Gaelic Resources

Coileantachd Agus Cumhachd - Criosd Agus A Shluagh

An uiridh bha am fear deasachaidh air òrdaighean nan Lochan ann an Leòdhas. Seo agaibh a`chiad phàirt de shearmoin madainn na Sàbaid ann an eaglais Chrosaboist air Colossianaich 2:9-15.

Anns na briathran seo tha an t-Abstol a`leigeal cudthrom mòr air gràs Dhe a thaobh a shluaigh ann an Iosa Criosd. Tha e ag ìnnse na rinn e air an son. Chì sinn ann an seo mar a tha e a` beachdachadh air pearsa Chriosd v 9 agus an uair sin air na sochairean a bhuineas dhaibhsan a tha nan cloinn do Dhia - an dlùth-cheangal a tha eadar Criosd sa shluagh. Seallaidh sinn ri cho coileanta agus a tha iad annsan agus mar a tha a chumhachd air fhiosrachadh leotha.

COILEANTACHD An toiseach tha e a`labhairt mu Chriosd fhèin (9). Tha gach nì is e Dia a ghnàth a` gabhail còmhnaidh annsan. Gach buadh `s gach cliu; a h-uile nì a tha ga chomharrachadh a mach mar Dhia tha sin againn ann an Criosd. An diadhachd ann an iomlanachd. ” B`e am facal Dia…..mise `s m`Athar is aon sinn” “Gach uile ….” - Dia mar a tha e. Chionns gur Dia pearsanta e chan urrainear eòlas a chuir air ach tre phearsa - pearsa a Mhic. Neach air bhith dha na dhealradh a ghlòire san agus na fhior ìomhaigh a phearsa. Is e a ghlòir san glòir aoin-ghin mhic an Athar làn gràis agus fìrinn. Chan fhaca neach air bith Dia a-riamh…an t-aon ghin Mic a tha ann an uchd an Athar, is esan a dh`fhoillsich e. “Gu corporra” Bha e ann an cruth mar dhuine coslas feòla peacaidh cha do sguir e bhith na Dhia an nì a bha e, nuair thàinig e gu bhith na dhuine an nì nach robh e. Cha do chaill e dhiadhachd nuair ghineadh e no nuair rugadh e no nuair a bhàsaich e no nuair a dh`èirich e no fhathast oir “tha…” se sin a`gabhail comhnaidh ann fhathast. Nuair tha am facal seo “còmhnaidh” air a chleachdadh tha e daonnan a`cur nar cuimhne gun tàinig esan a ghabhail còmhnaidh maille ruinne. Se seo an Dia duine tha an diugh air àrdachadh aig deas làimh Dhè. Tha rìgh-chathair nan gràs ann far am faigh sinne coinneachadh ri Dia. “Mar sin” a-rèir Leabhar Aithghearr nan Ceist, “bha agus mairidh e na Dhia agus na dhuine ann an dà nàdar eadar dhealaichte ach na aon phearsa gu sìorraidh.”

