Free Church of Scotland
 
Free Church of Scotland home
About the Free Church of Scotland
News & Events
Our Churches
Donate Online
Free Church Bookshop
Free Church College
Free Church College
Youth
Missions
Committees
Free Church magazines
Book of the Month
Todays Issues
The Forum
Resource Library
Links
Contact
       
 

Muire Ag Ungadh Chriosd

Searmoin air Soisgeul Mharcuis 14:1-9

Nise tha iomradh againn air an sgeulachd seo ann am Mata 26 agus ann an Eòin 12, a thuilleadh air na tha Marcus ag innse dhuinn ann an seo. Tha 'n t-àm airson Crìosd a bhith air a bhrath 's air a cheusadh am fagus. Air Là na Càisge tha Uan Dhè gu bhith air ìobradh. Tha na h-àrd-shagairt 's na sgrìobhaichean ag iarraidh Iosa ghlacadh le foill 's a chuir gu bàs ach air cùlaibh na tha tachairt tha Làmh as àirde - comhairle chinnteach agus ro-eòlas Dhè. Tha iadsan ag ràdh, "chan ann air an fhèill, air eagal gun èirich buaireas am measg an t-sluaigh", ach tha àm Dhè a-nis air teachd - "tha fhios agaibh" thubhairt Iosa ri dheiscioblaibh, "gu bheil a'chàisg an dèidh dà là agus tha Mac an Duine air a bhrath a-chum a cheusadh". Sin ma-tà an t-àm a thagh am boireannach còir seo gu bhith a'foillseachadh a gràdh do Chrìosd. Mar as duirche a dh'fhaodadh freasdal a bhith coimhead sann glè thric is soilleire dh'fhoillsichear gràs Dhè nar beatha. Gun teagamh sin tha gabhail àite thaobh na mnatha tha ann an seo.

Beachdaichidh sinn còmhla ri chèile air trì nithean sònraichte.

An toiseachd - GNIOMH MHUIRE.

A-rìs - DIOMB NAN DEISCIOBAIL

San t-àite mu dheireadh - BEACHD CHRIOSD AIR A'CHUIS.

Gnìomh Mhuire

S a'chiad àite chì sinn mar a dh'ung i Crìosd. Ann am baile Bhetani astar Là Sàbaid a Ierusalem tha Crìosd agus a dheisciobail aig suipear ann an taigh Shìmoin maille, a-rèir Soisgeul Eòin, ri Marta, Muire agus Làsaras. An sin tha Muire a'tighinn agus a'dèanamh fianais shoilleir air a thaobh gun a bhith 'g ràdh aon fhacal. Chan e seo an aona turas a tha i dèanamh seo san fhìrinn. Nuair a bha e na dachaidh fhèin shuidh i aig a chasan, aig an uaigh ghuil i, ach ann an seo tha i ga ungadh. Tha Crìosd air a bhith fàidheadaireachd mu fhulangasan agus mu bhàs - 's dòcha nach do dh'aithnich duine ach Muire cho faisg air làimh sa bha na nithean sin. Gu h-iorasal, ach le cridhe làn creidimh 's a'cur thairis le gràdh tha i a'tarraing dlùth da Tighearna son urram a chur air. Tha i faighinn cothrom airson na tha aice mu dhèidhinn a dhèanamh soilleir - thòisich i ann an uaigneas a h-anam a'mealltainn 's a'sealbhachadh beannachdan mòra aig a chosan 's a-nise tha i a'fianaiseachadh air a thaobh.

Dè mur dèidhinn-ne? Mas aithne dhuinn e na biomaid dha àicheadh. 'S dòcha nach do thuig i na bha na rinn i a'samhlachadh gu spioradail - tha na nithean sin 's dòcha thar a tuigse - ach tha i a'dèanamh nas urrainn dhith. Dhòirt i na bha sa bhocsa air a cheann - ola spicnaird a bha air leth math agus luachmhor - cha do chum i càil air ais - ràinig na bha ann sios gu chasan oir, a-rèir Eòin, dh'ung i a chasan 's thiormaich i iad le a falt.

