Iompachadh Shacheuis
Searmoin goirid leis an fhear-deasachaidh air Lucais 19:1-10
Nise mar a tha fios agaibh `s iomadh dòigh eadar dhealaichte bhitheas Dia cleachdadh ann a bhith a`toirt dhaoine thuige fhèin. Tha feadhainn a`tighinn gu socair, sèimh; tha feadhainn eile air an crathadh gu mòr a thaobh am freasdail agus mar sin air adhart. Tha a sgeulachd fhèin aig a h-uile duine, gidheadh tha trì nithean ann a tha fìor mun a h-uile Criosdaidh agus siad sin seo; an toiseach se daoine tha annta aig a bha feumachdainn a bhith air an saoradh, a-rithist tha iad tre ghràs air gabhail ri Criosd mar an t-aon ainm a tha air a thoirt fo nèamh tre am faod iad a bhith air ar teàrnadh agus anns an treas àite tha Dia air miann a chuir air an siubhal a bhith beò dhà fhèin anns an t-saoghal - a bhith a `dèanamh a thoil uile làithean am beatha. Saoilidh sinn ma tha na nithean sin nar n`eachdraidh, ge b`e gu dè na tha de nithean eile nar beatha nach bu chòir a bhith ann, gu bheil cò-dhiù comharraidhean oirnn gu bheil esan air an deagh obair a thòiseachadh annainn. Tha an fhìrinn ag ìnnse dhuinn far an tòisich esan leis an deagh obair gun toir e air adhart i gu là Iosa Criosd. Ann an seo bu chaomh leam sùil a thoirt air mar a thàinig Sachèus gu bhith faighinn eòlas air Criosd. Seallaidh sinn ri na tha air ìnnse dhuinn mu dhèidhinn, na tha gabhail àite na eachdraidh, agus na tha aig Criosd fhèin ri ràdh mun chùis.
AN NI A THA AIR INNSE DHUINN
An toiseach na tha air ìnnse dhuinn mu dhèidhinn. Tha an t-ainm Sachèus a`ciallachadh "fìrean" neo "ionracan" ach cha b`e sin an seòrsa duine a bha ann dheth idir. Chan e an t-ainm a dh`fhaodadh a bhith againn a tha a`cunntadh; chan i an fhìreantachd on leth a muigh a nì chùis dhuinn ach an fhìreantachd a tha o Dhia tre chreideamh na Mhac Iosa Criosd. Dh`fheumadh esan sin fhaighinn a-mach air a shon fhèin mar a dh`fheumas sinn uile. Chan eil an ionracan ann, chan eil fiù a h-aon. Nam bitheadh ar fìreantachd fhèin gu leòr cha leigeadh Criosd a leas a bhith air bàsachadh nar rùm `s nar n`àite. Cha bhitheadh feum air Calbhari. Cha tàinig esan a ghairm nam fìrean ach nam peacach a-chum aithreachas. Nach math sin!
B`e àrd-chìs-mhaor a bha ann. Bha e ag obair dha na Ròmanaich agus a`toirt airgiod o dhaoine fhèin. Chan eil rian gu robh e uamhasach 'popular' mar a their sinn. Cha robh mòran àite aig daoine dha, ach bha àite aig Criosd dha an dèidh sin. Chan eil e gu diofar dè an dìmeas agus an tàir a dh`fhaodadh daoine a bhith dèanamh oirnn tha Criosd gar cuireadh thuige fhèin anns an t-soisgeil dìreach mar a tha sinn.
