O Shaoghal Seo Lan Mheallaidhean
Anns an dàn seo tha iomradh air a dhèanamh leis an Dotair air an fheum a tha aig clann nan daoine air gum bitheadh Criosd aca nam beatha.
O shaoghal seo làn mheallaidhean is geallaidhean gun bhrìgh
Aon ghealladh cha tèid a choilionadh ach clann nan daoin` a chuir a dhìth
Oir comas chan eil agadsa - a riamh cha robh `s cha bhi
Ach ar fàgail-ne nas falamh na nuair a thàinig sinn a thìm.
`S ged lomnochd a thàinig clann nan daoine don an t-saoghal
Bha dòchas ann gun coinnicheadh iad an seo ri mac an rìgh
`S esan `s ùghdar beannaichte do gach uile bheannachd tìm
Is beannachdan son sìorraidheachd `s ann uaith a tha gach aon.
O a Spioraid bheannaichte nach tig thu nuas bho nèamh
`S nach seall thu dhuinn an cunnart `s a bheil clann nan daoin` gu lèir
Is lannan bàis is peacaidh orr` `s iad làn don uile chreuchd
Is sìorraidheachd gun dòchas dhuinn gach là a`fosgladh beul.
Bhàsaich thu is dh`fhuiling thu bàs molaichte nar n-àit`
Sin cheangladh dhuit o shìorraidheachd an coicheangal nan gràs
Oir ghràdhaich thu o bhithbhuantachd clann cheannairceach a bhàis
Is beatha shìorraidh chàraich thu, sin choisinn thu led ghràdh.
Tha bheatha seo nis maireannach is crìoch cha ruig orr` ann
Oir `s e tha seo a bheatha a tha sruthadh orr` bhon cheann
An Cuspair tha neo-chruthaichte gun chrìoch air idir ann
Is anail san cuir anail nach buin don t-saoghal seo annt`.
`Se gun ruigeadh sinn an dachaidh ud a dh`ullaich thu dha d`chlann
`S co-chomann an àrd-cheannard sin a`riarachadh gach ball
Is gràdh ro-naomh an Tighearna `s e riaghladh bhos is thall
Is moladh dol nas binne gun deireadh idir ann!
IS FIOR GU ROBH BHO SHIORRAIDHEACHD
Air a mhìos seo tha sinn a`toirt thugaibh dhà de na laoidhean a sgrìobh an Dotair Macasgaill nach maireann, a bha ann an Gabhsann. Anns an tè seo tha e a`dèanamh iomradh air mar a tha Dia a`dèiligeadh na ghràs ri a shluagh fhèin.
Is fìor gu robh bho shìorraidheachd na do rùintean glòrmhor fhèin
Nuair nach robh ann ach neonitheachd no nì air an laigheadh grèin
An t-slighe bha ro do phoball-sa nan smuain is seadh nan ceum
Air a chomharrachadh gu mionaideach `s air a thomhais nad bhith fhèin.
Gach là air beanntan dìomhanais far na lorg thu d`uile threud
Air an tomhais `s air an àireamh fa chomhar do shùil `s do lèirs`
`S gu robh mhionaid air a roimh-òrdachadh `n taobh a staigh do roghainn fhèin
`S an cruinnicheadh tu na cnàmhan ud `s iad marbh mar neach `s an eug.
Na do thròcair, bha bho bhithbhuantachd, shèid thus an anail bheò
Chuir dreach, is beò-iarrtas, is dèidh air Rìgh na Glòir
Oir ghlac do ghràdh bho shìorraidhachd iad, `s chan iarrtadh tuilleadh leò
Ach eòlas air a` Chuspair ud shaor iad bho bhàs cho mòr.
Bhon là ud chaidh sìol naomhachaidh a phlanntrachadh leat fhèin
Se an iarrtas bhith gad leantainn-sa ge b`e nì a thig nan ceum
S` iad ceumanan nan àmhghairean nan doilgheasan `s nan deur
Ach gheall thu gràs mar an ceudna dhaibh gum misneachadh nam feum.
