Gaelic Resources

Agus Thaining Lobhar Da Ionnsaigh….

Searmon leis an t-Urr. Iomhair Màrtaiun, a eaglais Bhon Accord ann an Obair Eadhainn air Marcus 1:40-45, anns am bheil e a’misneachadh dhaoine fa chomhair a bhith suidhe aig bòrd an Tighearna.

Tha a’ chiad chaibidil ann an soisgeul Mharcuis ag ìnnse dhuinn mar a thòisich ministrealachd Iosa timcheall Chapernàum faisg air muir Ghalile. Agus tha Marcus a ‘dol a-steach direach gu bhith labhairt mu a mhinistrealachd gun a bhith ag ràdh càil mu a bhreith agus gun a bhith ag ràdh mòran mu a bhaisteadh no a bhuaireadh - ach tha e ag iarraidh a bhith ag ìnnse mu mhìorbhailean agus theagaisg Chriosd.

Agus cha b’fhada gus an robh Iosa air a chuairteachadh le sluagh mòr aig an robh iomadh seòrsa tinneas agus rudan ceàrr nan cuirp - bha iad a’ tighinn gu Iosa air son an slànachadh. Nuair a fhuair iad a mach gu robh cumhachd iongantach aig Iosa, thàinig iad nan ceudan air son gum biodh iad fhèin air an slànachadh agus air son a bhith faicinn, agus a’fianaiseachadh gu robh cumhachd agus ùghdarras mìorbhaileach aig Iosa nach robh aig duine sam bith eile.

Agus am measg a h-uile duine ris a bheil sinn a’ coinneachadh anns a’ chiad chaibidil seo, agus an sluagh mòr, bha aon duine nach b’urrainn a bhith tighinn faisg air càch. Dh’fheumadh esan a bhith ga chumail fhèin fada air falbh bhon fheadhainn eile, oir se lobhar a bh’ann.

Bu chaomh leam sùil a thoirt air ceithir nithean sònraichte a thaobh mar a shlànaich Iosa an duine seo, agus na rudan tha sinne ag ionnsachadh air ar son fhèin a thaobh mar tha Iosa ri dèiligeadh ri gach aon a chuireas a chreidimh annsan. Dh’iarrainn cuideachd a bhith gar misneachadh gu bhith a’ suidhe aig bòrd an Tighearna Là na Sàbaid.

An seòrsa galair a bha air

Bheir sinn sùil air cho uamhasach sa bha luibhre agus an rud a tha an tinneas ag ìnnse dhuinn, agus an dealbh a tha an tinneas seo a’ dèanamh a thaobh an staid anns a bheil an t-saoghal agus anns a bheil sinne mar pheacaich.

Bha luibhre nas miosa na h-uile seòrsa tinneas eile a dh’fhaodadh tu a ghlacadh. Se tinneas uamhasach a bh’ann; dh’fheumadh d’fhalt a bhith air fhàgail , dh’fheumadh d’aodach a bhith air a reubadh, dh’fheumadh còmhdach a bhith timcheall do bhil, dh’fheumadh tu a bhith fuireachd a-mach as a’ bhaile neo as a’ champ, agus nan dèidheadh tu faisg air duine sam bi dh’fheumadh tu eughachd “Neòghlan!” Thairis air a-sin, chan fhaodadh duine sam bi air an robh luibhre, a bhith tighinn faisg air àit adhraidh. Cha robh e ceadaichte do lobhar a bhith dol chun an t-sionagog aig àm sam bi. Sgar a thinneas e bho làthaireachd an Tighearna.

An lobhar air a bheil a phlaigh, reubar a aodach, agus bidh a cheann lomnochd, agus cuiridh e falach air a bhil uachdaraich, agus glaodhaidh e “Neòghlan, Neòghlan”. Re nan uile làithean a bhios a phlàigh air, bidh e salach; tha e neòghlan: gabhaidh e còmhnaidh na aonar; an taobh a muigh den champ bidh a ionad-taimh Lev 13: 45-46

Se dealbh a bha anns an luibhre - dealbh air cho ceàrr ‘s an deach an t-saoghal a` falbh bhon Tighearna tre pheacadh. Se sinn an staid anns an fhuair Iosa an saoghal nuair a thàinig e. Saoghal a bha foirfe agus ro-mhath agus brèagha nuair a chaidh a chruthachadh air tùs. Agus cinne-daonna, air a chruthachadh mar chrùn os ceann a h-uile càil eile, agus air a chruthachadh ann an dealbh Dhè agus a - rèir a choslais, ach a - nis seach gun tàinig peacadh don t-saoghal, tha Iosa a` faighinn saoghal glè eadardhealaichte - far am bheil daone air an fìor ghlacadh le deamhan, agus làn luibhre agus ri bàsachadh - saoghal ann an àmhghar mòr.

