Free Church of Scotland
 
Free Church of Scotland home
About the Free Church of Scotland
News & Events
Our Churches
Donate Online
Free Church Bookshop
Free Church College
Free Church College
Youth
Missions
Committees
Free Church magazines
Book of the Month
Todays Issues
The Forum
Resource Library
Links
Contact
   
 

Teachdairean Agus Sluagh

Beagan smuaintean leis an fhear-deasachaidh air 1 Tesalonianach 2:7-9

'S iomadh beachd a tha aig sluagh air an cuid theachdairean agus's iomadh beachd a tha aig teachdairean air sluagh san latha sam bheil sinne beò! Ceart no ceàrr 's ged dh'fhaodadh na beachdan sin a bhith tha e soilleir gu bheil cuid ann aig am bheil gibhtean sònraichte a thaobh a bhith cuir eaglaisean air chois, 's cuid eile a tha nas fheàrr air a bhith togail suas sluagh Dhè, 's gan daingneachadh sa chreidimh.

Tha Pòl na litir gu eaglais Ephesuis ag ìnnse dhuinn gun tug Dia "dream àraidh gu bhith nan abstoil, dream eile gu bhith nam fàidhean; agus dream eile gu bhith nan soisgeulaichean; agus dream eile gu bhith nan aodhairean agus nan luchd-teagaisg; a-chum nan naoimh a dheasachadh a-chum obair na ministrealachd, a-chum togail suas corp Chriosd." Gidheadh, saoilidh sinne gu robh e fhèin air a chleachdadh leis an Tighearna chan ann a mhàin ann a bhith cuir eaglaisean air chois ach mar an ceudna ann a bhith gan togail suas. Tha seo gu cinnteach fìor a thaobh a mhinistrealachd ann an Tesalonica.

Dh'iarrainn smaoineachadh air trì nithean ann an dàimh ri seo. An toiseach chì sinn A CHAITHEAMH BEATHA NAM MEASG, a-rìs, AN CEANGAL A BHA EATORRA, agus mu dheireadh A CHRIOCH A BHA AIGE SAN AMHAIRC GAN TAOBH. Mus tèid sinn nas fhaide feumar a ràdh gu robh na bha fìor mun abstol a cheart cho fìor mu na bha còmhla ris oir tha e gan cunntadh san maille ris fhèin le bhith cleachdadh na facail "sinn" agus "ar" a-rìs agus a-rìs ann an seo. Uime sin tha sinn a'tuigs gum bu chòir do sheirbhisich an Tighearna air fad a bhith mar seo.

A chaitheamh beatha nam measg

Sa chiad àite tha e ag ràdh, "bha sinn caomh nur measg." Bha sin mar thoradh air gràs an Tighearna, oir is e caomhalachd toradh an Spioraid. Dh`fhaodadh e ùghdarras a chleachdadh mar abstol ach an àite bhith leagail cudthrom air a-sin bha e air a chomharrachadh le caomhalachd.

Carson? Tha a chionns, mar tha againn ann an 2 Tim 2:24, gu feum òglach an Tighearna a bhith "ciùin ris na h-uile dhaoine, ealamh a-chum teagaisg , foighidinneach." B`ann tre mhinistrealachd den t-seòrsa seo a bhith aige-san a choisinn Dia na Tesalònianaich dhà fhèin agus a chaidh an togail suas nan creideamh ro-naomh.

Nach eil leasan ann an seo dhuinne? Tha e air ìnnse dhuinn mu Chriosda, "mar bhuachaille beathaichidh e a threud; le a ghàirdean cuartaichidh e na h-uain, agus giùlainidh e iad na uchd; iomainidh e gu sèimh an sprèidh a tha trom le h-àl". Saoil nach bu chòir do sheirbhisich an Tighearna air fad a bhith coltach ris fhèin a thaobh an dòigh sam bi iad gan giùlain fhèin nam ministrealachd? A bheil sinne iriosal, bàigheil, foighidneach? Bha esan. An fheadhainn a tha searmonachadh an fhacail `s fheudar dhaibh a bhith "dùrachdach ann an àm agus ann an an-àm; spreig, cronaich, earalaich " ach dèanamaid sin "leis an uile fhad-fhulangas agus theagasg."

