Ùrnaigh
Nochd na briathran seo leis an t-Ollamh Seòras Collins, nach maireann, anns an leabhar "Sìol is Aran".
A Dhè naoimh, a ta a'suidheachadh nan daoine aonranach ann an teaghlach agus ag òrdachadh do bheannachd air teaghlaichean do shluaigh, dh'iarramaid do mholadh airson gur e do chliù gun gabh thusa truas dhiubh-san dan eagal thu mar ghabhas athair truas da chloinn.
Tha sinn ag aideachadh nach airidh sinn air gun goirteadh do chlann dhuinn, oir thrèig sinn do shlighe, agus thionndaidh sinn gach aon ga shlighe fèin. Nad mhaitheas, a Thighearna, fiosraich sinn le spiorad aithreachais a-chum 's gum pill sinn riut.
Dh'iarramaid do mholadh airson na fola sin a tha toirt am fagas iadsan a bha roimhe fad o làimh, ionnas gu bheil iad a-nis nan luchd aon bhaile ris na naoimh, agus nam muinntir teaghlaich Dhè. Gu gràsmhor cuidich leinn ann an bhith rèiteachadh 's a'glèidheadh na dàimhean sin anns am bheil sinn a'seasamh ri càch-a-chèile, mar phàrantan is clann, mar bhràithrean is pheathraichean, mar uachdarain is ìochdairean, mar mhaighstirean agus seirbhisich, mar luchd-teagaisg agus luchd-foghlaim; agus thoir dhuinn anns gach dreuchd is dàimh anns an do shuidhich thu sinn san fhreasdal, gum faic sinn ar cothroman gu bhi glòrachadh d'ainm, agus gun dèan sinn làn fheum dhiubh.
O thusa air an ainmichear an teaghlach uile air neamh agus air talamh, tha sinn gad mholadh airson gu bheil iomadh àit-còmhnaidh nad thaigh, agus gun cruinnichear teaghlach a'chreidimh uile fhathast gu h-aoibhneach mud bhòrd. Thoir dhuinn àite a bhith againn nam measg.
Maith dhuinn ar brosnaichidhean a bhitheas sinn gu peacach a'toirt dhutsa agus do chàch-a-chèile; cuir ceart na nithean sin a chuir sinne clì, agus dòirt a-mach do spiorad oirnn uile a-chum 's gu mair gràdh bràthaireil nar measg agus gun glòraich sinn d'ainm le ar caithe-beatha a bhitheas a-rèir na diadhachd.
Agus na tha sinn ag iarraidh, is ann an ainm Chrìosd.
Amen.
back
|