| |
Gradh Agus Ceartas Dhe
Cuibhrionn goirid de shearmoin air Ier. 31:3 le Mgr Gilleasgaig Cook, a bha ann an Eilean Arain. Nochd seo an toiseachd ann an leabhar de shearmoinean le Mgr Cook ann an 1907.
'S ann on a ghaol a bha ann an Criosd o shìorraidheachd a ghabh e teàrnadh an anama os làimh. Cha robh nì eile a ghluais e. Bha a shonas aige ann fhèin, agus cha robh còir aig lagh no ceartas air. Ach bha gaol ann do anamaibh, agus faodaidh sinn a ràdh gur e an gaol sin a ghluais a cho-fhulangas ann; mar a ta am facal ag ràdh: "Nan uile àmhghair bha esan fo àmhghar; agus rinn aingeal a làthaireachd an teàrnadh; na ghràdh agus ann a iochd rinn e fhèin an saoradh". Tha sin a'foillseachadh innibh gaoil ann an Crìosd air an gluasad air an son. Mar a ta e a'labhairt ann an àite eile: "Agus an tràth a ghabh mise seachad dlùth dhut, agus a chunnaic mi thu salach ann ad fhuil fhèin, thubhairt mi riut, agus thu ann ad fhuil, Mair beò; seadh, thubhairt mi riut, agus thu ann ad fhuil, Mair beò". Ciod e sin ach dìreach mar a tha an Cruithear air a ghluasad le an staid thruagh. Tha e a'labhairt mar dhuine, gun do ghluais an staid thruagh innibh a thròcair gu an slàinte a ghabhail os làimhe. Agus 's ann mar sin a tha an eaglais a'labhairt air: "Neach, air bhith dhuinn ro-ìosal truagh, a chuimhnich oirnn nar feum; airson gum mair a thròcair chaomh gu sìorraidh feadh gach rè". Agus ann an sin tha againn sealladh air ciod a tha e ag ràdh ann an àite eile: "nuair a shuidhich e bunaitean na talmhainn; an sin bha mise aige mar neach a dh'altramadh maille ris; agus bu mhì a thlachd gach là, a' dèanamh gàirdeachais na fhianais an còmhnaidh; a'dèanamh gàirdeachais anns a'chuid a dh'àitichear de a thalamh, agus mo thlachd maille ri cloinn nan daoine." Dìreach mar gum bu tlachd leis a bhith ag amharc air na h-àitean anns an robh iad gu bhi beò. Agus faodaidh sinn a ràdh gur ann o sin a dh'èirich na briathran sin, "An sin thubhairt mi, Feuch, tha mi a'teachd; ann an rola an leabhair tha e sgrìobhta ormsa. Is e mo thlachd do thoil a dhèanamh a Dhè; tha do lagh an taobh a-staigh dem chridhe".
A-rìs, rùnaich Crìosd gum bitheadh am peacanna-san air an cur as a leth fhèin. Agus gu cinnteach bha iad sin uamhasach. Nochdaidh glòir peacaich cho mòr ri ifrinn. Tha a h-uile peacadh uamhasach, ach tha cuid a pheacaidhean a thaobh iomadh gne antromaichidh, nas uamharra am fianuis Dhè. Tha peacaidhean brisidh cùmhnant - seadh bha cuid do bhochdan Chrìosd ciontach de nithibh ann an smuain, facal, no gniomh, dìreach gun robh lagh Dhè agus dhaoine ag agairt nam bitheadh iad air an losgadh. Nis an uair a b'e toil Chrìosd gun dèiligeadh lagh agus ceartas ris fhèin airson millionaibh dhiubh sin. Agus sin cho glan sa dhèiligear riutha bhitheas ann an ifrinn. O! tha ceartas uamhasach, gun mheasgadh de thròcair. Agus ' sann mar sin a bhitheas na h-aindiadhaich tren t-siorraidheachd air an toirt thairis do cheartas airson a h-uile peacadh den robh iad ciontach. Nis b'aithne do Chriosd gearad ceartas, nach maitheadh aon smuain peacach. Gidheadh cha do chum sin air ais e. Nach fhaodadh e a ràdh gun dealaich "na slèibhtean rim bunait, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig am bheil truas dhiot. Oir tha seo mar uisgeachan Noah dhomh; mar a mhionnaich mi nach rachadh uisgeachan Nòah tuilleadh thar an talamh, is amhail o mhionnaich mi nach bithinn ann an corraich riut".
back
|