Free Church of Scotland
 
Free Church of Scotland home
About the Free Church of Scotland
News & Events
Our Churches
Donate Online
Free Church Bookshop
Free Church College
Free Church College
Youth
Missions
Committees
Free Church magazines
Book of the Month
Todays Issues
The Forum
Resource Library
Links
Contact
   
 

Am Bioball

Comhairlean bho Thòmas Uatson

Amhaircibh air an fhacal mar leabhar de sheòlaidhean spioradail.

Tha Basil a'comas an fhocail ri bùth lèigh, anns am biodh gach uile sheòrsa cungaidh-leighis. Ma mhothaicheas sibh sibh fèin marbh ann an dleasdanas tha seòladh an seo: "Bheothaich d'fhacal mi" (Salm 119:50). Ma mhothaicheas sibh ar cridheachan cruaidh, taisichidh agus leaghaidh am facal iad; uime sin samhlaichear am facal ri teine, a thaobh a chumhachd taiseachaidh, Ier.23:29. Ma tha sibh air ur puinnseanachadh le peacadh, tha ìocshlaint an seo a-chum a chuir air falbh.

Amhaircibh air an fhacal mar ìocshlaint bharraichte a-chum ur comhartachadh ann an àmhghar.

Bheir e sòlas dhuibh an aghaidh ar n-uile pheacaidhean, bhuairidhean agus àmhgharan. Ciod a th'anns na geallaidhean ach ìocshlaint nèamhaidh chum anama fann ath-bheothachadh! Tha cridhe gràsmhor a'beathachadh air a'ghealladh, mar a bha Samson a'beathachadh air a'chìr-mhealla, Breth. 14:9. Tha am facal a'toirt sòlas an aghaidh tinneas agus bàs: "O bhàis, càit a bheil do ghath?" 1 Cor 15:55. Bàsaichidh an Crìosdaidh a'glacadh a gheallaidh na uchd, mar a ghlac Simeon Crìosd, Lucas 2:25-32; Eabh. 11:16.

Leughaibh am facal mar thiomnadh deireannach Chriosd.

An seo tha mòran dhìleaban air an toirt dhaibhsan aig am bheil gràdh dhà; maitheanas peacaidh, uchdmhacachd agus sòlas. Tha an tiomnadh seo seasmhach, oir tha e air a sheulachadh ann am fuil Chrìosd. Ciod an aire dhùrachdach leis an leugh leanabh tiomnadh athair, a-chum 's gum faic e ciod a dh'fhàgadh dhà fèin!

Leughaibh e mar leabhar leis am feum breith a bhi air a thoirt oirbh.

"Am facal a labhair mi, bheir e sin breth air san là dheireannach", Eòin 12:48. Bidh iadsan a tha a'caitheamh am beatha a-rèir riaghailtean na leabhrach seo air an làn-shaoradh; ach iadsan a tha caitheamh am beatha nan aghaidh dìtear iad. Tha dà leabhar a ghnàthaicheas Dia, leabhar an cogais, agus leabhar an sgriobtair; bithidh an dara h-aon diubh na fhianais, agus an aon eile na bhritheamh. Ciamar ma-tà, mar bu chòir do gach Crìosdaidh e fèin a bhrosnachadh a-chum leabhar seo Dhè a leughadh le cùram agus cràbhadh! 'S ann a-rèir na leabhrach seo a thèid Dia mu dheireadh. A mhuinntir a tha teicheadh bhon fhacal mar riaghailt stiùraidh, feumaidh iad strìochdadh dha mar bhritheamh.