Gaelic Resources
Macrath Mor
Aig aon àm, am feadh a bha luchd-comanachaidh a’dèanamh dàil ann an tighinn air adhart gu bòrd an Tighearna, aig comanachadh ann an Snìosart, far an robh e a’cuideachadh Mhgr Ruairidh MhicLeòid, agus an dèidh do Mhgr Ruairidh èirigh dà uair gan cuireadh gu tighinn air an adhart chun a’bhùird (oir bha searmon geur agus cudthromach an là ud air a thoirt dhaibh le Mgr Ruairidh, nì a dh’fhàg iad rag, mall, gu bhith a’tighinn air an adhart), dh’èirich Mgr MacRath agus thuirt e, “Tha mi duilich, a chàirdean, an dèidh dom bhràthair ur cuireadh dà uair mar a tha sibh a’dèanamh dàil ann an tighinn chun a’bhùird. Ach, anaim, is ann tha thusa, is dòcha, an diugh aig mòd, agus tha triùir an sin gad dhìteadh, agus a’cur ad aghaidh gu bhith gad mhì-mhisneachadh o thighinn air d’adhart gu bòrd an Tighearna.
An toiseach, tha Sàtan, fear-casaid nam bràithrean, ann an sin a’cur fa do chomhair do neo-airidheachd, le rùn do ghealtachadh o thighinn a dh’ionnsaigh a’bhùird. An dara fianais a tha an sin is e an saoghal, a tha ag ràdh seo is siud nad aghaidh, agus nach bu chòir dhut dol chun a’bhùird. An treas fianais is i do chogais fèin a tha gad dhìteadh gu geur ann am mòran nithean anns a bheil thu coireach agus ceàrr.
Tha nan triùir seo le chèile a’còrdadh ann a bhith gad choireachadh agus gad chumail air d’ais o bhòrd an Tighearna. Ach innseam dhut anam shàraichte, gu bheil caraid agad sa chùirt a tha nas treise na iad sin uile, agus a tha a’tagradh air do shon an aghaidh do luchd-casaid uile. “Agus ma pheacaicheas neach air bith tha fear-tagraidh againn maille ris an t-Athair, Iosa Crìosd am fìrean”. Ris-san that an t-Athair ag èisdeachd an còmhnaidh; mar an ceudna tha an Spiorad fhèin a’dèanamh còmhnaidh le ar n-anmhainneachd agus a’dèanamh eadar-ghuidhe air ur son le osnaibh do-labhairt.
Tha mise ag ìnnse dhut, anam bhochd, gu bheil triùir a tha air do thaobh, agus a bhios toileach gun tig thu air d’adhart gu bòrd an Tighearna - an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh - agus theirinn gum bithinn fhèin toilichte le do thighinn a dh’ionnsaigh a’bhùird, cinnteach gum bi do theachd buannachdail dhut; ged nach biodh ach an uiread seo gad chur thuige, na laighe air do spiorad, “Dèanaibh seo mar chuimhneachan orm-sa”.
“Sibhse a chuir an Dia nan gràs ur dòchas mar is còir, biobh misneachail is cuiridh e neart ann ur cridhe agus treòir”. Dh’innis èildeir a bha an làthair dhomh gun cuala e Mgr MacRath a’labhairt agus nach fhaca e a-riamh a leithid de bhuaidh air luchd-comanachaidh agus a lean an co-chur cainnte a ghnàthaich e aig an àm ud. Dh’èirich e fhèin agus feadhainn eile mar gun tigeadh anail no gaoth bhlàth neartachail, no coltach ri anail bheannaichte Spiorad Dhè, a-measg a’choithional; chuir e thuige agus neartaich e sluagh Dhè agus lìon iad am bòrd gu h-aithghearr.







