Free Church of Scotland
 
Free Church of Scotland home
About the Free Church of Scotland
News & Events
Our Churches
Donate Online
Free Church Bookshop
Free Church College
Free Church College
Youth
Missions
Committees
Free Church magazines
Book of the Month
Todays Issues
The Forum
Resource Library
Links
Contact
   
 

Is Ann Mar Sin A Ghradhaich Dia An Saoghal

Searmoin leis an fhear-deasachaidh air Soisgeul Eoin 3:16

Aig an t-àm seo den bhliadhna tha mòran air a ràdh mu theachd Chriosda chun an t-saoghal. Ann a bhith togail na ceiste "Carson a thàinig e idir?" saoilidh sinn nach eil briathran eile ann a tha cho solasach ri briathran ar ceann-teagaisg. Tha againn ann an seo brìgh, cridhe agus susbainnt an t-soisgeil. Chan eil earrainn eile ann a thatar a'cleachdadh cho tric rithe seo, gu h-àraidh nuair a tha sluagh an Tighearna ag oidhirpeachadh air a bhith fianaiseachadh fa chomhar dhaoine a tha fhathast gun eòlas air dòigh teàrnaidh Dhè ann an Iosa Criosd.

Se chiad rud a dh'fheumar a ràdh gur ann air GRADH a tha an cudthrom air a leagail. Tha seo soilleir on dòigh anns am bheil na briathran air an cuir sìos: OIR IS ANN MAR SIN A GHRADHAICH... Bheir sinn sùil air còig nithean ann an seo.

An toiseachd , se DIA a ghràdhaich! Tha Eòin ag ìnnse dhuinn ann an àite eile gur gràdh Dia; cha robh, chan eil, 's cha bhi àm ann anns nach eil seo fìor mu thimcheall-san. Ghràdhaich e o shìorraidheachd, uime sin cha robh tòiseachadh aig a'ghràdh seo ni motha thig crìoch air gu bràth. Cha b'ann air bhonn airidheachd sam bith a bha, a tha neo a bhitheas maille ruinne a ghràdhaich e. Chan eil e air a stèidheachadh air nì air bith a bhuineas do nàdar: cha robh e fo fhiachan sam bith, ach chuir se e fèin fo fhiachan. Chan eil e eadhon fìor gun ghràdhaich e sinn a chionn gum faca e gun tigeadh là anns an gabhadh sinne ris. Ma tha gràdh againn dhàsan 's ann do bhrìgh gun do ghràdhaich esan sinne air tùs. Cha robh leisg sam bith air a bhith gar gràdhachadh. Is ann o Dhia a tha gràdh mas le Dia sinne seo ar n-aideachadh, "Agus fhuair sinne aithne air agus chreid sinn an gràdh a tha aig Dia dhuinn. Is gràdh Dia; agus an tì a tha a'fantainn ann an gràdh tha e na chòmhnaidh ann an Dia, agus Dia annsan." Dè mar dèidhinn-ne ? An aithne dhuinne Dia? Bheil eòlas fhèin-fhiosrachail againne air gràdh sìorraidh?

Ach, a-rìs, chì sinn an nì a rinn Dia. Tha e air ìnnse dhuinn GUN TUG E A AON-GHIN MHIC FHEIN. Tha Pòl ga chuir mar seo sna Ròmanaich: "An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin ach a thug thairis e air ar son-ne uile". 'S a-rìs tha e ag ràdh gun do "chuir e a Mhac fhèin gu bhi na ìobairt-rèitich airson ar peacaidhean."

Gheibh gràdh ìnnleachd, agus seo far a bheil Dia "a'moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d'fhuiling Criosd bàs air ar son." Nuair a tha sinn a'cuimhneachadh a theachd don t-saoghal, na cailleamaid sealladh air an seo, gur ann gu bhi "sireadh 's a'teàrnadh an nì sin a bha caillte" a thàinig e.

