Gaelic Resources

An T-Aon Uair Deug

Nach sona do an chòmhlan sin

Tha ‘n diugh an glòir bith-bhuan

Le clàrsaichean de’n òr aca

‘S gur ceòlmhor iad gach uair.

Is mise seo nam fhògarach

‘S cha bhi mo chòmhnaidh buan

Oir ‘s dlùth air abhainn Iòrdain mi

‘S mi gus an deò thoirt suas.

A Shlànaighear! ro ghlòrmhor,

Thoir còmhdail dhomh san uair;

‘S nach dean thu mar bu deònach leat,

Gach fòtas a thoirt uam.

‘S nach toir mi don oil-thaigh sin,

A tha toirt treòir dod shluagh.

Oir ‘s dlùth air abhainn Iòrdain mi

‘S mi gus an deò thoirt suas.

Gur cianail e bhi meòrachadh

Air stròdhalachd mo chuairt!

Na bliadhnachan a b’eòl dhomh,

A dh’ith na lòcaist suas.

Ach thriall iad, is cha neònach e

Ged dh’fhalbh mo threòir ‘s mo shnuadh,

Oir ‘s dlùth air abhainn Iòrdain mi

‘S mi gus an deò thoirt suas.

Ged philleas ruinn an òg-mhios sin

Bheir do na ròsan snuadh,

Cha till a chaoidh don fheòil seo,

An òige a chaidh thoirt uam.

‘S nach toir thu, Rìgh na glòire,

Do thròcair dhomh san uair,

Oir ‘s dlùth air abhainn Iòrdain mi

‘S mi gus an deò thoirt suas.

Bu shona do an òg-bhean sin

A dheònaich dol air chuairt,

‘S dhìoghlaim mar chaidh òrdach dhith

Air achaibh Bhoais shuairc.

Is lean i dlùth na h-òglaich ud,

‘S i faotainn dlòthan uap’.

Is gus an d’fhuair i còirichean

Air achaibh Bhoais, ghluais.

Chan ionnan sin ‘s mo stòraidh-sa

‘S gur brònach i ra luaidh.

An t-aon bha ‘g iarraidh còir orm

‘S ann dh’fhògair mi e uam.

Is tha mi nis gun treòraiche

Gu m’sheòladh thar nan stuadh,

Oir ‘s dlùth air abhainn Iòrdain mi

‘S mi gus an deò thoirt suas.

college blog links praise locate a church the record magazine bookshop