Ach tha e ag ìnnse dhuinn cuideachd (10) mun t-sochair mhòir a bhuineas dhan a h-uile neach as leis gu pearsanta agus còmhla ri chèile. Math a bhith beachdachadh air an seo aig comanachadh. Tha sinn mar aon aona chorp corp spioradail Chriosd. Tha sibhse- annsan air ur lìonadh leis `s air ur dèanamh coileanta. Tha sibh air lànachd beatha fhaotainn annsan chan e rud a tha seo a tha gu bhith fìor fhathast tha e fior a cheana! An nì a chaill sinn ann an Adhamh tha e air aiseag air ais dhuinn ann anns an Adhamh deireannach. Bithear a` cleachdadh an fhacail a tha againn ann an seo mu bhàta a tha uile gu leir air h-uidheamachadh airson a dhol air turas mara fada agus deuchainneach. Ann an 3:10 tha sinn a`leughadh mun duine nuadh a tha air ath-nuadhachadh ann an eòlas, a-rèir ìomhaigh an tì a chruthaich e. Bheannaich e sinn leis gach uile bheannachadh spioradail ann an Iosa Criosd. As a lànachd-san fhuair sinn uile agus gràs airson gràis. Tha an eaglais na corp aige, lanachd an tì a tha a lìonadh na h-uile nithean anns na h-uile. Tha Pol a`guidhe gum bi sinn air ar lìonadh le uile lànachd Dhè gus an tig sinn uile ann an aonachd a chreidimh agus eòlas Mac Dhè a-chum duine iomlain a-chum tomhas àirde lànachd Chriosd. Cha leig Pol le duine a bhith toirt air falbh on fheadhainn sin a tha ann an Iosa Criosd. Buinidh dhaibhsan lànachd a mhaitheanais `s na saorsa. Tha a h-uile duine a tha ann an Criosd air beatha nas pailte fhaotainn uaithe agus ann. “Tha agam ann an Criosda…chan eil an coir ri iarraidh `s cha deanadh nas lugha a chuis”. Chan e Criosd + no Criosd Tha sinn.iomlan annsan chan urrainn barrachd a bhith againn na tha againn dheth a-cheana an taobh seo de ghloir! Bha e cudthromach gun tuigeadh na Colosianach seo oir bha dùil aca gu robh feum aca air barrachd air Criosd gu tric tha an aon smuain againne cuideachd. a) Chan e idir Criosd agus na tha againn san ochdamh earrainn tha sibh air ar cur saor bho na nithean sin. O gach seorsa saobhchreidimh. A bheil sinne tuigsinn seo? b) A rithist a thaobh Chriosd agus gibhtean, tiodhlacan sonraichte fèin-fhiosraichaidhean a dh`fhaodadh a bhith tlachdmhor tarraingeach agus annta fhèin ceart gu leor ach chan fhaod sinn a bhith leigeal ar taice orra no a bhith smaoineachadh gu bheil iad sin a` toirt an atharrachadh as lugha air ar còirichean spioradail. Sann uaithe san a tha h-uile nì a` sruthadh. Sin ma tha beagan mun choileantachd.