A-rìs bha e saoibhir - bha e air a phòcaidean fhèin a lìonadh le airgid dhaoine eile. Gidheadh bha Criosd comasach air gaol an airgid a thoirt a-mach as a chridhe. Chan eil e gu diofar dè na tha againn de mhaoin an t-saoghail seo cha shàsaich sin sinn gu bràth ann an doimhneachd ar n`anama. Saoilidh sinn gu robh sin fìor mun neach seo, oir tha sinn a `leughadh gu robh dèidh aige air Iosa fhaicinn, cò e. Chuala e mu dhèidhinn agus thug sin air a bhith ga shireadh. Cho do-labhairt cudthromach sa tha e gum bi sinne ag ìnnse do dhaoine eile mu Chriosd - cionnas a chreideas iad anns an tì air nach cuala iad iomradh? A bheil iarrtas bheò air ar siubhal-ne a tha leughadh seo Iosa fhaicinn air ar son fèin? Ma tha, tha esan ag ìnnse dhuinn ma dh`iarras sinn an Tighearna le ar n`uile chridhe agus ar n`uile anam as a sin gun amais sinn air. Bidh air do mhisneachadh thusa a tha ag iarraidh an Tighearna - se e fhèin a thug an t-iarrtas dhut agus se e fèin a-mhàin as urrainn a bhith a`coinneachadh riut ann an doimhneachd d`anam agus a bhith a`leasachadh d`uireasbhaidh uile a reir a shaoibhreis ann an glòir tre Iosa Criosd.
Far am bi an iarrtas bidh e air a dhearbhadh - seadh eadhon air fhiachainn, agus aig amannan glè mhòr air fheuchainn. Na gabh iongantas ma se sin an t-suidheachadh a tha agadsa an diugh. B`e duine beag a bha ann an Sachèus agus bha sluagh mòr anns an rathad air. `S dòcha gu bheil teachd-geàrr pearsanta gad dhearbhadh-sa cuideachd; `s dòcha gu bheil daoine eile a`tighinn eadar thusa agus Criosd. Bha na dearbhaidhean sin ann an eachdraidh Shachèuis ach an àite bhith ga chuir dheth `s ann a thug na nithean sin air a bhith a`dèanamh an tuilleadh spàirn airson Iosa fhaicinn.
Ruith e roimhe agus streap e suas ann an craoibh shicamoir, a-chum gum faiceadh se e; oir bha e gus an t-slighe sin a ghabhail. Fhuair e a-mach càite `n robh Iosa gu bhith, chunnaic e anns a`chraoibh meadhon trem faodadh e Iosa fhaicinn agus le cabhag , le làn-rùn a chridhe, rinn e feum dhith. Sin mar is còir dhuinne a bhith a thaobh gach meadhon gràis a tha Dia na fhreasdal a`toirt dhuinn. A bheil sinn a`dèanamh feum dhiubh? A bheil sinn a` dèanamh spàirn chruaidh? Cha robh dragh aig Sachèus cò chitheadh e `s cha bhi againne a bharrachd ma tha sinn ga iarraidh-san ann am fìrinn. Cha ghabhadh e bhith air chumail air ais. A bheil sinne leigeal le rud sam bith no le neach sam bith a bhith gar cumail o bhith faighinn sealladh air Iosa? Nar leigeadh Dia!
AN NI A THACHAIR
Ach dè thachair an uair sin? Thachair seo. Thàinig Iosa a-chum an àite - an àite anns an robh e a`dol a choinneachadh ri Sachèus. Cha b`ann air thuairmeis a bha e ann an seo idir. Faodaidh e bhith ann an eachdraidh chuid gun tachair iad ri Criosd eadhon le bhith coinneachadh ri aon de shluagh mar gum bitheadh air thuairmeis agus gur ann tren a sin a tha obair Dhè a`tòiseachadh nan anamaibh. Mar a b`èigin dhà air latha eile dhol tro Shamaria b` èigin dhà air an latha seo a dhol tro Iericho agus e ri sireadh agus ri teàrnadh an nì sin a bha caillte. Sheall e air Sachèus - chunnaic e e far an robh e- is math a bha fios aige dìreach càite an robh e, agus tha fios aige càite bheil sinne cuideachd. Labhair e ris - ghairm e air ainm. Mar a thuirt t`èile ri piuthar Muire, "Thàinig am Maighstir agus tha e gad ghairm".
