Free Church of Scotland
 
Free Church of Scotland home
About the Free Church of Scotland
News & Events
Our Churches
Donate Online
Free Church Bookshop
Free Church College
Free Church College
Youth
Missions
Committees
Free Church magazines
Book of the Month
Todays Issues
The Forum
Resource Library
Links
Contact
   
 

Leabhraichean On D'fhuair Mi Cuideachadh

Tha sinn fo fhiachan don t-Urr. Iain D.Caimbeul airson na smuaintean seo.

Tha mi a`dol a`sgrìobhadh ann an seo mu chuid de na leabhraichean a tha air a bhith nan cuideachadh dhomh fhèin bho thàinig mi gu bhith leantainn Chriosd an toiseach agus gu bhith a`searmonachadh an t-soisgeil. Thubhairt rìgh glic uaireigin: "air mòran leabhraichean a dhèanamh chan eil crìoch;agus tha mòran leughaidh na sgìos don fheòil." A h-uile seachdainn tha leabhraichean ùr a`nochdadh, agus trompa tha sinn air ar dèanamh nar foghlamaichean, ag ionnsachadh mu dhèidhinn an t-saoghail agus ar n-àite anns an t-saoghal.

Os cionn a h-uile leabhar feumaidh sinn a bhith toirt àite sònraichte dha na sgriobtairean, an t-Seann Tiomnadh agus an Tiomnadh Nuadh, a tha air an deachdadh le Spiorad Dhè agus a tha a-mhàin comasach air ar dèanamh glic a-chum slàinte. Ann an àite a tha cleachdta ri bhith a`leughadh na sgriobtairean agus gan cluinntinn air an cuir an cèill, tha an cunnart ann nach bi sinn a` cuir meas air facal Dhè mar bu chòir dhuinn. Se tròcair mòr a tha ann gu bheil smuaintean Dhè fhèin air an sgrìobhadh sìos le làmhan dhaoine air duilleagan a` Bhìobaill agus bu chòir dhuinn a bhith a`dèanamh feum mhòr de na sgrìobhaidhean beannaichte sin.

Ach, ann am freasdal Dhè, agus ann an tròcair, thug Dia tàlantan mòr do dhaoine airson an fhìrinn a mhìneachadh dhuinn agus ar cuideachadh ann a bhith a`tuigsinn obair na slàinte agus teagaisgean nan sgriobtar. Tha sinn mar ghinealach an dèidh an cleachdadh seo a chall gu mòr - chan eil sinn a`leughadh mar bu chòir dhuinn, mar a bha sinn uaireigin. Agus ged a dh`fhaodadh e bhith gu bheil mòran leughaidh sgìtheil, chan eil teagamh sam bith nach eil an cleachdadh seo buannachdail dhuinn.

Se a`chiad leabhar a tha mi dol a thaghadh leabhar a chaidh a sgrìobhadh an toiseach bho chionn trì - ceud bliadhna air ais le Iain Calbhin a bha na theachdaire mòr an Ath-leasachaidh. Bha leithid Chalbhin agus Luther agus Swingli air an togail suas le Dia anns an t-siathamh linn deug gu bhith a`searmonachadh na fìrinn nuair a bha dorchadas spioradail a`dalladh mhòrain, eadhon ann an ainm na diadhachd, air chor`s nach robh iad a`faicinn glòir na fìrinn a bha sin.

Sgrìobh Calbhin leabhar air a bheil an t-ainm "Institutes of the Christian Religion" airson eileamaidean bunaiteach a`chreidimh a chuir fa chomhair inntinn a` mhòr-shluagh na latha agus na ghinealach. Tha e a`labhairt air nàdar Dhè, air nàdar an duine, air nàdar na slàinte, agus air nàdar na h-eaglaise. Agus aig toiseach na h-obrach seo tha e a`cuir sìos mar phrionnsabail stiùiridh gur h-e ar gliocas, ma tha i gu bhith air a-meas freagarrach agus ceart, a bhith a`cuir eòlas an toiseach air Dia, agus a-rithist oirnn fhèin. Chan eil e comasach dhuinn, tha Calbhin ag ràdh, eòlas a bhith againn oirnn fhèin ach ann an dàimh ri Dia, oir se a chruthaich sinn, agus se a tha gar cumail suas agus gar gairm anns an t-soisgeul. Nì motha tha e comasach dhuinn eòlas fhaighinn air Dia ach troimh sinn fhèin a bhith air ar n-atharrachadh agus air ar n`iompachadh tre ghràs.

Tha sinn uile a`cuir feum air gliocas a h-uile latha de ar beatha, agus a h-uile mionaid dhan latha. Agus se an fheadhainn a fhuair eagal Dhè nan cridheachan a fhuair an nì a tha air ainmeachadh anns na sgriobtairean mar "tùs a` ghliocais." Ma tha Dia againn anns an amharc, tuitidh a h-uile nì eile na àite fhèin.

