a chì sinn mar a tha cùisean - math no dona - bi buaidh air choireigin aig na chì sinn oirnn. Còrdaidh e rinn no cha chòrd. Saoilidh sinne mar is motha sheallas Dia dhuinn gur ann is coltaiche ri Nehemiah a bhios sinn. Bha e mar a chì sinn a-nise air a ghluasad gu bhith a'tagradh as leth adhbhar an Tighearna agus bhe e fhèin deònach a bhith an sàs ann an adhbhar an Tighearna.
Ra leantainn |