Cuideachd bha e nam measg! Cha b`ann idir air falbh uapa ach còmhla riutha - ged a tha amannan ann airson a bhith air leth nach eil fhios gum feum buachaille a bhith a-measg na treud? Ciamar a gheibh e eòlas orra mur eil e far am beil iad fhèin - "dèanamh gàirdeachas MAILLE RIUSAN a tha ri gàirdeachas, agus caoidh MAILLE RIUSAN a tha ri caoidh."

"Oir is cuimhne leibh, a bhràithrean ar saothair agus ar sgìos." Bha seo air làrach a dhèanamh orra. Bha e le bhith mar seo air fianais a thogail nam measg air taobh an Tighearna le chaitheamh-beatha. Cha b`urrainnear a chuir as a leth gu robh e leisg, dìomhain. Bha e dripeil a thaobh nithean tìmeil - gan dèanamh mar don Tighearna. A thuilleadh air a-sin bha e air an giùlain air mhodh spioradail - b`aithne dhàsan dè bh`ann an saothair Shioin. Mar a chuir Isaiah e o shean, "cha bu luaithe bha Sion ann an saothair na rug i a clann." B`e sin fiosrachadh an abstoil cuideachd - `s gann gu bheil fèin-fhiosrachadh eile ann a tha cho èiginneach agus an uair sin cho sòlasach ri seo. An aithne dhuinne cò ris a tha seo coltach nar n`eachdraidh spioradail gach cuid gu pearsanta agus mar shluagh? Saoil nach eil seo gu ìre mhòir air chall an diugh nar measg? Nam biomaid-ne mar seo cha bhiodh na nithean beaga sin leis am beil sinn cho tric air ar beò-ghlacadh a`dèanamh mòran dragh dhuinn.

Bha Pòl 's na bha còmhla ris "ri obair a dh'oidhche agus a là" ann an Tesalonica. O mhoch gu dubh, o èirigh gu laighe grèine - gun sguir. Cha chanadh duine mu dhèidhinn-san nach robh e ag obair ach uair-a- thìde no dhà san t-seachdainn! Cha ghabhadh e fois ma bha obair ri dhèanamh - 's bha obair ri dhèanamh! A'chàirdean tha an oidhche teachd, nuair nach urrainn aon duine obair a dhèanamh. Tha sinne cho dripeil a 'dèanamh siud 's a' dèanamh seo, 's tha e iomchaidh gum bi sinn dleasdanach a thaobh mòran nithean sa bheatha seo, ach feumar a bhith cinnteach gur ann 's na nithean sin a tha toileachadh Dhe a tha sinn a-sàs. "Na sgìthicheamaid de mhath a dhèanamh; oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura fannaich sinn." Gun teagamh bhuain an t-abstol 's na bha còmhla ris ann an Tesalonica. Bha a chaomhalachd follaiseach 's bha mòran air am beannachadh le Dia troimhe. 'S cinnteach gur e seo an seòrsa teachdairean a tha a'toileachadh Dhè. A' dol air ais gu 2 Tim 2; 24, "Chan fhaod òglach an Tighearna a bhith connspoideach; ach ciùin ris na h-uile dhaoine". Chan ann mar thighearna bha Pòl os cionn oighreachd Dhè, ach mar neach a bha na eiseimpleir don treud. Sin an seòrsa caitheamh beatha a bha aige 's as còir a bhith aig uile sheirbhisich an Tighearna anns gach linn. Seo an seòrsa caitheamh-beatha a tha glòrachadh ainm an Tighearna air an talamh.