Se seo an saoghal a thàinig Iosa a theàrnadh; saoghal a ghràdhaich Dia. Agus se dealbh a bha ann an luibhre - dealbh air pheacadh - gar sgaradh bho Dia agus gar sgaradh bho dhaoine eile, gar dèanamh salach agus gar treòrachadh aig deireadh an là, gu bàs.

Mar a thàinig e gu Iosa

Bha an duine air a dhòchas gu lèir a chall anns na bliadhnachan a bha e air a chaitheamh a’fulang an tinnis a bha seo. Cha b’urrainn do neach sam bith a chuideachadh ‘s cha robh càil roimhe ach am bas. Dh’fhaodadh e faicinn mar bha a chraicionn ag atharrachadh o là gu là.

Ma tha sinn airson na mìorbhailean a thuigse sann le bhith ag aithneachadh gur h-e cosamhlachdan a tha annta a nì sinn sin; cosamhlachdan a tha ag ìnnse dhuinn agus a’ sealltainn dhuinn mar a thàinig Iosa dhan t-saoghal a chum ar glanadh agus ar slànachadh. Agus anns an duine seo chì sinn fìor uamhas a pheacaidh gar sgaradh o Dhia agus ag aobharachadh bàs - “oir is e tuarasdal a pheacaidh am bàs.”

Tha dà rud a’ gabhail àit; tha fios aige dè cho neòghlan sa tha e, tha fios aige cò tha ann an Criosd, gur e Dia s ‘an fheòil a tha ann, ach aig an aon t- àm, tha fios aige nach urrainn dha a bhith tighinn faisg air duine sam bi, ach thainig e gu Criosd - a dh’aindeoin’s cho naomh sa a tha Iosa, agus a dh’aindeoin’s cho neòghlan sa tha esan, thàinig e chun an aon dhòchas a bh’aige. Se sin creidimh - agus chan eil duine sam bi aig a bheil creidimh aig nach eil tomhais do mhì-chreidimh cuideachd.

Cuimhnichibh air neach eile anns an naodhamh caibidil de Mharcus a thàinig gu Iosa le a mhac aig an robh deamhan; cuimhnichibh an rud a thuibhairt e Tha mi a’ creidsinn, a Thighearna; cuidich thusa lem mhì-chreideamh.

Mar a dhèilig Iosa ris

a) Gu pearsanta

“Is àill leam” - tha mi deònach - chanadh tu gu robh an soisgeul anns na briathran sin, Tha mi deònach,” oir tha iad ag ìnnse dhuinn mu ghràdh Dhè do shaoghal caillte. A h-uile càil a rinn Iosa do dhaoine rinn e a-mach a truas e. Chan e mhain truas dhaoine - ach truas Dhè. Chanadh tu gur e sin an t-adhbhar gun tàinig Iosa gu bhith na dhuine, gun dh`fhuiling e `s gun bhàsaich e a chionns gu robh e deònach a bhith gar slànachadh `s gar saoradh - dh`fhaodadh tu an soisgeul a chuir a-steach dha na briathran sin oir tha iad ag ìnnse dhuinn mun ghràdh mòr a tha aig Dia dhan t-saoghal a tha ann an seo.

Dhearbh e dhà chan e a-mhàin gu robh comas aige a bhith ga shlànachadh ach gu robh e deònach. Chan e a-mhàin sin ach tha sinn a’leughadh gu robh e air a lìonadh le co-fhaireachdainn. Ghabh Iosa truas mor dheth

A chuilc bhruite cha bhris e, agus an lìon dem bheil caol smùid cha mhùch e

b) Gu cumhachdach.

Tha sinn a- nis a’ faicinn an t- ùghdarras a bha aig Iosa. Sin mar a dh’obraich Chriosd. Se sin mar a sheall e dhan t-saoghal cò e. Tabhairt àithne dhan an luibhre, a’tabhairt àithne dha na ghaoth agus dha na tuinn - air son sealltainn an t-ùghdarras a bh’aige thairis air a h-uile cumhachd a’tabhairt àithne dha na deamhan agus eadhon dha na mairbh - agus tha h-uile cail a’ gèilleadh dhà. An toiseach tha e a’tabhairt àithne dhan luibhre agus an uair sin dhan duine.