Ach san dara h`àite tha e a`labhairt mu CHUMHACHD Chriosd nar beatha. Tha e ag ainmeachadh timcheall-ghearradh (11) se sin gearradh timcheall Abraham sa shliochd. Sgaradh eadar na h-Iudhaich s na Cinnich. Cuid a fiachainn ri sparradh air creidmhich a measg nan Cinneach tuilleadh coisrigeadh saoradh on fheoil. Moran den bharail gu robh nì sam bith a bha corporra peacach agus na bhacadh air spioradaileachd, S docha gur ann air sgàth sin a tha Pol ag ràdh “gu corporra” (9) mu Chriosd. Ciamar a b`urrainnear seo a chreidsinn mu bha e fior gun do dh`fhoillsichear Dia anns an fheoil? ! A-reir na fìrinn tha a h-uile creidmheach air a thimcheall-ghearradh a cheana chan ann san fheoil ach san Spiorad. Leughaibh Phil 3:3. B`ann nuair a thainig atharrachadh nan gràs a thachair seo fada, fada air thoiseach air an timcheall-ghearradh sin eile rinneadh le làmhan oir Rom 2:28, 29. Làn fhios aige air a` chogadh eadar feòil agus Spiorad na geallaidhean meallta a bha luchd teagasg brèige a` toirt seachad chan eil e ach a dol a-rèir an sgriobtair. Thubhairt e ri Israel deanamh aithreachas is biobh air ur timcheall-ghearradh nur cridheachan Chur Stephan as leth nan Iùdhach gu robh iad neo-thimcheall-gheàrrta ann an cridhe agus ann an cluasan a ghnàth sa cuir an aghaidh a Spiorad Naoimh. Bha an timcheall-ghearradh Iùdhach le làmhan `s on leth a-muigh. Tha an Crìosdaidh air a thimcheall-ghearradh gu spioradail san duine staigh. Bha an timcheall-ghearradh gu bhith le làmhan gu àm teachd Chriosd gu bhith coilionadh toil athair. Nise chionns gu bheil e air a thighinn s air an obair a choilionadh chan e mhàin nach eil feum air timcheall-ghealladh bhitheadh timcheall-ghearradh feòlmhor mar gum biodh a`dol as àicheadh na rinn e. Chan eil feum air sgàile tha an nì bha air a chomharrachadh air teachd Se rinn e “chuir e dhibh” a`labhairt mu chumhachd chiont agus peanas a pheacaidh cha bhi aig a` pheacadh tighearnas oirbh nas motha a`sìor chogadh na aghaidh. Comharra air beatha. Ar dleasdanas-ne am peacadh a threigsinn, ana-miannan a sheachnadh, na tha a `cogadh an aghaidh an anama a chuir dhinn. Iob “ma bhitheas euceart ann ad làimh cur fada uat i agus na leig le aingidheachd còmhnachadh ad phàilleanan”. Ann an timcheall-ghearradh feòlmhor tha sinn a cuir dhinn an ro chraicionn; ann an timcheall ghearradh spioradail a tha sinn a cur dhinn na tha on fheoil. Tha am peacadh a chur gu bas etc. Ach their thu “chan urrainn dhomh… am math a bu mhiann leam …. ach an t-olc nach b` aill leam.” Ciamar? “Buidheachas do Dia a tha toirt dhuinne a bhuadh tre Iosa Criosd.” An seo: le timcheall-ghearradh Criosd se sin a rinneadh le Criosd gu spioradail nar cridheachan comasan air a thoirt dhuinn buaidh a beatha`s aiseirigh comasach air a bhith beo a chum a ghlòir san fhad`s a dh`fhanas sinn ann toradh Eoin 15. Thimcheall-gheàrr esan ro-chraicinn ar cridheachan chan ann le làmh liteireil ach le a Spiorad. Dìreach mar a tha e air ìnnse dhuinn ann an Iosua 5 v. 2-9 gum be Iosua a bh dol a th gh clann Israel an dara h-uair ann an Canàan. Tha Iosua an Tiomnaidh Nuaidh an Tighearn Iosa air a dhèanamh na mhinistear an timcheall-ghearraidh airson fìrinn Dhè a chum na geallaidhean a rinneadh do na h-athraichean a dhaingneachadh agus a chum gun tugadh na Cinnich gloir do Dhia airson a throcair. Tha Pòl ag ràdh chan eil feum agaibh air timcheall-ghearradh liteireil nur cuirp a chionns gu bheil sibh a cheana air ur timcheall-ghearradh le timcheall-ghearradh a tha nas doimhne agus nas spioradail s a tha ciallachadh barrachd s a tha nas fheàrr anns a h-uile dòigh - an dara timcheall-ghearradh! Tha sibh air ur glanadh peacaidhean air am maitheadh saorsa agaibh ga mhealltainn. Tha a bhith ag ràdh gu bheil a` chiad timcheall-ghearradh do-sheachnaichte a` dol as àicheadh èifeachd an dara timcheall-ghearraidh!. Ann an Iosa Criosd chan eil èifeachd air bith ann an timcheall- ghearradh no ann an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an cruthachadh nuadh.