An ceangal a bha eatorra

Tha e ag ràdh gu robh e a'dèiligeadh riuth "amhail a dh'altramas banaltram a clann fhèin." Abair dàimh eadar teachdaire agus sluagh! Tha seo a' cuir nar cuimhne an nì a thuirt Maois a-thaobh Israeil, "Am mise a ghin an sluagh seo uile? An ann dhomh a rugadh iad, gun abradh tu rium, Giùlain ad uchd iad (mar a ghiùlaineas oide-altraim leanabh na cìche) a-chum an fhearainn a mhionnaich thu dan athraichean?" Bha dàimh sònraichte eatorra agus tha seo fhathast fìor ann an eachdraidh sluagh an Tighearna. Nuair a tha seo ann 's iomadh dòigh anns an taisbein e e fhèin ach ann an seo 's ann gu sònraichte mar thoradh air gu robh mòran ann an Tesalonica a bha air eòlas fhaotainn air Slànaighear tre a shaothair-san a bha seo fìor.

Tuigidh sinn seo ceart gu leòr ach tha e eu-comasach dhuinne a thuigs' cionnas a tha feadhainn a tha ag aideachadh gun deachaidh am beannachadh tre shaothair cuid a theachdairean an Tighearna an uair sin comasach air a-bhith a'tionndadh nan aghaidh - nì a tha a'tachairt ro thric nar latha 's nar linn. Cha leig sinn a leas a bhith ag aontachadh mun a h-uile puing ach chan eil sin a' 'toirt lethsgeul dhuinn airson a bhith taisbeanadh naimhdeas! Gu nàdarra cha bu chòir gun tionndaidheadh sinne chaoidh an aghaidh nam muinntir sin on d'fhuair sinn am bainne; 's cinnteach gum bu chòir seo a bhith fìor cuideachd a thaobh ar dàimh riutha-san tren d'fhuair sinn, mar thoradh air gràs an Tighearna, a bhith blasad de bhainne fìorghlan an fhacail.

Sin mar a bha ann an seo. Bha an dàimh cho làidir 's gu robh e fìor nuair a bha iadsan air an geur-leanmhain gu robh Pòl a'faireachdainn sin cuideachd. Bha e dhaibh mar athair 's mar mhàthair - bha e gam faicinn mar a chlann fhèin - cha b'ann airson tuarasdal ach mar thoradh air an gràdh a bha aca da chèile a bha iad seo air am faotainn mar gum biodh na uchd.

"Air a bhith dhuinne ro-dhèidheil oirbh-se." Seallaibh cho sònraichte sa bha seo -"RO -dhèidheil." Chaidh an toirt dhà - dh`iarr e gum biodh iad air an teàrnadh `s thachair sin. Nise tha e ag iarraidh gum fàs iad ann an gràs `s ann an eòlas air Criosd `s tha e tre ghràs Dhè a`dèanamh nas urrainn dhà `s a`sgrìobhadh thuca gu pearsanta. Seallaibh cho pearsanta `s a tha an ceangal - `s ann mun timcheall-san a tha e a`bruidhinn.

An urrainn dhuinne a bhith a`cleachdadh briathran den t-seòrsa seo ri chèile nar n`eaglais fhein? Mur a h-urrainn tha rudeigin ceàrr ` s mas cuir sinn coire air duine eile tòisicheamaid uile leinn fhèin! A bheil sinne dèidheil air a chèile - mur a bheil cionnas idir as urrainn dhuinn a bhith RO-dhèidheil air a chèile? A bheil sinne a `sireadh math spioradail càch-a-chèile; ma tha, bidh sinn a`guidhe gach mathas eile do chàch-a-chèile mar an ceudna!

Ach cuideachd tha e ag ràdh "gu robh sibh ro-ionmhainn leinn." Siud am facal beag ud a-rìs - "RO." Bha iad nan sluagh sònraichte na shealladh-san a chionns gu robh ceangal sònraichte eatorra. Tha e air ìnnse dhuinn gu robh triùir ann de na deisciobail a b`ionmhainn le Iosa. Nuair a tha seo againn ga fhiosrachadh ann an eaglais Dhè bidh saothair agus sgìos na chois dìreach mar a bha ann an seo ann am fèin-fhiosrachadh an t-abstoil. Gidheadh saoilidh sinn gun can gach neach dan aithne seo gur math as fhiach e an saothair agus an sgìos seo, amhail a chanadh pàrantan gràdhach sam bith an dearbh nì a thaobh an dàimh phearsanta rin cuid chloinne fhèin.