Gairmidh e a chaoraich fhèin air an ainm agus treòraichidh e a-mach iad. Bha fios aige air a h-uile càil mu dhèidhinn agus tha e mar sin dhar taobhne cuideachd. Dh`eugh e ris e thighinn a-nuas gu grad. Dìireach mar a bha e gun atharrachadh sam bith no leasachadh a thoirt air fhèin - sin mar a tha e gar taobhne cuideachd. An tèid thu leis an duine seo? Dìreach mar a tha thu - o cho iongantach sa tha sin - bheir e fhèin atharrachadh nad bheatha nach tugadh tusa ort fhèin gu bràth. `S esan a tha a`toirt an ceum toisich - chan ann gar seachnadh a tha e ach gar cosnadh - tha e ag ràdh ruinne an diugh, "Cia fhad a bhios sibh ann an ioma chomhairle -eadar dhà bharail? Ma se an Tighearna as Dia ann leanaibh esan - ach mas e Baal leanaibh esan."
Tha Sachèus a`dèanamh cabhag agus a`gabhail ris gu subhach. Dè mur dèidhinn-ne? Na dèan leisgeul. Na bi thusa ro thrang airson a thighinn gu Criosd. Chan eil e ro thràth dhut, chan eil e ro fhadalach, chan eil thu ro mhath, chan eil thu RO neo-airidh; se daoine neo-airidh a tha e ag iarraidh a thighinn thuige fhèin. Bha esan deònach agus toileach gabhail ri Criosd- a bheil sinne? Nì esan poball toileach ann an là de chumhachd.
Thàinig Sachèus le cabhaig, as an àite as an robh e dhan àite san robh Criosd na sheasamh. A bheil e gad tharraing fhèin? A bheil thusa a`gabhail ris mar a tha e air a thairgse gu saor dhut san t-soisgeul? Ach a` mheud is a ghabh ris, thug e dhaibh còir a bhith nan cloinn do Dhia eadhon dhaibhsan a tha a`creidsinn na ainm. An e sin thusa? Mar a h- e carson nach e? Na cuir dàil ann nas fhaide - an diugh an diugh ma chluinneas sibh mo ghuth na cruadhaichibh ur cridhe.
CRIOCH NA SGEOIL
Cha robh a h-uile duine air an dòigh le na ghabh àite idir. Bha iad a`dèanamh cho soilleir cho aineolach sa bha iad air an cridheachan fhèin agus air cridhe an t-soisgeil. Cha robh iadsan a`tuigsinn carson a rachadh Criosd a-steach air aoidheachd gu duine a bha na pheacach! Nach ann aca a bha am beachd orra fhèin! Cha robh iad gam faicinn fhèin mar pheacaich. Nach iad a bha air an dalladh! Uair eile fhuair iad coire dhà a chionns gu robh e ag ithe agus ag òl maille ri cìs-mhaor agus ri peacaich - cha b`ann a chionns gu robh e fhèin coltach riutha ach a chionns gun tigeadh iadsan gu bhith air an dèanamh coltach ris fhèin! `S ann a bu chòir dhuinn a bhith ri dèanamh gàirdeachas nuair a chì sinn daoine feumach a `cuir an aghaidh air Criosd. An àite bhith cuir bacadh orra nach ann a bu chòir dhuinn a bhith gam misneachadh anns a h-uile dòigh as urrainn dhuinn a gus a bhith a`giùlainn an uallaichean agus a bhith moladh an Tighearna gur ann airson an leithibh sin a thàinig Criosd dhan t-saoghal? Mar a th`ann chan eil dòchas ann do dhuine againn oir pheacaich sinn uile agus thàinig sinn geàrr air a ghlòir. Nuair bhitheas sinne air ar lìonadh le Spiorad an Tighearna bithidh iad ann nach tuig sinn agus a gheibh coire dhuinn. Tà, nach math gun tuig e fhèin sinn agus nach fhaigh esan coire ruinn airson a bhith gabhail ris!