Bha an sgriobtar air a choilionadh "Am feadh a tha an rìgh aig a chuirm tha mo spicnaird a'sgaoileadh fàile cùbhraidh". Faodaidh sinn a ràdh an uair a shuidh i aig a chasan gun ghabh i ris mar fhàidh, nuair a thuit i aig a chasan air do Làsaras bàs fhaotainn gun ghabh i ris mar àrd-shagart, agus ann an seo gu bheil i a'gabhail ris mar rìgh. A bheil sinne gabhail ris mar sin? Dè an t-sealladh a tha againne air Crìosd? Ach nas cudthromaiche na sin tha i ann an seo a'foillseachadh a gràdh dha. A bheil sinne dèanamh seo nar beatha-ne? Tha esan ag iarraidh oirnn ar cuirp a thabhairt nam beò-ìobairt, naomh thaitnich do Dhia - nì as e ar seirbhis reusanta (ar n'adhradh spioradail).

Tha i a'dèanamh a dàimh sa dìlseachd do Chrìosd cho soilleir. A bheil sinne? A bheil sinne air ar co-èigneachadh le gràdh dha mar a bha ise? An e ar n'ùrnaigh-ne "tarraing mi; ad dhèidh ruithidh sinn"? "O nach mise bha ort fagus" - an e sin cainnt ar cridhe? Cha do leig ise le neach no le nì tighinn eadar i fhèin agus esan. A bheil sinne coltach rithe? Seallaibh air a bhuaidh a bha aig na rinn i; chan e a-mhàin gu robh e na fhàile cùbhraidh ann an cuinneanan Chrìosd ach lìon an taigh le fàile cùbhraidh na h-ola. Seo a tha tachairt nuair a tha ar gràdh dhasan air aideachadh leinn le ar bilean 's le ar beatha. Nuair a dh'aidicheas sinn e mar aon-ungta Dhè tha sin a'dèanamh feum dhuinn fhèin 's dha shluagh gu lèir. Se seo a bhuaidh a tha aca san a tha a'foillseachadh deagh fhàile eòlais Chrìosd anns gach àite - tha iad don aon dream nam boltrach bàis a-chum bàis agus don dream eile nam boltrach beatha a-chum beatha. Cò aig a tha fios de bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig d'aideachadh-sa air muinntir eile mar an ceudna?

Diomb nan Deisciobail

Ach san dara h-àite tha sinn a'leughadh nach robh a h-uile duine air an dòigh leis na rinn i. Bha na deisciobail diombach! Ged nach tubhairt iad smid an toiseach gidheadh annta fhèin seo a bha iad ag ràdh - "carson a rinneadh an t-ana-caitheamh seo air an ola?"

Dè tha sinne ag ràdh unnainn fhèin nuair a tha gràdh dhaoine eile do Chrìosd air fhoillseachadh? A bheil sinn a'meas gur e ana-caitheamh a tha ann an nì sam bi a tha air a thabhairt do Chrìosd? Cha bhiodh iadsan air a leithid de rud a dhèanamh - cha robh an gràdh do Chrìosd a'tighinn suas ris a'ghràdh a bha aice-se dha - bha iadsan a'saoilsinn cus dhiubh fhèin ged nach iarradh iad gu saoileadh daoine eile sin. Uime sin leig iad le Iùdas labhairt air an son - "Carson nach do reiceadh an ola seo airson trì cheud pèighinn, agus nach tugadh do na bochdan e? Tà seallaibh - tha Eòin ag innse dhuinn gun tubhairt e seo "cha b'ann a chionn gu robh suim aige do na bochdan; ach a chionn gum bu ghadaiche e, agus gu robh an sporan aige, agus gun do ghiùlan e na nithean a chuireadh ann." Sin a bha air cùlaibh nam briathran a labhair e - agus tha na deisciobuil eile toilichte Iùdas a bhith aca mar fhear-labhairt.

