Free Church of Scotland
 
Free Church of Scotland home
About the Free Church of Scotland
News & Events
Our Churches
Donate Online
Free Church Bookshop
Free Church College
Free Church College
Youth
Missions
Committees
Free Church magazines
Book of the Month
Todays Issues
The Forum
Resource Library
Links
Contact
   
 

Iacob A Ruith Bho Taigh Athair

Searmoin leis an t-Urr. Murchadh Macleòid, a'Chomraich, air Leabhar Ghenesis 28:10-19

Tha Iàcob ann an seo agus e a'ruith bho thaigh athair agus a bhràthair Esau, as dèidh a'cheilg a chaidh a chuir an gnìomh an sin eadar e fhèin agus a mhàthair Rebecca airson gum faigheadh e a'bheannachd ann an àite Esau a bhràthair bu shine, bho athair Isaac. Tha e air an t-slighe gu taigh Làban ann am Padan-àram agus stad e anns an àite seo agus e sgìth le thuras. Se Luds an ainm a bha air an àite ach an dèidh do Iàcob an fhèin-fhiosrachadh seo a bhith aige thug e Betel mar ainm air. Bha beatha Iàcoib làn de nithean a chuireas iongantas oirnn; rudan airson am mol sinn e agus nithean eile a chuireas bochdainn oirnn. Tha e fhèin agus Sìmon Peadair cho coltach ri chèile tràth nam beatha. Ach mas do sguir Dia le Iàcob, agus Criosd le Sìmon Peadair, bha iad nan daoine air an d'thàinig atharrachadh mòr agus a chleachd Dia airson adhbhar fhèin a thoirt air adhart.

Se seo a'chiad làimhseachadh aig Dia air Iàcob - agus nach iongantach na dòighean a chleachdas Dia airson coinneachadh ri shluagh fhèin agus sin a-chum am maith. Faodaidh an coinneachadh sin a bhith duilich agus anshocrach - ach, mar a thachair ann am beatha Iàcoib - 's ann aig Dia a tha am facal mu dheireadh anns a'chùis seo. Seallaidh sinn an toiseach ris an nì a chunnaic Iàcob; an uair sin na chuala e, san treas àite na dh'fhairich e agus, mu dheireadh, na rinn e.

An ni a chunnaic e

Dè a chunnaic e? Chunnaic e fàradh a'dol suas agus a'ruigheachd nèamh. An dèidh dha laighe sìos le clach bho cheann agus a'ghealach mar sgàil-bhrat aige mar chòmhdach, rùnaich an Dia mòr e fhèin fhoillseachadh da òglach tre bhruadair. 'S ann aig Dia as fheàrr tha fios dè an dòigh anns an tig e dar n-ionnsaigh. Ach, seall, 's ann eadar nèamh agus talamh a bha am fàradh; am bonn faisg air a'cheann anns an robh e na chadal agus mullach an fhàraidh a'ruigheachd nèamh - àite-còmhnaidh Dhè. Os cionn an fhàraidh, ag amharc, bha an Tighearna Iehòbhah nan sluagh. B'e Dia Abrahaim, Isaaic agus a-nis bha e a'tòiseachadh le Iàcob gus am bitheadh e air a ghairm mar Dia Iàcoib. Agus air an fhàradh bha aingil a'dol suas agus sìos mar gum bitheadh iad a'tighinn le naidheachd bho Dhia gu daoine.

An dùil dè rinn Iàcob dhan t-sealladh seo agus e cho talmhaidh agus cho cealgach agus nach eil càil na bheatha aig an àm seo a bheir dhuinn dòchas gu robh inntinn air nithean spioradail idir? Tha sinne den bheachd gu robh teagasg sònraichte air cùl na h-aisling seo. Dè bha sin? Bha an toiseach teagasg "Freasdal an Tighearna". Se esan an Tighearna a tha riaghladh os cionn nèamh agus talamh, agus se esan mar Dhia a tha ceangal nèamh agus talamh ri chèile. Tha na h-aingil a'frithealadh dha na naoimh a tha air ruighinn agus dhaibhsan a tha gun ruighinn fhathast. Tha na naoimh a tha bhos agus na naoimh a tha shuas ag amharc air an aon Chriosd agus tha esan ag amharc orrasan "le deagh-ghnùis làn do ghlòir". Tha a shùil orra an còmhnaidh - nì a bha fìor ann an eachdraidh Iàcob an seo. Bha Dia na bheatha agus tha e ann am beatha a h-uile Chrìosdaidh.

Còmhla ri sin tha dealbh againn an seo air obair Chrìosd mar eadar-mheadhonair na h-eaglais. 'S esan gu sònraichte an fhìor fhàradh a cheangail nèamh agus talamh ri chèile nuair a thàinig e nar nàdar a thoirt gu solas gu robh Dia ann an inntinn mhath a thaobh nan daoine a chruthaich e. Bha esan tre obair fear-ionaid a'dol a thoirt dhaoine pheacach a dh'ionnsaigh an Athair agus glòir tre an "t-slighe nuadh agus bheò a dh'fhosgail e fèin tren roinn-bhrat - sin tre fheòil fhèin". B'e seo slighe a dhùin an duine fhèin an uair a pheacaich e. Dh'fhosgail Crìosd slighe a dh'aon nèamh agus talamh ri chèile; an duine agus Dia. Se nì glòrmhor a tha seo - Dia, ann an Crìosd, a'dèanamh saoghal caillte rèidh ris fhèin tre bhàs a Mhic.

