Saothair Nach Eil Diomhain
Searmoin leis an t-Urr. Murchadh Macleòid, as a'Chomraich, air 1 Cor. 15:58 - "Uime sin mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingean, neo-ghluasadach, a'sìor-mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna".
Tha Pòl anns a'chaibdeil seo a'cur an aghaidh na mearachd a bha air àite fhaighinn ann am measg nan creidmheach ann an Corintus. Se sin nach robh aiseirigh a'chuirp gu bhith ann; gur h-e an spiorad a-mhàin a bha a'dol a dh'èirigh. Tha Pòl ann an seo a'cleachdadh argamaidean làidir an aghaigh seo agus a'cleachdadh mar eisimpleir aiseirigh an Tighearna Iosa Criosd agus cho dlùth-cheangailte agus a tha aiseirigh Chriosd ris na h-uile a chreid ann. Mar thoradh air aiseirigh Chriosd tha aiseirigh ghlòrmhor a'feitheamh air na h-uile bhuineas dha, agus do bhrìgh 's gu bheil sin mar sin, tha Pòl, le briathran ar ceann-teagaisg - a'sparradh air na creidmhich an seòrsa caitheamh-beatha a bu chòir a bhith aca san t-saoghal, agus gu robh ceangal eadar an caithe-beatha agus an duais ghlòrmhor a bha feitheamh orra nuair a ruigeadh iad.
Tha trì nithean ag èirigh as an earrainn air am faod sinn smuaineachadh. Se sin, nì a tha fìor mu dhèidhinn creidmhich air fad, se "bràithrean gràdhach" a tha annta. Agus a-rìs - nithean a dh'fheumas a bhith fìor nam beatha - se sin a bhith "daingean agus neo-ghluasadach" ; agus, mu dheireadh, am brosnachadh làidir airson an cuideachadh seo a dhèanamh - "air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna".
Braithrean gràdhach
'Sann mar bhràithrean a tha iad air an ainmeachadh ann an seo. Tha Pòl tric a'cleachdadh nam briathran seo airson sealltainn an dàimh a tha eatorra - mar a tha ann an teaghlach nàdarrach. Se briathran air leth freagarrach a tha seo airson dearbhadh an càirdeas a tha eadar creidmhich anns an t-saoghal. Tha na briathran a'cur an cèill gur h-e an t-aon Athair a tha aca uile, a ghairm iad a-mach à dorchadas a-steach do rìoghachd nan gràs. Se an t-aon spiorad a tha aca uile mar earlais air na tha a'feitheamh orra, agus se an aon Chrìosd a tha aca mar am bràithear as sine. Tha iad gràdhach aig an Trìanaid uile, agus gràdhach aig a chèile do bhrìgh sin. Se an aon fhuil leis an robh iad gu lèir air an saoradh agus a tha mar bhann gan ceangal ri chèile ri Crìosd "a ghràdhaich iad agus a thug e fèin air an son".
Comhairle sonraichte
Anns an dara h-àite - an comhairle a tha Pòl a'toirt orra. "Bithibh-se daingean, neo-ghluasadach". Se sin, iad a bhith seasmhach anns a'chreidimh gun iad a bhith air an "luasgadh a-null agus a-nall leis gach uile gnè theagasg," ach gum biodh iad seasmhach ann an teagaisgean bunaiteach na fìrinn agus suidhichte air Crìosd na fìrinn.
An toiseach, tha e ag iarraidh orra a bhith daingean anns an fhìrinn, agus facal Chrìosd a'gabhail còmhnaidh annta, mar a tha Pòl ag earalachadh nan Colosianach - "gun gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir ans an uile ghliocas". Tha e ag iarraidh orra a bhith gluasad a rèir na fìrinn agus a bhith seasmhach innte. Còmhla ri sin tha e a'sparradh ora gum biodh an caithe-beatha a-rèir na fìrinn mar an ceudna, iad a bhith foillseachadh an dàimh ri Crìosda na fìrinn, agus gun eagal a bhith orra fianais a dhèanamh air taobh na fìrinn fa chomhair an t-saoghail; a'dèanamh fianais shoilleir le an gluasad anns an t-saoghal gun d'rinn an fhìrinn atharrachadh nam beatha.
Agus, maille ri bhith seasmhach, tha e 'g earalachadh orra a bhith neo-ghluasadach. Tha an dà fhacal seo dlùth-cheangailte ri chèile. Ma bhitheas sinn a'fantainn daingean ann an nì sa bith, tha e a'leantainn gum bi sinn neo-ghluasadach. A'chraobh a bhitheas daingean anns an talamh, nuair a thig an stoirm agus ged a bhitheas i air a gluasad gu mòr, cha thuit i.