Rinneadh coicheangal eadar Dia 's Aon Taghta - chuir Dia e fhèin fo fhiachan cùmhnantail, 's bha am Mac deònach agus toileach a bhith giùlain peacadh mhòrain - anam fhèin a thoirt mar èiric airson mhòrain. Ann an seo 's ann air Dia a bhith ga thoirt suas a tha an cudthrom air a leagail. Tha ann an seo mar gum biodh operation a'gabhail àite - sgian neo claidheamh ceartais Dhè air a leagail airsan. Bhon t-sealladh sin, b'i toil an Tighearna a bhruthadh 's a chuir fo àmhghar. Chan e gu robh e a'gabhail tlachd ann an àmhghar a'Mhic mar neach nach eil ag iarraidh ach a bhith ga lotadh 's ga sgiùrsadh, ach se bh'ann gu robh an Dia seo, ann a bhith gabhail cùram mu staid caillte na muinntir sin a chruthaich e na ìomhaigh fhèin, a'gabhail os làimh a bhith dèanamh na dh'fheumadh a bhith air a dhèanamh ann a bhith saoradh a shluagh fhèin om peacaidhean.

Chuala mi uaireigin gum bi an iolaire, nuair a tha a h-isein a'fulang le galair sònraichte, a'stialladh de fuil 's de feòil fhèin a-mach as a broilleach 's nuair a tha an t-isean òg a'deothail as a-sin air a shon fhèin, tha an galair air a leigheas. Tha Criosd ag ràdh ruinn "Is biadh gu fìrinneach m'fheòil, agus is deoch gu fìrinneach m'fhuil. Esan a dh'itheas m'fheòil-sa agus a dh'òlas m'fhuil-sa, tha e a'gabhail còmhnaidh annamsa agus mise annsan." Tha leigheas air fhaotainn airson galair a'pheacaidh.

'S e mhaitheas dhut gu gràsmhor caoin

gach peacadh annad fèin

'S e bheir dhut slàint', is furtachd fòs

od easlaintean gu lèir.

Do bheatha fòs o sgrios a'bhàis

's e dh'fhuasglas dhut gu pailt..

Le mhaitheas is le thìodhlacan

Sàr lìonaidh e do bheul:

'S tha d'òige air a nuadhachadh

mar iolair luath nan speur.

Nuair a bhitheas lannsair a'cuir a sgian air neach a tha tinn 's ann ann an dòchas a bhith sàbhaladh beatha bhitheas e, ach nuair a leag Dia a làmh air a Mhac 's ann a-chum 's gum biodh sinne bha marbh a'sealbhachadh na beatha maireannaich a rinn e seo - "thug e a aon-ghin Mhic fhèin".

Aig àm a'Chogaidh Mhoir bha e na chleachdadh aig na h-Aimeireaganaich nuair a chailleadh teaghlach aon de mic, a bhith cuir rionnag bheag san uinneag. Aon fheasgar bha gille beag a'coiseachd sìos na sràide còmhla ri athair 's bha athair ag ìnnse dha gu dè bha na rionnagan a bha e a'faicinn 's na h-uinneagan a'ciallachadh. An dràsda 's a-rìs chanadh am balach beag, "O seall, athair, thug iad siud mac," no "thug iad siud dithis mhac", no aig àmannan, "cha tug iad siud mac seachad fhathast." An ceann greis thàinig iad gu àite far nach robh taighean idir 's nuair a sheall an gille beag suas dhan adhair chunnaic e an iarmailt làn de reultan. "O seall athair", ars' esan, "feumaidh gun tug Dia seachad a h-uile mac a bh'aige!" "Tha thu ceart," ars' athair ris, "thug Dia dha-rìribh seachad an aon Mhac a bh'aige". 'S an sin threòraich e aire a ghille gu briathran ar ceann-teagaisg: "Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin".

Tha seo gar toirt san treas àite gu bhith faighneachd "Cò air son an tug Dia thairis e?" Tha ar n-earrainn ag ràdh gur ann airson an t-saoghail. Dè tha sin a'ciallachadh? Saoilidh sinn gu bheil co-dhiù dà nì air a ghabhail a-staigh le seo. An toiseachd tha na briathran seo a'cuir an cuimhne nan Iudhach nach ann dhaibhsan nan aonar a tha an soisgeul. Bha iad buailteach a bhith dèanamh uaill a chionn's gu robh Dia air an taghadh a-mach as gach sluagh eile, 's tha fhathast cuid coltach riutha-san a bhitheas eadhon nar latha fhèin ag ràdh "Seo sinne - cò tha coltach ruinn?" Tà, tha an earrainn seo ag ìnnse dhuinn nach iad idir na h-Iudhaich a-mhàin a ghràdhaich Dia. "Searmonaichibh an soisgeul do gach dùil", tha Criosd ag ràdh. Tha gràdh Dhè a'ruigheachd a dh'ionnsaigh nan Cinneach. Is e soisgeul Chriosd "cumhachd Dhè a-chum slàinte do gach neach a chreideas, don Iudhach air tùs agus mar an ceudna don Ghreugach."