Ach nach iongantach gun ghèill an luibhre do dh’ Iosa ach gun d’rinn an duine rud a bha calg-dhìreach an aghaidh an àithne a thug Iosa dha! 4) Mu dheireadh - bha an duine eas-umhail Tha rudeigin air a dhol ceàrr anns a’ chunntas seo. An dèidh dha glanadh fhaighinn, chan eil deireadh a’ chunntais seo cho math s a bhiodh dùil againn. Oir dh’fhalbh an duine à seo agus rinn e rud a bha calg-dhìreach an aghaidh an rud a dh’àithn an Thighearna dhà. Thoisich e ri cuir an cèill dhan a h-uile duine an rud a thachair dhà - agus a’ mhìorbhail a rinn Chriosd air a shon.

Nis ‘s dòcha gun canadh cudeigin: uill, dè tha cearr air an rud a rinn e - nach be nì mìorbhaileach a bha ann - agus nach e rud math a tha ann a bhith dol timcheall agus ag ìnnse dhan a h-uile duine an deagh sgeul? Agus ‘s dòcha gun canadh tu ged a dh’òrdaich Iosa dhan duine seo, gun a bhith ag ìnnse mu na thachair nach b’e rud cudthromach a bh’ann.

Agus ‘s ann anns an àite seo a bhios sinn a’dol ceàrr cho tric - le sinn a bhith co-dhùnadh dè a tha cudthromach agus dè nach eil cudthromach. Rinn Iosa soilleir nach fhaodadh e càil a ràdh, agus se sin an dearbh nì a rinn e. Agus mar thoradh air a sin chuir e bacadh air obair Chriosd. Mhill e obair Chriosd - De bu choireach nach b’urrainn do dh’ Iosa a bhith dol a-steach do na bailtean gu follaiseach? Uill, anns a’ chiad àit, thigeadh slaugh mòr a dh’fhaicinn dè a thachair, agus tha fhios agaibh mar a tha nàdar do shluagh mòr - bhiodh hysteria nam measg - agus aig an t-aon àm, bhiodh iad a’ faicinn an duine seo a’dol timcheall ag ìnnse gun deach a shlànachadh. Ach ‘s ann anns an aon aodach a bh’aige mas deach a shlànachadh a bhiodh e fhathast- agus a dh’aindeoin na bha an duine seo ag ràdh, bhiodh eagal air an sluagh agus bhiodh iad a’ fiachainn ri cumail air falbh bhuaidhe seach nach do nochd e air beulaibh an t-sagart a chùm a dhearbhadh gu robh e slàn agus glan.

Nis, se rud cudthromach a tha ann an seo, oir cha d’thug Iosa àithne dhan duine seo gun adhbhar. Bha e ag iarraidh gum biodh an duine seo glan gu oifigeal - agus air son gum faiceadh an t-sagart air a shon fhèin gu robh cumhachd mhìorbhaileach aig Iosa - agus a bhith co-dhùnadh gur e Mesias a bh’ann.

Tha e comasach dhuinne a bhith faicinn rudan mìorbhaileach a thaobh Chriosd, agus ag aithneachadh gur h-e Mac Dhè a tha ann, ach an dèidh sin, a bhith dèanamh rudeigin an aghaidh Chriosd. Se ar ciad dleasdanas a bhith umhail do Chriosd. Rud sam bi a bhios e ag ìnnse dhuinn, feumaidh sinn a bhith dèanamh an dearbh rud a tha e ag ràdh.

Agus, an nochd, tha Iosa a toirt àithne dhuinn cuideachd a thaobh a bhòrd agus a shuipear deanaibh seo mar chuimhneachan ormsa - se àithne a tha sin. Agus chan eil còir aig duine sam bi a bhith leigeal seachad rud a thubhairt Iosa - rud a dh’àithn’ e dha dheisciobail. Tha cuid ann agus chan eil iad a’ smaoineachadh gur e rud cudthromach a tha ann a bhith suidhe aig bòrd an Tighearna - agus cuid eile agus tha iad ag ràdh nach eil iad riaraichte gu leòr lem beatha. Uill, duine sam bi a tha riaraichte le a bheatha, ‘s esan aig nach eil còir a bhith suidhe aig bòrd an Tighearna!

Chan eil sinn a’ tighinn Là na Sàbaid ag ràdh dè na rinn sinn air son an Tighearna, ach na rinn an Tighearna air ar son, agus ma tha thu ri cuir d’earbs’ a-mhàin ann an Iosa, agus ga leantainn tre chreideamh, thig thusa chun a bhòrd.

college blog links praise locate a church the record magazine bookshop