Tha e an uairsin a bruidhinn ar baisteadh. Nise ged a tha dlùth cheangal eadar timcheall- ghearradh agus baisteadh a thaobh dhaoine bhith air an gabhail a steach air àireamh nan Iùdhach agus na h-eaglaise fàgaidh sinn na ceistean connspoideach an dràsda! Gidheadh tha an fhìrinn ag iarraidh oirnn sinn imeachd agus deisciobail a dhèanamh de gach uile chinneach gam baisteadh ann an t- ainm an Athair a` Mhic agus an Spioraid Naoimh. Tà, chan eil ann am baisteadh le uisge ach samhla on leth a muigh - chan e ni e anns am faod sinn earbsa chuir airson slainte (ni motha dh`fhaodas sinn ar muinghinn a chuir ann an Suipear an Tighearna). Tha iomradh againn anns an Tiomnadh Nuadh air barrachd air aon seòrsa baisteadh ach ann an seo `s cinnteach gur ann air baisteadh an Spioraid Naoimh a tha e a labhairt - faicibh 1Cor 12, 13. Aon Spiorad a tha ann - aon bhaisteadh…a chorp Chriosd - a steach a dh`fhior eaglais spioradail no-fhaicsinnich Dhè. Tha dà phuing ann an seo. Tha sibh a) adhlaichte - chan eil seo a` ciallachadh gu bheil freumhan a` pheacaidh air an cur as, a-mach uile gu lèir as ar beatha; gu bheil am peacadh marbh agus air adhlacadh. Eadhon ged tha e ag ràdh gun chuir sinn dhinn an seann duine maille ri ghnìomharan … se thachair gu robh co-roinn eadar sinne agus esan na bhàs - dlùth cheangal. Nuair thug Dia breith air Criosd bhàsaich sinn maille ris. Tha an seann duine agus breith air a thoirt air, air a dhìteadh agus buinn air a thoirt a-mach na aghaidh. Ach mar a chì sinn, ann an Criosd cuideachd tha e air èirigh uime sin chan eil a-nise dìteadh sam bith don dream sin a tha ann an Iosa Criosd. Tha an ceangal eadar peacadh agus bàs air a bhriseadh - chan fhiosraich sinne tuilleadh bàs spioradail no sìorraidh mar thuarasdal a` pheacaidh - measaibh gu bheil sibh fhein gu deimhin marbh don pheacadh ach beò do Dhia tre Iosa Criosd. Rom 6:3,4. Bhàsaich esan am bàs againne - annsan tha sinne mealltainn gach beannachd a tha sruthadh on a sin. Cha sgar ni/neach sam bith sinn o ghràdh Dhe…Chan eil sinn fhathast saor on fheòil ach on dìteadh; tha am peacadh maille ruinn ach Rom 6: 20,21. Cionnas a dh`fhaodas sinne tha marbh don pheacadh ar beatha chaitheamh nas fhaide ann? Ach a thuilleadh air a-sin tha b) togail suas ann (12). Tha beatha nuadh san Spiorad againn a nis. Tha a` bheatha mhaireannach againn. Cuid ag radh - “ma chreideas sibh barrachd gheibh sibh tuilleadh cumhachd.” Pol ag ràdh - tha an cumhachd agaibh mu thràth - that sibh air ur togail - dearbhadh air a chumhachd ann an sin - rèidh ris, maitheanas air fhaotainn, beatha ùr, dorchadas gu solas ( 1 : 13, 21 ,22 )`s as an earrainn a leanas agus ann an 3:10. Seo am baisteadh.

Ach cuideachd tha sinn air ar beothachadh (13). Bha sinn marbh - gun bheatha spioradail air ar siubhal - cha robh aonachd eatarrain no comann againn ris. On ghineadh sinn gus an deach ar n`iompachadh. Chan e mhàin ar staid ach bha sinn ciontach de bhith toirt eas-ùmhlachd dha - be sin ar toil fhèin againn ga dhèanamh `s fios againn air. Air ar sgaradh o fhàbhar Dhè - gun sinn comasach air cùisean atharrachadh. Eucomas peacach maille ruinn. Cha robh sinn air ar t.gh gu liteireil no gu spioradail - Eph 2:12 Tit 3 etc. Gun sguir agus gun atharrachadh ach Dia - tha sibhse - seadh sibhse! air ur beothachadh. Cha dèanadh càil a chùis ach beatha on bhàs - cha robh càil a dh`fheum nar cleachdaidhean no eadhon nar cràbhachd - ach dh`ath-ghin e sinn gu beò-dhòchas tre aiseirigh Iosa Criosd o na mairbh. A bheatha tha sinn a-ni sa caitheamh san fheoil tha sinn ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhe a ghradhaich sinn agus a thug e fhein air ar son. Tha (13) ag ìnnse dhuinn an nì a rinn e. Tha na h-uile uile cur feum air a seo oir pheacaich sinn uile `s thainig sinn geàrr air glòir Dhè.