Bha Pòl ga fhaicinn fhèin mar neach a bha "fo fhiachan araon do na Greugaich agus do na daoine borba, araon dhaibhsan a tha glic agus dhaibhsan a tha neo-ghlic." Nach math gun tig iad "on àird an ear 's on àird an iar, agus on àird a tuath agus deas, agus suidhidh iad ann an rìoghachd Dhè." Ma tha sinne coltach ri cuid de na h-Iudhaich a'smaoineachadh gu bheil sinne os cionn chàich a chionn's gu bheil sochairean cho mòra againn, tha Criosd a'rabhadh, "Agus, feuch, tha daoine air dheireadh a bhios air thoiseach, agus air thoiseach a bhios air dheireadh".

Bidh a shluagh fhèin aig Dia as gach àite oir tha Eòin ag ràdh seo mu dhèidhinn Chriosd: "Agus is esan an ìobairt-rèitich airson ar peacaidhean, agus chan ann airson ar peacaidhean-ne a-mhàin, ach mar an ceudna, airson peacaidhean an t-saoghail uile." Ach, tha nì eile air a chiallachadh leis an fhacal "saoghal" cuideachd, agus se sin seo: b'e daoine saoghalta a ghràdhaich e. Tha a'chaibdeil seo ag ìnnse dhuinn gun ghràdhaich daoine an dorchadas nas mò nan solas a chionn's gu robh an gnìomharan olc. Thuit an duine air falbh o Dhia gu staid fìor-ìosal thruagh, gidheadh tha Pòl ag ràdh gu bheil "gràdh Dhe air a dhòrtadh a-mach nar cridheachan tren Spiorad Naomh a thugadh dhuinn; oir air dhuinn a bhith fhathast gun neart ann an àm iomchaidh bhàsaich Criosd airson nan daoine neo-dhiadhaidh." Nuair a bha sinn fhathast nar peacaich - nar naimhdean - dh'fhuiling Criosd bàs air ar son.

Aig àm na Nollaige seo an teachdaireachd a th'againn do dhaoine - mar aig gach àm eile den bhliadhna - "Is fìor an ràdh seo, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gun tàinig Iosa Criosd don t-saoghal a theàrnadh pheacach, dem mise an ciad-fhear." "Cha tàinig mise a ghairm nam fìrean ach nam peacach a-chum aithreachais."

Bha an Dotair Barnado aon uair a'coiseachd a-muigh nuair a dh'eugh balach beag salach air, 's dh'iarr e air àite thoirt dha ann an aon de na dachaidhean a bh'aige air a chuir air chois dha na bochdain. "Chan eil fhios agamsa air càil mud dhèidhinn" ars' an Dotair, "dè th'agad airson dearbhadh dhomhsa gum bu chòir dhomh àite thoirt dhut?" "Bha dùil agam gum biodh seo gu leòr," ars' an gille 's e toirt sùil air na luideagan salach a bha ga chòmhdach. Ghabh Dotair Barnado ga ionnsaigh e's fhuair e àite 'n aon de na Dachaidhean aige. Gu cinnteach 's ann ann an luideagan salach na fèin-fhìreantachd a tha sinn uile a thaobh nàdar mar thoradh air a'pheacadh, ach tha fìreantachd ann a tha o Dhia tre chreideamh.

