| |
An Criosdaidh Ann An Saoghal Na Gaidhlig
Tha an ath-bheothachadh a tha air a bhith gabhail àite ann an saoghal na Gàidhlig o chionn beagan bhliadhnachan na thoileachas do mhòran. Tha e math a bhith faicinn 's a'cluinntinn Chrìosdaidhean a'sàs ann an cuspairean eadar-dhealaichte co-cheangailte ri seo. Tha sinn fada an comainn Mhgr Ailig Iain Mhicasgaill à coimhthional Dhùn Bhlathainn airson na smuaintean a leanas a chur thugainn.
Anns an fharsaingeachd chan eil càil air iarraidh air Crìosdaidh ann an saoghal na Gàidhlig nach eil air iarraidh air Crìosdaidh ann an saoghal gnìomhachais sam bith eile, ged a dh'fhaodadh na buairidhean, na duilgheadasan, 's na cnapan -starraidh a bhith eadar-dhealaichte ann an diofar obraichean. 'Sann don Tighearna a tha an Crìosdaidh cunntachail 's chan ann do dhuine air thalamh, agus tha riaghailtean stiùireadh beatha air an cur roimhe ann am focal na fìrinn fhèin, agus tha e an urra ris a'Chrìosdaidh fiachainn rin leantainn mar gheibh e solas ge bith càite am bi e. Tha na crìochan air an tarraing dhuinn ann an leabhar Mhìcah: "ceartas a dhèanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus gluasad gu h-iriosal maille rid Dhia", agus tha iarrtas gu leòir an sin nam biodh duine umhail dhaibh gu h-onarach.
Nuair a thig sinn chun an Tiomhnadh Nuaidh gheibh sinn bho Phòl, agus e a'cur fa chomhair nan Colosianach riaghailtean beatha a'Chrìosdaidh, ciamar a bu chòir dhaibhsan a tha creidsinn iad fhèin a ghiùlain ann an dèiligeadh ri càch-a-chèile: "cuiribh umaibh innidh thròcairean, caomhalachd, irioslachd inntinn, macantas, fad fhulangas, a'giùlan le chèile agus a'maitheadh da chèile". Mas ann ri Pòl a tha sinn ri 'g èisdeachd - agus bidh sinn a 'cluinntinn tòrr de na thuirt e nach eil a leth cho cudthromach ris na riaghailtean beatha a chur e fa chomhair nan creidmheach a bha e a'teagaisg - 's iongantach leam gu bheil duine a bheireadh e fhèin às bho dhìteadh, ge bith dè cho diadhaidh 's a tha e ga smaoineachadh fhèin.
'S e dìleab luachmhor a chaidh fhàgail againn ann an litricheas agus dualchas na Gàidhlig agus 's math is fhiach dhuinn a chumail. Tha e na mhisneachadh mòr an ùrachadh a tha a'tighinn air cànain ar màthar anns an là a th'ann, agus am meas a tha a-nis air a'chànain ann an iomadach ceàrnaidh. Cha bheag den urram a bhuineas airson sin do na tha an sàs ann an saoghal na Gàidhlig - a'teagaisg, a'bàrdachd, is a'sgrìobhadh. Tha mòran obraichean an saoghal na Gàidhlig, gu h-àraid ann an craoladh, nach robh idir ann, can, fichead bliadhna air ais, agus 's math gu bheil Crìosdaidhean an sàs an sin cuideachd, oir cha mhisde obair sam bith an Crìosdaidh a bhith an sàs ann, mas fhiach an obair a dhèanamh idir.
Mas ann a'teagaisg a'chànain a tha an Crìosdaidh, tha seòladh aige air na h-amasan a tha air cùl teagaisg fhallainn: "ge be nithean a tha urramach, ge nithean a tha ceart, ge be nithean a tha fìorghlan, ge be nithean a tha ion-ghràidh, ge be nithean a tha ionmholta; ma tha deagh-bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin" (Philipianaich 4:8) - agus an uair sin fiach mar is fheàrr a thèid aige, gun dèanar iad. Am broinn na tha sin tha taghadh às a'chultair 's às an dualchas a bhuineas dhuinn as fhiach an teagaisg; òrain seinn, bàrdachd, rosg, deilbh-chluich, sgeulan goirid is fada, ceòl de iomadh seòrsa, agus gu leòir eile, a gheuraicheas inntinn, a ghluaiseas aignidhean, a dhùisgeas buadhan agus a bheir toileachas do na tha gan dèanamh, gan èisdeachd, is gam faicinn. Tha feadhainn ann a chanas nach eil càil aca an aghaidh a bhith a'teagaisg chuspairean mar sin agus daoine eile compàirt a ghabhail annta (mar ealain is cluich), ach nach bu chòir don Chrìosdaidh a bhith idir far am bheilear gan cleachdadh. 'S caomh leò a bhith a'faicinn 's a'cluinntinn air an telebhisean neo air an rèidio tòrr de na bhuineas dar dualchas, ach cha dùraig dhaibh a dhol far a bheil iad a'gabhail àite. 'S mòr a nì eagal dhaoine. 'Se feallsanachd glè mharbhtach a bha, agus a tha, fhathast, ann am feallsanachd nam Phairiseach.