Cho furasda sa tha e eadhon do dh'fhìor shluagh Dhè a bhith gan cuir fhèin air taobh an t-Sàtain no co-dhiù a bhith gam falach fhèin air cùlaibh nam beachdan sin a dh'fhaodas daoine dorcha bhith cur an cèill ach a dh'fhaodadh a bhith coimhead cho fìor agus cho glic agus eadhon cho "Crìosdail"! Cho furasda sa tha e do fhìor Chrìosdaidh beachd cheàrr a ghabhail air a cho-Chrìosdaidh mar a tha tachairt ann an seo. Biomaid air ar faiceall - cuimhnicheamaid gur e gnè a ghràidh a bhith fialaidh - cha ghabh an gràdh farmad, cha smaoinich e olc sam bith. Bha iadsan diombach ach san àite mu dheireadh chì sinn beachd Chrìosd fhèin air na tha i a'dèanamh.

Beachd Chrìosd

Tha esan air a dhòigh leatha. Tha e ga dìon agus ga moladh airson na rinn i. Nuair a tha esan ga fìreanachadh, cò 's urrainn a dìteadh? Cha robh gnothaich aig duine 's gu seachd àraidh aig na deisciobail a bhith ga càineadh. Bha na rinn i math - àlainn, brèagha, iomchaidh agus ann an deagh àm. Rinn i e do Chrìosd agus uime sin do Dhia le rùn math.

Cha b'e seo rud a b'urrainn i dhèanamh a h-uile là ach bha an cothrom aca-san a h-uile là math a dhèanamh dha na bochdan - b'e sin an dleasdanas agus se fhathast dleasdanas nan uile a tha air an ainmeachadh air Crìosd. A bheil sinn gabhail gach cothrom a tha Dia a'toirt dhuinn gu bhith a'dèanamh an nì a tha math gach là agus gu bhith ga aideachadh gach cothrom a gheibh sinn?

'S iongantach mun do dh'aithnich i nach biodh a leithid seo do chothrom aice rithist? Nuair a tha cheist air a cur "Ciod a dh'ìocas mi don Tighearna airson a uile thiodhlacan dhomh?" an e freagairt do chridhe-sa, "ìocaidh mi mo bhòidean don Tighearna A-NIS an làthair a shluaigh uile"?

Aig toiseach na siathamh caibdeil deug tha sinn a'leughadh gun tàinig mnathan àraidh le spìosraidh deagh fhàile airson Crìosd ungadh, ach bha esan air èiridh - bha an cothrom seachad! Chan eil a-màireach air a ghealltainn do dhuine againn. Se a-nis an t-àm taitneach; là na slàinte. "An diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe".

Chreid Muire gun tugadh esan buaidh air a'bhàs 's gun tugadh e beatha na h-aiseirigh dha shluagh, uime sin bha a bhàs agus aiseirigh prìseil na sealladh-se. A bheil càil ann an diugh a tha cho luachmhor nad shealladh fhèin? Mur eil fiach gun aidich thu e mar a dh'aidich ise.

"Dè their esan ma nì mi seo?" tha thu ag ràdh. Uill, ann an seo tha Crìosd ag ràdh gum biodh an nì seo a rinn i air innse mar chuimhne oirre ge bè earrainn air bith, air feadh an domhain uile, anns am bi an soisgeul seo air a shearmonachadh. Tha an nì seo mar chuibhrionn den t-soisgeul agus bithidh gu deireadh tìm - "ach cuimhn' is iomradh math a chaoidh bidh air an fhìrean chòir - dhaibhsan a bheir urram dhòmhsa bheir mise urram". Eadar gum bi cuimhne aig daoine air ar fianais neo nach bì, bidh cuimhne Aige fhèin.

Gun deònaicheadh Dia dhuinne uile gràs gu bhith tabhairt urram dhà. Seo a tha air iarraidh oirnne a dhèanamh dhasan a dh'ung Dia le ola aoibhneis os cionn a chompanach agus mum bheil e air a ràdh, "de mhirr agus de alos agus de chasia, thèid fàile o thrusgan uile a-mach" mar a tha e againn ann an leabhar nan Salm:

A nighean, èisd is amhairc fòs,

is crom-sa sìos do chluas;

Taigh d'athar, is do mhuinntir fhèin

na cuimhnich à seo suas.

Gabhaidh mar sin an Rìgh làn-toil

dod àille thlachdmhor fhèin;

Oir 'se do Thighearn is do Thriath

thoir urram dha is gèill.