A bheil an gliocas seo againn fhèin? An gliocas a tha tighinn bho na h-àirde, agus a tha "air tùs glan, an dèidh sin sìochail, ciùin, agus so-chomhairleachaidh, làn de thròcair agus de dheagh thoradh, gun leth-bhreith agus gun cheilg"? Se a bha aig Iain Calbhin, agu se a bha aige ri shearmonachadh do chàch. Agus se a tha againn ann an Criosd, "neach a rinneadh dhuinne le Dia na ghliocas, na fhìreantachd, na naomhachd agus na shaorsa." Nach cuir thu fhèin do dhòchas ann ach am faigh thu eòlas air Dia agus ort fhèin mar an ceudna?

An ath leabhar a tha mi a`dol a thaghadh se leabhar a chaidh a sgrìobhadh ann am meadhon na linne seo fhèin le teachdaire ainmeil ann an Aimearagadh air an robh an t-ainm Iain Gresham Machen. Bha e na phroifeasair an toiseach anns an t-Seminary ann am Princeton, agus mu dheireadh ann am Westminster.

Sgrìobh e mòran leabhraichean agus nam measg bha leabhar fon tiotal "The Christian Faith in the Modern World." Bhruidhinn Machen air a`chuspair seo an toiseach air rèidio, agus chaidh na h-òraidean aige an cruinneachadh agus an clò-bhualadh mar leabhair.

Chaidh iarraidh air Machen a dhol air an rèidio beagan mhìosan an dèidh crìoch an Dàrna Cogaidh Mhòr, agus bha fios aige gun dh`atharraich an cogadh caitheamh-beatha agus beachdan dhaoine gu mòr. Gu sònraichte, bha tòrr ag ràdh gu robh còir aig an eaglais a bhith a`dèiligeadh ri duilgheadasan làthaireil an àite bhith caitheamh tìde a`bruidhinn air nithean anns nach robh feum sam bith agus an cogadh an dèidh`s an saoghal a chuir bun-os-cionn.

`S math dh`fhaoidte gu bheil cuideigin a`leughadh seo mum bheil e fìor gu bheil an saoghal aca air atharrachadh gu mòr. Luchd eòlais air an toirt air falbh; càirdean agus companaich air an dealachadh riutha; trioblaidean, duilgheadasan, uallaichean a tha a`dèanamh am beatha fhèin gu pearsanta gu math duilich agus gu math cruaidh.

Bheil càil a chomhfhurtachd idir againn do dhaoine anns an leithid seo a shuidheachadh? Nuair a bhruidhinn Machen ri Aimearagadh an dèidh a`chogaidh, bha e mothachail air an earbsa agus air a`mhuinghinn a bha daoine air a bhith cuir ann am feallsanachdan agus ann an cumhachdan an t-saoghail. `S bha iad an dèidh briseadh-dùil fhaighinn mar thoradh air a-sin.

Agus bha feallsanachd shìmplidh aig Machen fhèin: tha e do-dhèante a bhith a`dèiligeadh an toiseach ri duilgheadasan tìmeil, sòisealta, agus poiliticeach agus an dèidh sin a bhith a`dèiligeadh ri ceistean spioradail, oir mur bheil ar nithean spioradail air an cuir ceart, gu bràth cha bhi càil ceart. Bha e a`cuir fa chomhair dhaoine gum bu chòir dhaibh èisdeachd ri Dia, na fhacal.

Bha fios aig Machen glè mhath gu robh mòran na latha fhèin a`cuir an aghaidh na sgriobtairean agus ag ràdh nach e facal Dhè a bh`againn annta idir. Agus tha e ag aideachadh nach eil feum sam bith anns a`Bhìoball mur bheil am Bìoball a`toirt dhuinn cunntas fìor air nithean a ghabh àite ann an eachdraidh an t-saoghail. Agus `s ann air fìrinn nan sgriobtairean a tha beatha dhaoine gu bhith air an grunndachadh - gun tàinig Criosd, gur e Criosd Dia, gun bhàsaich e, gun dh`èirich e, agus gu bheil e a`dol a thighinn a-rithist.

Tha e air ìnnse mu Mhachen fhèin nuair a bha e air leabaidh a bhàis, gun chuir e telegram a dh`ionnsaigh an t-Ollamh Iain Moireach ag ràdh, "Moladh do Dhia airson ùmhlachd ghnìomhach Chriosd - chan eil dòchas ann as aonais." Bha a bheatha agus a bhàs fhèin air am freumhachadh anns an fhìrinn a bha e a`leughadh anns na sgriobtairean, agus bha gu leòr - bha a h-uile càil - aige ann an sin.

Bheil sinne a`foisneachadh air an taisbeanadh glòrmhor seo? Tha Dia na fhacal a`dèanamh soilleir dhuinn gu bheil fìrinn ann an seo a shaoras a h-uile h-anam a chuireas a dhòchas ann an Criosd. Agus an fheadhainn a chuir Criosd saor, bithidh iad saor dha-rìreabh, agus saor gu sìorraidh.

An ath - mhìos bithidh Mgr Caimbeul a`sgrìobhadh mu dhà leabhar eile a tha air a bhith nan cuideachadh dhà na bheatha agus na mhinistrealachd.