Tro na linntinn a dh'fhalbh, bha mòran a bhuineadh do na h-eaglaisean, an Eaglais Shaor nam measg, ministearan is proifeasairean, a chuir gu mòr ri litreachas na Gàidhlig. Bha comasan mòran aca, lèirsinn farsaing, bàigh ris a'chànain, agus feallsanachd nach robh idir a'cur sgarraidh fharsaing do-leumte, eadar cùisean tìmeal is spioradail a bha luachmhor annta fhèin, a bha a'gluasad an aignidhean agus a bha toirt toileachas do luchd-leughaidh agus do luchd-compàirt. B'olc an airidh nach deach an cleachdadh-inntinn sin, a bh'air a gluasad gu ceòl, bàrdachd, is rosg le mìorbhaileachd na cruinne, le tachartasan neo-àbhaisteach, le beatha is bàs is eile, cho cleachdail an diugh a-measg luchd-eaglaise aig a bheil comasan is farsaingeachd inntinn a b'urrainn cur ri litricheas iomlan na Gàidhlig, còmhla ri dàin spioradail, mur bè an sgoltadh domhain a tha cuid de dhaoine a'fiachainn ri dhèanamh eadar cultair eaglaiseal agus cultair cànain anns an fharsaingeachd. Tha gu leòir a tha math anns gach raon. Chan e dè nach eil sinn a'dèanamh cridhe na diadhachd ach dè cho fada 's a tha gràdh Chrìosd gar co-èigneachadh agus dè cho mòr 's a tha an saoghal mar timcheall a'faicinn 's a'faireachdainn de thoraidhean an Spioraid nar n-obair 's nar caitheamh-beatha.
Saoilear air amannan gur ann a tha seòrsa de mhì-rùn aig cuid de phearsachan-eaglaise do na tha an sàs ann an saoghal na Gàidhlig, gu h-àraid do na bàird 's do na sgrìobhadairean eile nach eil air an aon ràmh riù fhèin. Cha chaomh leò an dealbh a tha iad sin, air uairean a'toirt air an diadhachd mar a bha 's mar a tha, anns na coimhearsnachdan far an do rugadh 's far an do thogadh iad, co-dhiù mar a bha iadsan ga fhaicinn. Bha am bàrd ainmeil, Burns, a'dèanamh an aon rud na là fhèin, agus cha bu mhò a bha sin a'còrdadh ri pearsachan-eaglaise an ama sin. Tha sinn uile, gu nàdarrach, saoilidh mi, rudeigin coltach ris an duine mu bheil an t-Abstoil Seumas a'sgrìobhadh, duine a tha ag amharc air aghaidh nàdarra fhèin ann an sgàthan agus, air dha beachdachadh air fhèin, a'dìchuimhneachadh dè an seòrsa duine a bha ann - na bheachd fhèin tha e cho math 's a ghabhas.
Chan eil a'Ghàidhlig an diugh cho siùbhlach ann an eaglaisean nan eileanan 's a bha i uaireigin, agus 'se call mòr a tha an sin, oir bha an cànan comasach air gluasad inntinn a'Ghàidheil gu spioradalachd nach dèan cànan eile gu bràth. 'S iomadh coinneamh-cheist 's na bliadhnachan a dh'fhalbh a bha na dhearbhadh air sin. Mar is motha bhitheas de Chrìosdaidhean ag obair, le òigridh is aois, tro dhualchas na Gàidhlig, "chan ann le seirbhis sùl mar dhream a tha a'toileachadh dhaoine, ach ann an treibhdhireas cridhe, ann an eagal Dhè", 's ann is cinntiche a bhitheas e gum bi ar cultur air a chumail cho fallainn 's a ghabhas agus 'sann is dualtaiche gum bi an òigridh air an tàladh chun an fhìor Chrìosdalachd.
back
|