An Calaman - Eaglais Chriosd
Chaidh na rannan seo an sgrìobhadh le Mgr Aonghas Ailig Coineagan à Scalpaigh. Tha sinn a'toirt taing don t-Urr. Aonghas Macleòid as an Rudha airson an cuir thugainn.
A chalamain tha iomradh ort
Gu tric am facal Dhè;
Gu sonraichte anns an Dàn
'S tu air do shamhlachadh ri chèil
Is tusa mo bhean choileanta
Tha Crìosda cur an cèill
Gu bràth cha dèan mi dìmeas ort
'S Chan fhàg mi thu 's cha trèig.
Chuir Noah mach am fitheach
Air uinneig àrd na h-àirc,
B'uamhasach an sealladh
Air na dh'amhairc e san là
Gidheadh b'e eun neò-ghlan a bh'ann
Bha beathachadh air bàs,
Is tuilleadh cha do thill e
Fhuair e riarachadh da chàil.
Cha b'ionnan sin 's an calaman
A chaidh a-mach na dhèidh,
Cha d'fhuair e àit a chos chuir fodha
Cha robh beathachadh ann dha
Ach thill e dh'ionnsaidh sàbhailteachd
A ghleidheadh dha san àirc
Mar anam glan an fhìrein
Gu shuaimhneas is gu thàmh.
Chuir Noah mach an dara uair
An calaman cho caomh
Cha b'fhada gun do thill e
Le teachdaireachd na bheul
Bha duilleag den chraoibh ola
Gu tèarainte aig an grèim
Mar shamhla air an t-Slànaighear
A thàinig le deagh sgeul.
Is lionmhoire na teagasgan
Tha dhuinn san duilleig bhig
Ag innse dhuinn mu thròcair Dhè
A mhaitheanais is iochd
Ag innse dha na bha san àirc
Nach b'fhada bhiodh iad innt'
Gu robh corraich Dhè air traoghadh
Mar na tuiltean bha 's an cinn.
Bu mhath a bhi 's a chomann ud
Anns an t-seòmar broinn na h-àirc
Ag èisdeachd cànradh 's conaltradh
Mu thimcheall na ghabh àit'
Gun deach a gheug a spìonadh
A craoibh a bh'air ùr fhàs
Is Dia a-nis 'g ath-nuadhachadh
Le beatha far nach robh ach bàs.
Tha do ghuth leis binn is tìomhaidh
Is t-aogais maiseach rèidh
Is miann leis bhi ag èisdeachd riut
's ag amhairc ort da rèir
Is aithne dhuit an t-àit'
Ann an ionad dìmhair àrd
'S an sgoltadh anns a'charraig ud
Gad dhìon gu bràth bhon nàmh.
Tha thu dìleas dha do chompanach
Is dèidheil air a chloinn
Tha thu gràdhachadh do nàbaidhean
'S do naimhdean mar an ceudn'
Don acrach tha thu tabhairt biadh
'S don tartmhor deoch ra òl
Cha dean thu idir dìoghaltas
Bheir thu buaidh le maith air olc.
B'e an calaman an ìobairt
Bha aig an duine bhochd
Toirt tabhartais a dh'ionnsaigh Dhè
A bha gun smal na lochd
B'e dhà dhiubh bha aig Iòseph
Is aig Muire màthair Ios'
Nuair thàinig an t-àm coileanta
Airson a thaisbeanadh don triath.
Tha na ceithir shoisgeulaich
Toirt fianais air do thaobh
An là a bhaisteadh Crìosd
le Eòin a ròghnach e
Bha'n Spiorad Naomh a'tuirling
Mar chalaman air a cheann
'S guth bho nèamh a'glaodhaich rinn
Mo Mhac gràdhach fèin a th'ann.
O anam dè an t-iarrtas
Tha air do shiubhal fèin
An e bhi beò air plaosgan
mar am fitheach tha gun chèill
An e biadh a chalamain
Is miann leat aig gach tràth
Smior na cruithneachd ithidh e
'S air a chogal nì e tàir.
O anam nach dèan thu roghainn
Mar rinn Muire an deagh àm
Thig maille ris na calamain
Is fàg na fithich thall
Is meallaidh tu na geallaidhean
'S bi d'àite deiseil ann
Aig deas làimh Rìgh na Glòire
Le mòr shubhachais nach gann.
back
|