Pearsa Chriosd Tha sinn a'cuir fàilte mhòr air an leabhar chudthromach seo bho pheann an t-Ollamh Urramaich Dòmhnall Macleòid. Chan eil teagamh nach e Crìosda na fìrinn a tha air a thoirt far comhair ann an seo. Tha dìomhaireachd do-labhairt co-cheangailte ris a'chuspair seo agus tha an t-iongantas sin a bhuineas a-mhàin dhàsan is e e fèin an t-Iongantach air a thoirt gu ar n'aire gu soilleir. Se ar guidhe gum bì an leabhar seo air a bheannachadh do mhòran agus nach bì e fada gus an nochd an tuilleadh bho làimh an t-ùghdair. |