Feumaidh sinn maitheanas fhaotainn mas bi beatha agus comann againn ris. A h-uile creidmheach, on a h-uile peacadh. Tha am balla a bha eatarrain air a thoirt air falbh. Mhaith e cron ar lochd. Gach creidmheach uile gu lèir neo-airidh. Ma tha seo fìor bitheadh ar beatha ga fhoillseachadh (3 v. 1-4). Tha againn maitheanas gu pailt a reir saoibhreas a ghràis. B`esan a rinn e, uime sin tha e cinnteach. Sinne ag iarraidh gras gu bhith treigsinn a` pheacaidh Bha Dia ann an Criosd a`deanamh an saoghal reidh ris fein gun a bhith meas an cionta dhaibh - facal na rèite air earbsa rinne. An deach sinne ar saoradh? Seo là chothrom agus na slàinte.

Nach math gu bheil e a` bruidhinn san àite mu dheireadh air dubhadh a-mach… (14) Ni bha an lagh ag agairt agus ag iarraidh. Lagh gar dìteadh - aon uair`s gun bhriseadh i cha b`urrainn dhuinn a bhith ceart a reir an lagha. Sinn uile san aona bhàta. Ach, tre ìobairt Chriosd mar ar fear -inid chuireadh as don lagh mar rathad teàrnaidh agus dhan mhallachd a bha crochte os ar ceann. Bha an lagh nar n` aghaidh gar dìteadh oir is mallaichte gach neach nach buannaich anns na tha sgriobhte ann an leabhar an lagha chum an deanamh. Gach nì bha air iarraidh air an dubhadh as. Tha an lagh math, ceart, naomh etc ann a bhith foillseachadh Dhè dhuinn mar tha e ann fèin ach a thaobh teàrnaidh chan eil an lagh ach a` toirt dhachaidh oirnn ar cionta agus ar feum. Ordaighean - clàr ag ìnnse na fiachan fom beil sinn - ar làmh-sgrìobhaidh air a` chlàr. Làmh sgrìobhaidh Dhè ag ìnnse dhuinn na fiachan fon robh sinn - nar n`aghaidh - cha robh dòchas no misneachd dhuinn ann. Ag iarraidh, a`toirt breth - gun ghuth air tròcair - dùil eagalach ri breitheanas. An neach a rinn tàir air lagh Mhaois bhàsaich e gun tròcair. Gar dìteadh - ag èigheachd airson peanas. Togail nan casaidean, a` toirt breth `s a cuir a` bhinn an cleachdadh. Chan urrainn dhuinne ar cogaisean a shìtheachadh gun luaidh air na fiachan a phaigheadh. Chan eil dol as ann ach dhubh Criosd a -mach iad - chan eil fiù lorg air a h-aon dhiubh na gu robh iad a riamh ann Choinnich esan uile agartasan an lagha - phàigh e na fiachan Tha e crìochnaichte ! -gu lèir agus gu sìorraidh. De rinn e? “Thug …cheusaidh-san.” Toirt nithean as an t-slighe - Uan Dhe - peacaidh an t-saoghail. Dia cuir agartasan an lagha an dara taobh - Criosd gan giùlain air falbh ie an nì a bha nar n`aghaidh. Mallachadh an lagha air dha bhith air a dhenamh na mhallachadh air ar son oir tha e sgriobhte is mallaichte gach aon a chrochar air crann. Tha a` mhallachd san dìteadh air an cur a thaobh - uile gu leir - air an dòrtadh a-mach air Criosd - annsan tha gach creidmheach a` mealltainn gach toradh a tha a sruthadh o bhàs san nar ruim agus nar n-àite agus trid am beil sinn air airidh air an rèite fhaotainn. Ged dhiteadh ar cridhe sinn is motha Dia nar cridhe. Rùn Dhè mas robh an saoghal ann - air a labhairt airson an uair mu dheireadh an uair a bhàsaich Criosd - a`faighinn mac talla an cridhe gach aon a tha cluinntinn agus a` gabhail ri soisgeul gràs Dhe ann an Iosa Criosd. Choilean e gach uile fhìreantachd, choinnich e ri agartasan an lagha, phàigh e na fiachan gu lèir, bhàsaich iadsan nuair a bhàsaich esan sa bhàsaich sinne maille ris - chan eil sinn fon lagh ach fo ghràs. Tha sinn a` gabhail tlachd ann an lagh Dhè ach chan eil sinn a` cuir ar muinghinn innte Tha sinn air ar cur saor - `s esan brigh nan sgàilean - choileanar iad annsan. Thug e as an t-slighe gu sìorraidh gach balla peacach a bha dèanamh sgaradh eadar sinne agus Dia agus eadar sinne agus a chèile. Eph 2:14,15. Seallaibh a`bhuaidh a thug e amach. (15). Biomaid mothachail air ma tha cùisean gu spioradail. Aineolas mòr a tha ann a bhith dol as àicheadh gu bheil cumhachdan spioradail ann. Eph 6. Ma tha aithne againn air Dia tha aithne againn air Sàtan cuideachd. Tha fhios againn gu bheil sinne o Dhia agus gu bheil an saoghal uile na laighe anns an t-olc. Chan eil sinn aineolach air ìnnleachdan. Tà, tha Criosd mòran nas treise. Rèir na h-earrainn seo thug Criosd an armachd air falbh o ar naimhdean spioradail air Calbhari. Thilgeadh uachdaran an t-saoghail seo a-mach - mar aodach a tha gun fheum sa tha air a chath a dhara taobh - rinn Criosd seo air uile chumhachdan an dorchadais. Ball samplair follaiseach - mar luchd airm a`deanamh soilleir gun tug e buaidh a-mach. Tha iad mar phrìosanaich cogaidh air an cuir gu nàire gu follaiseach. Rinn esan seo. Tha sìol na mnatha air teachd agus tha ceann na nathrach air a bhruthadh - tha saorsa againn tre Chriosd. A-nis buidheachas do Dhia a tha toirt oirnne buadhachadh ann an Iosa Criosd. Cò chuireas coire sam bith as leth daoine taghta Dhe? Cò a dhiteas? Tha esan nas làidire na na cumhachdan air fad agus còmhla ri chèile. Tre a chrann cheusaidh san - buaidh chaithream. An diugh molamaid ainm.