Tha `m peacadh fèin `s an truaillidheachd gu tric fa chomhar an sùil
Is iomadh uair call dànachd iad `s aig cathair gràis fo thùrs`
Ach sin a far am foghlam iad gu bheil esan feitheamh riuth`
Gus am pasgadh as na làmhan ud, `s air fhèin an tarraing dlùth.
Ach tha nàmhaid gu bhith sàrachadh `s an eas-creidimh dhaibh cho dlùth
Gu minig gam mì-mhisneachadh nan slighe-san `s nan cùrs`
Gidheadh e fhèin toirt boillsgeadh dhaibh air maisealachd a ghnùis
`S a fhreagaireachd chum leasachadh na tha dh`uireasbhaidh maille riù.
Na beachdan sin tha iad a`faighinn dheth cuir subhachas nan crìdh`
Is ann a neart a bhith-san toirt ceum air adhart as ùr
`S na boillsgidhean tha iad a`glacadh dheth gan dealachadh nan crìdh`
Ris an t-saoghal seo làn mheallaidhean is geallaidhean gun bhrìgh.
Tha uallach anam a pheacaich orr` nach eil a`cuimhneachadh air Dia
Nach eil a`cuimhneachadh air sìorraidheachd no cathair breitheanais Chriosd
Gur th`ann mar an diugh bhitheas am màireach - `s gun màireach idir ann
Ach a mhionaid a tha `n làthair - sin a mhàin a gheall e dhaibh.
Fhad`s dh`fhàgas Dia san t-saoghal mi, se m`ùrnaigh is mo mhiann
Gu faicinn luchd mo ghràidh an seo a`cuir an aghaidh air Criosd
O cuir mo chrìdh` am farsainneachd gu bhith giùlain sluagh tha caillt`
`S gum bitheadh againn gàirdeachas ri cluinntinn mèilich uain.
O nach cuir thu moladh agus taingealachd nam chrìdh`
Gu bheil mi g`altram dòchas gun d`ràinig gràdh Chriosd orm fhèin
`S gu robh mi tur neo-airidh air a mhìlseachd bheannaicht` chaomh
`S gun chuir mo chupan thairis le blas na flaitheis naomh.
An cois na tìodhlac bheannaicht` seo tha iomadh cràidh is claoidh
Nach eil an comas dèanamh aithris air, chaidh thar labhairt dha do chloinn
Ach dh`aindeoin stoirm is uisgeachan thèid thairis air an cinn
Tha `n gràdh seo bha bho shìorraidheachd`s làn tèarainteachd ann dhoibh.
Is fìor gur e ro-bhlas a th`ann air tìr Chanàain tha shuas
Ga m`dhealachadh ris an t-saoghal seo,`s mi `g ionndrainn dachaidh bhuan
Cuir gàirdeachas nam chridhe-sa is tarraing dhìomhair suas
O `s sona iad tha maille ruit ag amharc air an t-Uan.
O Rìgh na glòir dean m`ullachadh mur coinnich mi là mòr
`S am feum mi bhith ri seasamh `s a` toirt cunntas fa do chomhar
Ma tha mi gabhail fasgadh ni d`fhàsgnadh chuir fo sgaoil
Nach mill thu i mar acarsaid mur tèid m`anam-sa a dhìth.
Oir chaidh mo làithean seachad mar tha clach a`dol le beinn
`S mi cromadh sìos gu cabhagach a dhorchadais a ghlinn
O càit` a bheil fear-aiseig a ghreumaicheas ri m` làimh?
Is fìor e mur bi esan ann, se amhainn bhàitht` bhios ann.
Gidheadh tha freumh an dòchais `s e fhathast dlùth-leantainn ruinn
A dh`aindeoin na tha còmhla ruinn bu mhiann leinn nach robh ann
Gun dean tu san t-àm a dh`òrdaicheadh san t-sìorraidheachd fada thall
Sgàth airidheachd `n fhuil a dhòrtadh dhomh, mac stròdhail bhith na oighr`.
back
|