Free Church of Scotland
 
Free Church of Scotland home
About the Free Church of Scotland
News & Events
Our Churches
Donate Online
Free Church Bookshop
Free Church College
Free Church College
Youth
Missions
Committees
Free Church magazines
Book of the Month
Todays Issues
The Forum
Resource Library
Links
Contact
   
 

A'chaisg

Air a tharraing as an leabhran "Smuaintean mu bheatha Chriosd" leis an t-Urr. U.B. MacNeacail, nach maireann.

Shuidh Iosa sìos còmhla ri a dheisciobail air Diardaoin na Càisge, agus dh'ith iad a'Chàisg anns an fheasgar. A-rèir beachd cuid, chaidh Suipear an Tighearna a chur air chois le Criosd aig a'Chàisg, no an dèidh na Càisge. Is e a'chiad Chàisg ans an Eiphit a bu chudthromaiche a-measg fèillean na Iùdhach. Bha i air a cur air chois ann an làithean Mhaois, agus bha i a'comharrachadh a-mach saorsa clann Dhè bho dhaorsa na h-Eiphit. Bha i na h'ìobairt agus na cuirm, agus ann an dòigh a'gabhail a-steach nan ìobairtean uile, agus bha i na solas air ìobairt mhòr Chalbhari, a bha na bunait-teàrnaidh do chlann Dhè.

Tha eadar-dhealachadh eadar a'chiad Chàisg agus an dara Càisg. Tha Dr. Eidersheim ag ràdh: "aig an t-àm seo agus airson ceudan de bhliadhnachan bha a'Chàisg air an dòigh seo: trì breacagan mòra de aran neo-ghortaichte air am pasgadh ann an neapaicin agus air an cur air truinnsear. Agus a thuilleadh air a sin na sia nithean a dh'fheumadh a bhith air a'bhòrd - is e sin ugh; sùgh; uisge saillte; luibhean searbha; pìos uain; leatas; seirbhil agus pàrslaidh.

"Is e cleachadh nan Iùdhach gun gabhadh ceann an teaghlaich a'chiad chupan fìon; agus an dèidh taing a thabhairt bheireadh e am fìon do chàch, gus an dèidh an làmhan a nighe, sheinneadh iad a'chiad Hallel (Salm 113-114). An dèidh sin dh'itheadh iad na luibhean searbha; agus an uair sin bha a'Chàisg air a mìneachadh. An sin ghabhadh ceann an teaghlaich an greim agus thumadh e anns a'mhèis e. is e an greim pìos de aran neo-ghortaichte, agus luibhean searbha. Gheibheadh gach neach pìos den uan Càisge, sheinneadh iad an dara Hallel (Salm 115-118) agus chrìochnaicheadh iad le ùrnaigh.

Tha Dr Eidersheim ag ràdh gur e ithe an arain toiseach na Càisge. Mas fìor sin, cha do ghabh Iùdas compàirt anns a'Chàisg no anns an t-Suipear, oir an uair ghabh e an greim chaidh e a-mach air ball. Ach chan eil sinn cinnteach as na nithean sin. Tha e air ìnnse dhuinn gu robh an t-aran air a dhèanamh de eòrna, coirc, seagal is spelt, agus air mheasgadh le uisge. Bha na luibhean searbha a'gabhail a-steach leatas, endibh, succori agus horehound. Bha an sùgh air a dhèanamh le cnothan, fìgisean agus measan eile.