Anns a` chrìochnachadh dà sgeulachd mu Napoleon. Aon latha bha e a`toirt sùil air clàr an t-saoghail còmhla ri chuid shaighdearan. Bha aon rioghachd ann an dath dearg - “Fhearaibh ,” arsa esan “mur a be an spot dhearg a tha siud bheirinn-sa buaidh air an t-saoghal.” B`e an spot dhearg Breatainn. Tha Sàtan ag radh ri chuid armachd `s e ag amharc air clàr an t-saoghail - mur a be an spot ud - Calbhari - bheirinn -sa buaidh”. Tà, tha an spot ud ann. An d`thug e a bhuaidh - o cha tug! Agus cha tòir!

Agus an sgeulachd eile? Bha muinntir Bhreatainn a feitheamh ri naidheachdan Waterloo - be am fios a thainig “Wellington defeated” - naidheachd a dh`adhbharaich bron agus caoidh do labhairt. Ach bha aon fhacal a dhìth, agus an sin an ceann greis thàinig am fiosrachadh ceart “Wellington defeated NAPOLEON!” Thionndaidh am bròn gu aoibhneas, an caoidh gu dannsa. A thaobh Chriosd air a` chrann. In what might seem defeat He won the meed and crown Trod all our foes beneath his feet by being trodden down.

Seo is coireach gu bheil sinne ann an seo an diugh le gàirdeachas a` dèanamh seo mar chuimhneachan air!

college blog links praise locate a church the record magazine bookshop