An ni a chuala e

Anns an dara h-àite chuala Iàcob Dia a'labhairt agus e ag ràdh - "Is mise an Tighearna, Dia Abrahaim d'athair agus Dia Isaaic". Bha Dia ga dhèanamh fhèin aithnichte dhà mar Dhia athraichean agus mar Dhia a'choimhcheangail agus mar Dhia a thug gealladh dhaibh air tìr agus oighre; agus, troimh an oighre, gineal. Bha an Dia seo a-nis a'bruidhinn ri Iàcob. An t-aon Dia a rinn iadson nan sluagh air leth bho gach sluagh eile anns an t-saoghal agus a bheannaich iad le sochairean agus geallaidhean mòra agus prìseil, gu sònraichte Abraham agus Isaac. An seo thug Dia dhà gealladh gum biodh e maille ris - "Feuch tha mise maille riut, agus glèidhidh mi thu anns gach àite don tèid thu, agus bheir mi a-rìs thu a dh'ionnsaigh na tìre seo". Nach iongantach an Tighearna - gealladh ga thoirt do Iàcob nach tigeadh cron sam bith air, agus gu leanadh maitheas an Tighearna e ge b'e càite am bitheadh e; tha e ag ràdh, "oir cha trèig mi thu gus an dèan mi an nì sin a labhair mi riut". Bha comhfhurtachd mhòr ann an seo do dh'Iàcob; an Dia mòr agus naomh a'tighinn cho dlùth air peacach agus a'gealltainn a ghleidheadh agus a bheannachadh.

Ach is beag seo an comas ris na geallaidhean prìseil a tha againn bhon t-soisgeul ann an Crìosd. Bha iadsan fada air chùl oirnne - cha robh iad a'faicinn ach gu "dorch mar tre ghloinne". Cho fad' sa tha sinne air ar gabhail a-steach tha againne uile gheallaidhean Dhè nan seadh agus nan amen ann an Iosa Crìosd. "Dia a labhair o shean gu minig, agus air iomadh dòigh ris na h-athraichean leis na fàidhean, labhair e anns na làithean deireannach seo rinne le a Mhac .. " Chan eil an còrr aig Dia ri ràdh ruinn; thubhairt se e ann an Crìosd; cha robh sin aca-san idir.

An ni a dh'fhairich e

Anns an treas àite seallaibh an nì a dh'fhairich e. Fhuair e criothnachadh. Dhùisg e as a chadal agus thubhairt e, "Gu cinnteach tha an Tighearna anns an àite seo, agus cha robh fhios agam air". Ghlac eagal e; bha e ann am fianais an Dè mhòir. Cha thachair sin gun fhios a bhith againn air. Far am bheil Dia, bidh faireachdaidhean agus faodaidh gum bi iad sòlasach; ach faodaidh nach bì. "Bha eagal ro-mhòr agus crith orm" thubhairt Maois. Agus tha na h-aingil fèin a'falach an gnùis. "Cia uamhasach an t-ionad seo!"

Agus còmhla ri sin bha e den bheachd gu robh e ann an saoghal eile - "Chan àit air bith seo ach taigh Dhè agus is e seo geata nèimh". Bha e air a thogail mar gum bitheadh bhon talamh gu saoghal eile. 'S tric a thachair sin do dhaoine ris an do choinnich Dia agi amannan àraidh nam beatha; shaoil iad gu robh iad ann an glòir fhèin. Leis an t-sealladh a fhuair iad air Crìosd, chaidh an togail suas agus cha robh iad air an talamh ann - bha iad air am fuasgladh bhon a h-uile càil a bha aca anns an t-saoghal. Anam a tha a'leughadh seo, na thachair sin dhut fhèin a riamh?

An ni a rinn e

San àite mu dheireadh bheir sinn sùil air an nì a rinn Iàcob. Thog e a'chlach a bha fo cheann agus dhòirt e ola oirre agus thug e Betel mar ainm air an àite - a'ciallachadh "Taigh Dhè". 'S ann mar sin a bha e dhà agus dha na h-uile ris an coinnich Dia na ghràs agus na thròcair. Chuir Dia urram air Iàcob. Nis, bha Iàcob a'cur urram air-san, agus chuir e suas càrn mar chuimhneachan air an oidhche bha siud, agus e a'ruith le eagal a bheatha bho Esau a bhràthair agus, faodaidh e a bhith, bho Dhia cuideachd. Ach fhuair Dia e na shuain chadal agus dh'fhoillsich Dia dha cò e, ach cha robh seo ach toiseach na h-obrach. 'S mòr na dh'fhèin-fhiosraich Iàcob fo làimh Dhè as dèidh seo, ach an seo cò-dhiù, dh'iarr e gum bitheadh làrach air an talamh air a chuir air leth mar chuimhneachan don an Tighearna, agus 's iomadh duine aig am bheil sin fhathast - làrach anns an do choinnich Dia riutha nach tèid as an cuimhne gu bràth.

Ach dè mu do dhèidhinn fhèin a tha a'leughadh seo? Na thachair Dia riut fhèin fhathast? Cuimhnich air a seo - mur a tachair e riut ann an tròcair, tachraidh e riut aig a'bhreitheanas, agus doras tròcair dùinte gu sìorraidh. 'S math dhan fheadhainn ris na choinnich e ann an gràs agus ris am bheil e air coinneachadh iomadh uair bhon uair sin airson am beannachadh. Chan eil coinneachadh ann coltach ris. 'S beannaicht' iadsan dan Dia an Tighearna. Cha tig iad gu bràth a-chum dìtidh, oir chaidh iad thairis bho bhàs gu beatha. Amen.