An tuig sinne an diugh dè a tha ann an ceangal den t-seòrsa seo a bhith eadar teachdaire agus sluagh? Mur a tuig nach ann oirnn a thàinig an droch là? Nach eil làn thìd` againn a bhith ag iarraidh air an Tighearna gum biodh a-leithid seo air fhiosrachadh leinn a-rìs as gach ceàrnaidh dar n`eaglais fhèin agus anns an eaglais anns an fharsainneachd? Gun teagamh tha feum air ceanglaichean spioradail a bhith air am faotainn nar measg mar a bha fìor mun eaglais ann an seo.

A'chrìoch a bha aige san amhairc

Tha e a'dèanamh soilleir an toiseach gum bu toileach leis fhèin 's le na bha còmhla ris soisgeul Dhè a phàirteachadh riutha. Bha seo a chionns gu robh fios aige gum b'e an soisgeul cumhachd Dhè a-chum slàinte do gach neach a chreideas. Rachadh e troimh rud sam bith airson an t-soisgeil a thoirt thuca. A bheil sinne coltach ris? A bheil sinne taingeil gu bheil iad ann a tha air an cuir a-mach leis an t-soisgeul? A bheil sinne a'gabhail ris an t-soisgeul? An deach a phàirteachadh ruinne gu pearsanta? Seadh, a phàirteachadh. Am b'urrainn dhuinn a bhith beò as aonais? A bheil toil againne a bhith ga phàirteachadh ri muinntir eile? A bheil sinne a'dèanamh gàirdeachas nuair a tha Criosd air a shearmonachadh eadhon leotha-san nach eil ach ann an coslas a-mhàin? Nuair a tha Criosd air a thogail suas fa chomhair dhaoine a bheil sinne taingeil agus toilichte? A bheil sinn ag iarraidh gum biodh e air a bheannachadh do dh'anamaibh neo-bhàsamhor? A bheil sinne toileach gum biodh an soisgeul air a shearmonacahdh do gach dùil? Dè tha sinne a'dèanamh mu na tha de dhaoine nar dùthaich, seadh eadhon nar Gàidhealtachd 's nar n'eileanan do nach aithne an làimh dheas seach an làimh chlì gu spioradail? Nach e seo a bu chòir a bhith na uallach oirnn? An e seo dùrachd ar cridhe agus ar n'ùrnaigh ri - Dia - gum biodh iad air an teàrnadh? Mur a h-e, tha sinn fada a-mach as an àite san robh na bha saothrachadh ann an ainm an Tighearna ann an Tesalonica!

Ach cha b'e mhàin an soisgeul a bha iad toileach a bhith pàirteachadh riutha -"ach mar an ceudna ar n-anamaibh fhèin." Thuigeadh Pòl dè bha Criosd a'ciallachadh nuair a thuirt e, "Gràdh as mò na seo chan eil aig neach air bith, gun leigeadh duine anam sìos airson a chàirdean." Bha a mhiann a bha seo cho làidir ' s gu robh e a'faicinn gum b'e seirbheis reusanta seirbhisich Dhè, ('s tha a h-uile Crìosdaidh na sheirbhiseach!), an cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia. Anns na Ròmanaich tha e a'dol cho fada 's gu bheil e ag ràdh gun guidheadh e e fhèin a bhith dealaichte o Chriosd, airson a dhàimhean, a luchd-dàimh a thaobh na feòla! Tha e soilleir gu robh e deònach a dhol troimh ghàbhadh sam bith, agus eadhon troimh'n bhàs fhèin cho fada 's gum biodh iadsan a compàirteachadh den t-soisgeul. Bha e air a ghluasad le gràdh 's le truas. Bha e airson gum biodh iadsan a'mealltainn beannachdan an t-soisgeil ge b'e dè na fulangasan a bhiodh aige fhèin 's aig na bha còmhla ris. A bheil ar miann-ne cho làidir sa bha am miann-san a thaobh maith sìorraidh anamaibh neo-bhàsmhor?