'S ann mar sin a bhitheas an duine a bhitheas seasmhach anns an fhìrinn agus ann an Crìosd na fìrinn, agus ma bhitheas sinn beò mar sin, cha bhi sinn air ar gluasad air sgàth eagal dhaoine agus cuilbheartan an nàmhaid nuair a thig e gar buaireadh. Agus, cuideachd, cha bhi sinn air ar giùlan air falbh le nithean dìomhain an t-saoghail seo maille ri trioblaidean agus àmhghairean na beatha seo. Se ar n-acair a bhith air grunnd math a chumas sinn nuair a thig na stoirmean sin. Se sin ar creidimh, a bhith seasmhach ann am pearsa agus ann an obair ar Fear-saoraidh.
Tha Pòl a-nis a'dol air adhart agus ag iarraidh orra an neo-ghluasadachd anns an fhìrinn agus ann an Crìosd a chuir ann an cleachdadh - se sin iad a bhith sìor-mheudachadh - "a'dol thairis" - ann an obair an Tighearna. Agus ged a tha e fìor gur e obair Dhè a tha anns a'chruthachadh uile, chan e sin an obair a tha seo idir, ach obair rìoghachd nan gràs air an talamh agus sin a'gabhail a-staigh gach nì a bhuineas do dh'obair teàrnaidh agus glòireachaidh.
Se seo prìomh obair Dhè, agus do bhrìgh sin, se seo obair a shluaigh cuideachd, a bhith a'craobh-sgaoileadh an t-soisgeil a-chum 's gum bì peacaich air an teàrnadh bho thoillteanas am peacaidhean. Chan eil obair ann cho cudthromach ri seo! Chan fhaod sinn fannachadh ach cumail a'dol na neart-san. Agus do bhrìgh agus nach eil, tha e air iarraidh oirnn a bhith làn inntinneach agus dìchiollach, agus le eud air son a ghlòire-san anns an t-saothair seo - ann an ùrnaigh agus le ar n'eisimpleir gun stad. Se tha seo ach obair a tha sìor dhol air adhart gu crìoch ar làithean.
Misneachd mhòr
Anns an treas àite, chì sinn an dòigh anns am bhheil Pòl gam brosnachadh gu seo a dhèanamh - "air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna". Cho feumail sa tha e a bhith gabhail a-staigh nuair a tha sinn a'sàs ann an obair sam bith a bhuineas do Dhia, gur e obair san a th'ann agus nach e an obair againne. An uair nach bì an obair a'soirbheachadh mar a bhitheas sinne a'miannachadh - agus aig amannan bì sinn a'cur na coire oirnn fhèin air son sin - do bhrìgh 's gur e obair Dhè a th'ann cha bhì e na dhìomhanas - chan urrainn a'chùis a bhith ach mar sin.
An toiseach, se Dia ùghdar na h-obrach agus do bhrìgh sin chan e obair gun tairbhe a bhitheas ann. Bidh toradh air fhaicinn air sgàth sin. An uair a bhitheas sinn a'dèanamh fianais as leth an Tighearna ris an t-saoghal cha bhì an obair sin dìomhain, do bhrìgh 's an fhianais a tha air a dhèanamh air son Dhè. Tha obair-san a'dèanamh fianais ann an cogaisean dhaoine. Cuideachd a thaobh na beatha a tha ar n'anam fhìn a'faotainn ann a bhith saothrachadh na adhbhar-san ann an seo, bidh sinne a'smaoineachadh cho tric nach eil sinn a'dèanamh càil, ach se tha an Tighearna a'faicinn an rùn as am bheil sinn ri saothrachadh.
Chunnaic na Phairisich an dà phèighinn a chuir a bhanntrach bhochd dhan an ionmhas, agus rinn iad tàire oirre, ach dh'amhairc Crìosd air a cridhe agus mhol e i airson sin. Cha bhì call aig duine a nì seirbhis den t-seòrsa seo do Chrìosd. Gheibh iad uile an duais, ann an seo neo nuair a ruigeas iad taobh thall na h-aibhne.
Tha Pòl a'sgrìobhadh gu na Galàtianaich leis na briathran seo - "Agus na fàsamaid sgìth de mhaith a dhèanamh, oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mur fannaich sinn."
Tha an earrainn a'crìochnachadh leis na briathran, "cha bhith ar saothair dìomhain anns an Tighearna". Se seo is adhbhar nach e obair gun toradh a bhitheas ann. Tha sinn "anns an Tighearna" agus se a ghràs fhèin a tha gar dèanamh comasach obair a dhèanamh anns am bì glòir aige-san. Agus se seo am prìomh nì a dh'fheumas a bhith againn san amharc.
Ma bhitheas sin fìor mur dèidhinn gheibh sinn ar duais aig a'cheann thall air sgàth an dàimh anns am bheil sinn ris mar a chlann fhèin a cheannaich e le prìs mhòr dha fhèin. Mar a tha Pòl ga chuir, "Agus mas clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus co-oighreachan maille ri Crìosd; mas e is gum fuiling sinn maille ris, a-chum gun glòraichear sinn maille ris mar an ceudna". |