Daimh Na Cloinne
'S iad briathran fìor-ghlan Chrìosda
Thaobh clann nan gràs 'sa ghaoil
"Tha mise nise annta-san
Is tus annams' Athair Naomh;
Agus 'se chrìoch a dh'òrdaicheadh
A d'ghràdh, a Dhè, gan taobh
Gum biodh iad uile annamsa
Chan ann sgaraicht' ach nan aon".
'Se seo an seilbh 's na flaitheanas,
Neo cha b'e nèamh bhiodh ann
Mar dhream a mheal do bheannachadh
Tha iad ceangailt' ri aon cheann,
Oir 'se an eaglais a chorp dìomhair-san
Mas ann shìos iad no mas shuas
'S cha dealaich iad gu sìorraidh ris
Tha ghràdh da chèile buan.
Gearanach 's mar tha iad
Air cridhe tha cho cruaidh,
Tha dàimh aca rim bràithrean
Thar chàch am measg an t-sluaigh
Is ceangal e tha ion-mhiannaichte
Nach gabh a chuir an cèill
Is gu bràth cha chuirear crìoch air
Fhad's a dh'fhuireas Crìosd air nèamh.
Tha mòran nithean prìseil ann
Chan e mhàin gu mair e beò
A'chrìoch a th'aig gach neach aca
'S e comann bhuan an glòir,
Gidheadh bidh an seo ro-bhlas ac' air
An iomadh seòrsa dòigh
Tha sìth ac' thar na thuigeas iad
An comainn fear-nuadh pòsd'.
'S airson bhith luaidh air aoibhneas
Chan eil fìon, no cluich, no ceòl,
A dhealbhadh riamh air thalamh
'S am bheil idir buaidh dha sheòrs'
Tha comann dlùth ra chèile ac'
Ann an comann fhir an gràidh
Is buill da chorp 's da fheòil-san iad
A mhaireas beò 's a'bhàs.
'S tha seo cho beò aig uairibh dhaibh
'S gu saoil iad nach eil càil
Tha tighinn eadar iad 's a chèile
Ach an t-urram th'aca dha
Gidheadh tha dòchas fallain ac'
Nach sgarar iad an tìm
'S nuair a gheibh iad null thar Iòrdan
Gum bi sonas buan gun dìth.
'S e Crìosd 's am bidh iad ceangailte
'Se tobair làn a' ghràidh
'Se'n Tì gun cheisd a cheannaich e
Le ìobradh fèin na bhàs
Is e tha nis gan treòrachadh
Gu cuan a ghlòir 's a ghràidh
'S a chaoidh cha dèan iad aithreachas
Air son na thug iad dhà.
Tha clann Dhè air an cuairteachadh
'S an t-saoghal seo an dràsd'
Le iomadh cleachdadh gràineil
Is le beusan tha neo-ghnàthaicht'
'S chan eil ann ach aon seòrs' mìneachadh
Air a'chainnt' as àird' 's as fheàrr
Chan eil nì a tha ri fhulang ann
Cho mòr ri ceangal gràidh.
Tha inntinn thruaillidh shaoghalta
Ri dorchnachadh an là
Oir chan eil dàimh nan naoimh aca
Ach mar an clàbar air an t-sràid,
Cha b'e sin a chunnaic cuid againn
Oir b'aithne dhuinn bho ar n'òig'
Na daoine b'fheàrr san t-saoghal
Bhith le chèil' le aoibhneas mòr. |