Cha robh e son "gun cuireamaid trom air neach sam bith" aca. Gus nach biodh duine, bochd no beartach a`cuir as a leth gu robh e a`cuir eallach sam bith orra nach b`urrainn dhaibh a ghiùlain, rinn e cinnteach tre shaothair ann an nithean tìmeil (a thuilleadh air a shaothair ann an nithean spioradail) nach biodh a bheòshlaint an crochadh orra-san. Ged a tha e fìor gu bheil am fear-obrach airidh air a thuarasdal agus gun dh`òrdaich an Tighearna mar an ceudna dhaibhsan a tha a`searmonachadh an t-soisgeil, an teachd-an-tìr fhaotainn on t-soisgeil, gidheadh chan iarr fìor sheirbhisich an t-soisgeil a bhith a`cuir trom air neach sam bith. Tha seo a`gabhail a-steach troman de gach seòrsa ach a mhàin na tha air a chiallachadh le Criosd fhèin nuair a tha e ag ràdh, "Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh agus foghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iorasal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n-anaman. Oir tha mo chuing-sa so-iomchair, agus tha m`uallach aotrom."

Bha gille beag ann uaireigin agus dh'iarr athair air leabhar mòr trom fhaighinn dhà agus a thoirt thuige suas an staidhre. A chionn's gu robh gràdh aige air athair rinn an gille beag a dhìcheall ach dh'fhailich air. Air dhà sùil a thoirt suas chunnaic e athair aig mullach na staidhre agus e ag amharc air le sùil thruasail. An sin ruith athair sìos agus thog e an gille, leis an leabhar na làimh, suas gu mullach na staidhre. Mar sin chaidh aig a'ghille air toil athair a choilionadh ann an neart athair. Saoilidh sinne gum b'ann san spiorad sin a bha Pòl ann an Tesalonica agus bu chòir gum biodh an spiorad ceudna againne ann an dàimh ri càch a- chèile san eaglais.

Thòisich sinn le bhith ag ràdh gur h-iomadh beachd a tha aig sluagh air teachdairean 's gur h-iomadh beachd a tha aig teachdairean air sluagh nar latha-ne, biodh iad sin ceart no ceàrr. Aig a cheann thall se beachd an Tighearna a tha cunntadh - 's nach math gur h-e? Tha a bheachd san cothromach agus ceart. A'cuimhneachadh gur ann dhàsan a bheir sinne cunntas 's gur èiginn dhuinn uile a bhith air ar nochdadh an làthair cathair-breitheanais Chriosd, bu chòir dhuinn a bhith mar a bha an abstol "a'dèanamh ar dìchill, a-chum cò aca a bhios sinn an làthair no air choigrich, gum bi sinn taitneach dhàsan." Tha na earrainnean a leanas ann an seo a'daingneachadh na smuaintean seo gu ìre nach gabh cur nan aghaidh - "Is fianaisean sibhse, agus Dia, cia naomh, agus cia cothromach, agus neo-lochdach a ghiùlain sinn sinn fhèin nur measg-se a tha a'creidsinn: mar as aithne dhuibh cionnas a dh'earalaich sinn, agus a thug sinn comhfhurtachd, agus a chuir sinn impidh air gach aon agaibh fa leth (mar a nì athair ra chloinn), gun gluaiseadh sibh gu cubhaidh do Dhia, a ghairm sibh a-chum a rìoghachd agus a ghlòire fhèin." Gum biodh sin fìor a thaobh teachdairean agus sluagh anns gach àite air sgàth Chriosd. Amen.