Tha sin gar toirt gus an ath phuing - feumaidh sinn gabhail ris tre chreideamh. Tha ar n-earrainn ag ràdh, "A-CHUM IS GE BE NEACH A CHREIDEAS ANN". Mar a chuir Horatius Bonar e uaireigin: Ge b'e neach .. is e sin thusa! Ge b'e neach a chreideas - an e sin thusa?" Aig an àm seo bi sinne cuir a-mach ar làmhan 's a'gabhail nan tìodhlacan a bhitheas daoine toirt dhuinn gu saor. Chan iarramaid a bhith goirteachadh na muinntir sin a tha tairgse nithean dhuinn ann an gràdh. Ciamar idir is urrainn dhuinn a bhith diùltadh saor-thìodhlaic Dhè, a bheatha mhaireannach tre Iosa Criosd ar Tighearna? Chan e "leum anns an dorchadas" a tha ann an creideamh idir ach "ceum anns an t-solas." "As eugmhais creideamh chan eil e comasach a thoileachadh, oir is èigin don tì a thig a dh'ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh'iarras e gu dìcheallach." Tha ar n'earrainn ag ràdh - "a chreideas ANN". Se sin anns a'Chriosd a tha an diugh air a thairgse dhuinn gu saor anns an t-soisgeul. Don neach a chreideas tha e luachmhor. S ann annsan 's anns na rinn e a tha iad seo a'cuir an dòchas gu h-iomlan; chan eil dòchas ann dhaibh an taobh a-muigh de dh'obair chrìochnaichte Chriosd, 's tha iad uile làithean am beatha "a' gluasad a-rèir creidimh agus chan ann a-rèir seallaidh." Nach math dhuinn a bhith cuimhneachadh mas le Dia sinn gur ann le gràs a tha sinn air ar teàrnadh tre chreideamh - agus sin chan ann uainn fèin: is e tìodhlac Dhè e.

Thusa tha leughadh seo, a tha fhathast gun chreideamh - se tha ann an creideamh tìodhlac Dhè. Carson a-rèisd nach gabh thu ris agus e a'cuir creideamh agus slàinte shìorraidh nad thairgse? Seo an aon dòigh san urrainn dhuinn a bhith ann an dàimh cheart ri Dia, 's uime sin deiseil airson na sìorraidheachd. Tha Pòl ag ràdh "uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreidimh tha sìth againn ri Dia tre ar Tighearna Iosa Criosd."

San àite mu dheireadh tha sinn a'leughadh an seo mun neach a chreideas "NACH SGRIOSAR E ACH GUM BIODH A BHEATHA SHIORRAIDH AIGE." Se seo a tha a'dèanamh gach nì cho cudhthromach. Tha an fheadhainn nach creid gu bhi air an sgrios. Tha iad air an dìteadh cheana a chionn nach do chreid iad. Tha iad a'dèanamh uilc, a'toirt fuatha don t-solas. Tha an gnìomharan olc.

An ann mar seo a tha thusa? Tha an t-àm am fagas 's an abair Dia , "An tì a nì eucoir dèanadh e eucoir a ghnàth agus an tì a tha salach biodh e salach a-ghnàth." Chan eil teagamh nach eil Criosd ag ìnnse dhuinn gun imich cuid a-chum peanas sìorraidh. Tha a bhith ag àicheadh seo an t-aon nì ri bhith 'g àicheadh brìgh an t-soisgeil, oir mar eil ifrinn ann- dè a dh'fhuiling agus carson a dh'fhuiling Criosd nuair a ghlaodh e a-mach air a'chrann, "Mo Dhia, mo Dhia carson thrèig thu mi?"

Mur h-e toillteanas peacaidh a shluaigh a bha esan a'fulang tha crann-ceusaidh Chalbhari mar an euceart is motha bha riamh ann an eachdraidh

an t-saoghail - cha ghabh e bhi air fhìreanachadh bho shealladh Dhè fhèin, mur eil e fìor gur h-e th'againn ann an seo ach am fìrean a'fulang aon uair airson pheacaidhean, airson an neo-fhìrean, a-chum gun tugadh e sinne gu Dia.

Sin agaibh e! "Gum bi a'bheatha shìorraidh aige" - beatha Dhè againn nar n'anam; eòlas againn air an aon Dia fìor agus air Iosa Criosd a chuir e uaith. Seo an adhbhar airson an tàinig e: "chan ann a-chum gun dìteadh e an saoghal, ach a-chum gum biodh an saoghal air a shaoradh trìd-san."

Ann a-measg gleadhraich na Nollaige càite bheil sinne seasamh ann an solas na teachdaireachd seo? Ann a bhith faighinn eòlas airsan tha òglach fìreanach an Tighearna fìreanachadh mhòrain oir ghiùlain e an euceartan.

Seo aideachadh sluagh an Tighearna:

'S mò chuir thu dh'aoibhneas ann am chrìdh'

na'n uair as lìonmhoir coirc,

No aca siud, as saoibhre fìon

A'cinneachdainn gun airc."

A bheil thusa 's mise a-measg na muinntir seo? Càite bheil sinne nar seasamh ann an solas nam briathran seo? Càite bheil sinn nar seasamh ann an solas na sìorraidheachd?