Gaelic Resources

Crann-Ubhall Am Measg Chrannaibh Na Coille

Chaidh na rannan seo an sgrìobhadh agus an cuir thugainn leis an t-Urr. Ailig M. Macleòid, à Ceann a’Loch. Seo agaibh an toiseach roimh-ràdh Mhgr Mhicleòid fhèin.

Chaidh na smuaintean a leanas troimh m’inntinn air latha sònraichte. Thug e orm a bhith caoidh nach robh ‘gibht’ na bàrdachd agam a bha aig leithid D. Bochanan no Gobha na Hearadh.

Gun deònaicheadh an Tighearna, ma tha aiseirigh da-rìreabh air thoiseach air a’ Ghàidhlig, gum biodh glòir Chriosda a’ faighinn an àite toisich. Chuir cuid de dhaoine mar an dithis a dh’ainmich mi maille ri Iain Mac a’Ghobhainn anns an linn seo fèin snas air ar cànan le smuaintean is briathran a bha cho barraichte ri bàrdachd sam bith. Se ar miann gu mair an obair sin fhad’s a bhios sliochd nan daoine sin air am beannachadh. Agus gun toir an eaglais dam buin sinn a h-uile misneachd do neach sam bith a nochdas gu bheil an tàlant urramach sin aca.

Mun robh speuran no fairg’ ann no talamh

Bha lànachd sìorraidh de dh’aoibhneas ‘s de ghlòir

Thu fèin agus d’Athair ‘s an Spiorad

Le gràdh co-chomainn is diomhair is mòr.

Nuair a nochdadh do ghlòir do na daoinibh

Bha air tùs a’giùlan iomhaigh an Dè

‘S ann mar naimhdean ag èisdeachd ri briathran

Bh’air an labhairt ball-dìreach bho nèamh.

B’e d’Athair glòrmhor ‘se nise ri ìnnse

Mu fhear-saoraidh, fear-pòsd’ agus cèil’

A bhiodh ad làthair gad amharc gu sìorraidh

‘S a bhiodh d’àilleachd na òran na bheul.

‘S iomadh aon air feadh bhliadhnan is linntean

Troimh’n fhìrinn, ‘s troimh Spiorad a ghràidh

A fhuair aithn’ ort is eòlas gu slàinteil

Bu tu an crann-ubhall nan sùilean measg chàich.

Chaidh gan nì sam bheil luach anns a’chruinne

A thoirt gu solas gu cuir ri do chliù

Ach ‘s ann anmhainn is dorch’ bha iad uile

Grian nan speur mar bheag-reult’ ri do thaobh.

Thàinig àm ‘s an robh thu nad naoidhean

Air d’altrum air glùinibh do mhàth’r

Is ùr-fhàs chan fhaicear air thalamh

Cho fallain ‘s cho maiseach, gu bràth.

Mar an ròs dh’fhàs thu suas ‘s tu ri sgaoileadh

Fàile cùbhraidh ‘s gach àite mun cuairt

Fìrinn a’fàs gun cheisd anns an talamh

Ach a freumhan ‘s na flaitheanas shuas.

Nad leanabh, nad òig-fhear, nad ionmhach

Bha thu barraichte, mòr, os ceann chàich

Chuir do shubhailcean, d’fhacail ‘s do ghnìomhan

Ri do mhaise, gach mionaid ‘s gach là.

Ach nach iongantach an nì e ri aithris

Gur h-e ‘n t-àit air an amhairc gach sùil

Gu bhi faicinn gu slàinteil do ghlòir-sa

Golgòta ‘s tu crochta air craobh.

Ann an òran nan naoimh on toiseach

Seadh gach aon a chaidh a shaoradh on fheirg’

Tha an rann seo cuir brìgh agus beatha

Fear mo ghràidh-s’ - tha e geal agus dearg.

‘S tu lànachd na glòir is na maise

Timcheall rìgh-chaithir Dhè is an Uain

Air do ghnùis sam bheil deàlradh cho òirdhearc

Tha naoimh is ainglean a’sìor amharc gu buan.

An Crann-Ubhall

Thàinig boireannach a bha fo chùram a thaobh staid a h-anama aon là a dh’ionnsaigh Mgr Iain Porteous, a bha na mhinistear ann an Cill-mhoir an siorrachd Rois san ochdamh-linn-deug.

Bha e spaidsireachd na lios an uair a nochd si i fèin. An dèidh dhith a cùis a chuir an òrdugh ris cho math ‘s a b’urrainn dhith, threòraich e i gu craobh-ubhall mhòr, agus air dha a mheur a chuir ris a’mheanglan a b’àirde a bha oirre, agus ris an ubhall a bha air bàrr a’mheanglan seo thubhairt e rithe, “Glac thugam an t-ubhall ud.”

“Chan urrainn sin dhomh”, arsa ise.

“Carson?” ars’ esan.

“Tha e fada, fada thar mo rèis,” thubhairt i.

“Is fìor”, ars’ esan, “gum b’urrainn do Phòl a ràdh: ‘Tha fhios again cò ann a chreid mi, agus is dearbh leam gu bheil esan comasach air an nì sin a dh’earb mi ris a choimhead fa chomhair an là sin’. B’urrainn do Phòl a làmh a chuir air a leithid siud a dh’ubhall, ach tha e fada thar do rèis-se, chreutair bhochd”.

Thàinig iad a-nis gu craobh eile aig an robh a meanlgain a’ lùbadh ris an làr le meud a mheas a bha oirre. “An urrainn dhut ubhall a ghlacadh thugam den chraoibh seo?”

“Is urrainn”, arsa ise.

“Seadh is urrainn dan leanabh as òige san sgìre ubhall a thoirt dhith seo. Is amhail sin mu Chriosd, faodaidh tu do làmh a shìneadh, agus greimeachadh air a dh’aindeoin cho neoghlan ‘s a tha thu nad shealladh fèin. ‘Agus an tì a thig am ionnsaigh, cha tilg mi air choir sam bith a-mach’. Faodaidh an leanabh as lugha ruighinn air a’mheanglan seo, agus gabhail de thoradh milis.

college blog links praise locate a church the record magazine bookshop