Eadhon fhad`s a tha thu a`leughadh nam briathran seo than Criosda seo a` seasamh aig doras nam muinntir sin a tha dòrainneach, truagh, bochd, dall agus lomnochd agus e ag ràdh "ma dh`èisdeas neach sam bith rim ghuth agus gum fosgail e an doras, thig mi a-steach da ionnsaigh, agus gabhaidh mi mo shuipeir maille ris agus esan maille riumsa". Tha sin a cheart cho cinnteach sa thubhairt e ri Sachèus, "is èiginn dhòmhsa stad an diugh aig do thaigh."
Tha Sachèus ag iarraidh a bhith a toirt leth a mhaoin do na bochdan agus a bhith a `pàigheadh air ais do dhaoine eile a cheithir urrad agus a thug e uapa le casaid bhrèige. Nach ann air a tha an atharrachadh air a thighinn! Tha creideamh as eugmhais oibre marbh. Sann air a toradh a dh`aithnichear a chraoibh. Nuair a thig Criosda steach nar beatha bi buaidh aige oirnn a thaobh mar a bhios sinn a `dèiligeadh ri ar co-chreutairean. Uime sin, gach uile nì a bu mhiann leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh se a leithid dhaibhsan mar an ceudna: oir is I seo an lagh agus na fàidhean. Tha Sachèus chan ann a-mhàin a gràdhachadh Dhè tha e a - nis a`gràdhachadh a choimhearsnaich mar e fhèin. Sin spiorad an t-soisgeil. An e sin an spiorad a tha againne a thaobh dhaoine eile?
Cluinnibh an nì thubhairt Iosa ris agus riutha-san uile a bha san èisdeachd. "Thàinig slàinte an diugh a dh`ionnsaigh an taighe seo, do bhrìgh gur mac do Abraham esan mar an ceudna." An tàinig slàinte a dh`ionnsaidh do thaigh fhèin a tha ag èisdeachd an diugh? Thàinig ma tha thusa ag earbsa a Iosa Criosd airson na sìorraidheachd. Tha esan ga do ghairm neo-chiontach a bha ciontach, an àite daorsa tha esan air saorsa thoirt dhut, an àite bhith fon mhallachd tha thu a-nis air do ghairm beannaichte, an àite bhith air do sgaradh uaith tha e air d`aonadh ris fhèin, an àite bhith nad leanabh feirge tha gràdh Dhè air a dhòrtadh a-mach nad chridhe tre an Spiorad Naomh a thugadh dhut, an àite bhith do shlighe gu ifrinn tha thu a-nise air ar t-slighe gu nèamh! Sin slàinte Dhè! Sin agaibh iadsan a tha na mic agus na nigheanan do dh`Abraham. Sin agaibh teaghlach a chreidimh. Tha esan ag iarraidh gum bi gach aon de chloinn a`mealtainn sochairean na cloinne mar a bha Sachèus a-nise ri mealtainn.
Ach their thusa - tha sin glè mhath dhaibhsan ach tha mise fhathast nam thruaghan caillte. Ma tha, sann airson do leithid a thàinig Iosa Criosd dhan t-saoghal.. Oir thàinig Mac an Duine a shireadh agus a theàrnadh an nì sin a bha caillte. A BHA caillte ach a-nis chan eil nas motha. A bheil sin fìor mud thimcheall fhèin an diugh? Mar eil carson nach eil? Tha lorg aige ort far a bheil thu agus mar a tha thu agus tha e ag iarraidh gun canadh tusa air do shon fhèin gu pearsanta fa chomhair gach nàmhaid a tha agad mar a b`urrainn do Shachèus a ràdh "Tha Dia Iehòbhah air mo chrann; chan eagal leam a chaoidh aon nì a dh`fhaodas clann nan daoin` a dhèanamh orm gam chlaoidh." Gum bitheadh guth gàirdeachais is slàinte nad phàillean sa mar a bha nise ann am pàillean Shachèuis. Gun deònaicheadh esan gun tigeadh na ghabh àite ann am beatha Shachèuis gu bhith gabhail àite nad bheatha sa cuideachd a-chum glòir agus cliù Chriosd. Amen. |